525: Tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu
Tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu. ’S e seanfhacal glic a tha sin. An cuala sibh riamh e? Tha e a’ ciallachadh understand the boat and the boat will understand you. Tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu.
Chunnaic mi an seanfhacal sin sgrìobhte air balla o chionn ghoirid. Gu mì-fhortanach, ’s ann air an latha mu dheireadh agam de bhith a’ seòladh ann an gheat a bha e. Bha e air a bhith na b’ fheàrr mar bhrosnachadh dhomh air a’ chiad latha! Co-dhiù, bha mi a’ feuchainn fad ceala-deug tuigse nas fheàrr a bhith agam air an eathar gus an tuigeadh ise mise. Ach ’s dòcha gu bheil pìos againn ri dhol fhathast airson an tuigse eadarainn a bhith cho math ’s a dh’fhaodadh.
Tha an seanfhacal sgrìobhte air balla taobh a-staigh Taigh-òsta Mhishnish ann an Tobar Mhoire ann am Muile. Chuir sinn seachad an oidhche mu dheireadh de ar cuairt-mhara ann an cala Thobair Mhoire. Agus ghabh sinn biadh ann an Taigh-òsta Mhishnish – a tha ainmeil mar àite far an cluinnear ceòl traidiseanta. Bha an taigh-òsta uaireigin leis an fhear-chiùil ainmeil, Bobby MacLeòid. ’S ann le a ghille, Raibeart, a tha e a-nise.
Tha tòrr sheanfhaclan sgrìobhte air na ballachan anns an taigh-òsta. ’S e “Caileagan” is “Balaich” a tha sgrìobhte air dorsan nan taighean-beaga, ged a tha cuideigin air “Ladies” agus “Gents” a sgrìobhadh ann am peansail fo na sanasan Gàidhlig. Agus os cionn aon àite teine, tha an seanfhacal Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chèile! Deagh smuain dha-rìribh! Ach, leis gun robh mi air a bhith air gheat airson cola-deug, ’s e an seanfhacal mu sheòladh a b’ fheàrr leam – tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu.
Cha chreid mi gu bheil dòigh nas tarraingiche a bhith a’ coimhead air beanntan taobh an iar na Gàidhealtachd na bhith aig muir. Chuir sinn seachad latha eadar Ceann Loch Biorbhaidh agus Loch Thùrnaig, faisg air Poll Iù. Agus anns an aon sealladh, chitheamaid na beanntan eadar Foinne Bheinn anns a’ cheann a tuath agus beanntan Thoirbheartain anns a’ cheann a deas. Mar as trice, nuair a thathar air tìr, chan fhaicear a h-uile gin dhiubh sin anns an aon sealladh. Ach, aig muir, tha iad uile air an taisbeanadh air do bheulaibh mar gun deach am peantadh air canabhas fada. Air latha brèagha samhraidh, co dh’iarradh a dhol a sheòladh ann an àite sam bith eile? Nuair a tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, cha dèanar beatadh air Gàidhealtachd na h-Alba airson bòidhchead.
Agus ’s iomadh rud a chithear aig muir cuideachd, a bharrachd air seallaidhean tìre. Chunnaic sinn leumadairean, peileagan agus aon mhuc-mhara (faisg air Eilean nam Muc). Agus chunnaic sinn eòin-mhara gu leòr cuideachd, ged nach robh iad cho pailt ’s a bhiodh dùil, ’s dòcha. Bha buthaidean ann, agus sùlairean, fulmairean, coltraichean, eòin dubha sgadain, calltagan agus fasgadain. Agus timcheall nan Eilean Beaga, bha fachaich gu leòr ann. Tha iadsan a’ neadachadh ann an Ruma.
Agus chuala sinn aon eun nach tàinig nar sealladh idir. Bha sinn faisg air an Rubha Rèidh, gu tuath air a’ Gheàrr Loch. Bha fuaim eagallach ann mar gun robh boireannach a’ sgreuchail airson a beatha. B’ e sin an learga mhòr – no red-throated diver. Bhiodh na seann daoine ag ràdh nuair a bhios an learga a’ seinn nach fhada gum bi an t-uisge ann. Agus air an latha sin, bha iad ceart. Bha smugraich ann an ceann ùine ghoirid. Nuair a tha thu a’ seòladh chan e a-mhàin tuigse air an eathar a tha feumail.
Faclan na Litreach: glic: wise; eadarainn: between us; Ceann Loch Biorbhaidh: Kinlochbervie; Poll Iù: Poolewe; fachaich: Manx shearwaters; learga mhòr: red-throated diver; smugraich: drizzle.
Abairtean na Litreach: a’ seòladh ann an gheat: sailing in a yacht; na b’ fheàrr mar bhrosnachadh dhomh: better as an encouragement to me; bha mi a’ feuchainn fad cola-deug: I was trying for a fortnight; far an cluinnear X: where X is (can be) heard; cha chreid mi gu bheil dòigh nas tarraingiche: I don’t reckon there is a more attractive way; chan fhaicear a h-uile gin dhiubh: not all of them can be seen; air an taisbeanadh air do bheulaibh: displayed in front of you; cha dèanar beatadh air X: X can’t be beaten; ’s iomadh rud a chithear aig muir: many things are (can be) seen at sea; leumadairean, peileagan agus aon mhuc-mhara (faisg air Eilean nam Muc): dolphins, porpoises and one whale (near Muck); buthaidean, sùlairean, fulmairean, coltraichean, eòin dubha sgadain, calltagan agus fasgadain: puffins, gannets, fulmars, razorbills, common guillemots, black guillemots and bonxies; fuaim eagallach mar gun robh boireannach a’ sgreuchail airson a beatha: a frightful sound as if a woman were screaming for her life; nach fhada gum bi an t-uisge ann: that it won’t be long until it rains; chan e a-mhàin tuigse air an eathar a tha feumail: it’s not only understanding of the boat that is useful.
Puing-chànain na Litreach: chitheamaid na beanntan eadar Foinne Bheinn anns a’ cheann a tuath agus beanntan Thoirbheartain anns a’ cheann a deas: we could see the mountains between Foinaven in the north and the mountains of Torridon in the south. Chitheamaid is the first person plural conditional/past habitual form of the verb faic (tosee). Chitheamaid can also mean “ we would see” or “we used to (regularly) see”. But, with this verb, it also carries the meaning of “we could see”. You may know phrases like “chì mi na beanntan” which can mean “I can see the mountains” as well as “I will see the mountains” and “am faic thu na craobhan?” which can mean “can you see the trees?” as well as “will you see the trees?”. The context will make the exact meaning obvious. In some places you might meet dh’fhaiceamaid rather than chitheamaid.
Seanfhaclan na Litreach: Tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu: understand the boat and the boat will understand you; Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chèile!: children of the Gael, shoulder to shoulder!
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 221
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn