A bharrachd air a bhith na shàr-reuladair, bha Johann von Lamont, a rugadh ann an Gàidhealtachd Siorrachd Obar Dheathain, aithnichte mar eòlaiche air
    iùil-tharraing agus dealan. Chruthaich e uidheamachd a ghabhadh cleachdadh airson neart na h-iùil-tharraing air uachdar na talmhainn a thomhas. Rinn e
    fhèin obair mhòr ann a bhith a’ tomhas a leithid ann am Babhàiria. Às dèidh sin, fhuair e cùmhnantan bho riaghaltasan grunn dùthchannan Eòrpach eile airson
    an aon rud a dhèanamh dhaibhsan.
    Sgrìobh e mu bhuaidh na gealaich air gluasad snàthad iùil-tharraingeach, agus mhothaich e gun robh neart na h-iùil-tharraing air uachdar na talmhainn a’
    gluasad ann an cuairtean deicheadach. Bha sin gu math faisg air cuairt spotan na grèine a chaidh a lorg le Heinrich Schwabe. Agus sgrìobh
    von Lamont tràchdas air a’ cheangal eadar comharraidhean dealain na Talmhainn agus iùil-tharraing na planaid. Bha e gu math ainmeil ann an saoghal
    saidheans – air feadh an t-saoghail.
    Ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a trì (1873) chaidh Iarla Crawford, a bha na reuladair neo-dhreuchdail, gu ruige Munich airson bruidhinn ri von Lamont,
    agus comhairle fhaighinn bhuaithe mu uidheamachd. Thòisich an t-Iarla an còmhradh ann an Gearmailtis agus chuir e iongnadh air nuair a fhreagair am fear
    eile ann am Beurla, le blas Albannach.
    Fhuair von Lamont ballrachd anns a’ Chomann Rìoghail ann an Lunnainn – an t-urram a thomhais e fhèin thar a h-uile fear eile. Airson còrr is leth-cheud
    bliadhna, bha e a’ fuireach leis fhèin ann am baile beag Bogenhausen faisg air Munich. Chaochail e ann an sin ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a naoi
    (1879). Bha airgead mòr aige sa bhanca. Leis nach do phòs e, agus nach robh clann aige, thug e cha mhòr an t-airgead air fad do dh’Oilthigh Mhunich mar
    thaic-airgid do dh’oileanaich.
Nuair a nochd iomradh air beatha is bàs von Lamont anns na pàipearan-naidheachd sa Ghearmailt, mhothaich Bana-phrionnsa na Gearmailt     dhaibh. B’ ise nighean Banrigh Bhictoria. Sgrìobh i gu a màthair, ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh càirdean aig von Lamont
    fhathast beò ann am Bràigh Mhàrr – oir tha Baile Mhoireil gu math faisg air.
    Thachair e gun robh fear à Bràigh Mhàrr ag obair don Bhanrigh ann am Windsor. Dh’iarr Bhictoria air an fhear seo rannsachadh a dhèanamh air a’ chùis nuair
    a rachadh iad a Bhaile Mhoireil. Rinn e sin agus fhuair e a-mach gun robh nighean agus grunn oghaichean aig leth-phiuthar von Lamont fhathast beò. Tha
    feadhainn a bhuineas don teaghlach sin anns an sgìre chun an latha seo fhèin.
    Chaidh von Lamont – a thòisich a bheatha ann an Coire Mhuillidh faisg air Inbhir Èidh mar Iain MacIlleDhuibh no John Lamont – a chomharrachadh ann an
    dùthaich a bhreith le carragh-cuimhne. Ach bha sin fada às dèidh a bhàis. Chaidh an carragh a chur suas ann an Inbhir Èidh – dìreach mìle bhon àite san do
    rugadh e – ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934).
    Ach chan e sin an t-aon àite anns a bheil e air a chuimhneachadh. Tha toll air uachdar na gealaich air a bheil an t-ainm “Lamont”. Tha sin air Muir a’
    Chiùineis no  Mare Tranquilitatis  – faisg air far an tàinig Apollo 11 gu tìr air a’ ghealaich – a’ chiad turas riamh a chuir duine cas oirre.
    Sin agaibh, ma-thà, cunntas air beatha Johann von Lamont. Ma tha fiosrachadh sònraichte eile aig duine agaibh air a bheatha no air an fheadhainn leis an
    robh e, bhithinn uabhasach toilichte cluinntinn bhuaibh. Ach an-dràsta, mar sin leibh.