Anns na bliadhnaichean mu dheireadh de chaogadan an naoidheamh linn deug càite an robh na coitheanalan Gàidhlig a bu mhotha air an t-saoghal? Tha mi a’
    ciallachadh coitheanalan eaglaise. Ann an Steòrnabhagh, ’s dòcha? No Port Rìgh? No Inbhir Nis? Uill, tha e cinnteach gu robh coitheanalan mòra anns na
    h-àiteachan sin. Ach tha amharas agam nach robh gin aca na bu mhotha na coitheanal Inbhir Ùige.
    Seadh – Inbhir Ùige. Ged a bha Gàidhlig ga bruidhinn ann an taobh an iar is ceann a deas Ghallaibh, b’ i a’ Bheurla Ghallda càinnt muinntir Inbhir Ùige.
    Ach bha gnothaichean cànain a’ bhaile ag atharrachadh ann an seusan an iasgaich. Nuair a bha an t-iasgach a’ dol, bha na h-uibhir de Ghàidheil a’ dol ann,
    gu h-àraidh bhon Eilean Sgitheanach is na h-Eileanan Siar.
    Bhiodh suas ri ceithir mìle duine a’ tighinn cruinn còmhla ann am pàirc ann an Inbhir Ùige air an t-Sàbaid airson seirbheis Ghàidhlig. Bhiodh suas ri
    triùir mhinistearan a’ frithealadh a’ choitheanail oir bha e ro mhòr airson aon duine.
    Bha gnìomhachas an iasgaich air leth mòr
    ann an Alba aig an àm sin. Agus bha Inbhir Ùige am measg nam bailtean a bu chudromaiche san dùthaich airson iasgach – gu h-àraidh iasgach an sgadain. Bha
na h-iasgairean à iomadh àite. Bhiodh bonaidean Gàidhealach air na h-iasgairean Gàidhealach agus    bhiodh sin gan comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho chàch.
    Bhiodh geansaidhean orra uile, ach bha diofar beag ann eadar na geansaidhean à diofar sgìrean. Bha dà sheòrsa de gheansaidh aig gach iasgair – fear obrach
    agus fear airson gnothaichean sòisealta, a’ gabhail a-steach frithealadh na h-eaglaise. Bha diofar eadar an dà sheòrsa. Cha robh putanan air an fheadhainn
    a bhathar a’ cleachdadh airson iasgach. Bhiodh putanan cunnartach. Dh’fhaodadh iad a bhith air an glacadh sna lìn. Bha na cinn-mhuinichill air na
    geansaidhean sin fada teann – airson blàths a chumail a-staigh. Bha na geansaichean fada air an cùlaibh cuideachd – airson dubhagan nan iasgairean a
    chumail blàth.
    Ach bha na geansaidhean airson gnothaichean sòisealta na bu spaideile. Bha putanan orra a leigeadh leis an duine an geansaidh a thoirt dheth gun a bhith a’
    sìneadh a’ bhann-mhuineil. Bha na putanan air na guailnean.
    Bhiodh suas ri ceithir putanan air gach gualann aig geansaidhean iasgairean bhon chosta an ear. Bha e comasach do dhaoine dèanamh a-mach dè am port dham
    buineadh iasgair, le bhith a’ coimhead air na putanan air a gheansaidh. Mar eisimpleir, bhiodh ceithir putanan air gualann chlì iasgairean à Inbhir Ùige,
    agus an t-aon astar eatarra. Bhiodh dìreach aon phutan, no dhà no thrì, air geansaidhean iasgairean a bhuineadh do chuid de phuirt eile. Bha na putanan
    uaireannan na chuideachadh nuair a bhathar a’ feuchainn ri iasgair a chaidh a bhàthadh aithneachadh.
    Bha a’ Ghàidhlig gu math làidir ann an Inbhir Ùige ann am mìosan an t-samhraidh. Tha mi cinnteach gu robh cuid de mhuinntir a’ bhaile ann nach robh ro
    chofhurtail mun t-suidheachadh. Bho àm gu àm, bhiodh droch-rùn a’ tighinn am follais eadar an dà shluagh.
    B’ e an tachartas a bu mhiosa dhiubh sin an aimhreit air an robh, agus air a bheil, “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”. Thachair sin ann an ochd ceud deug, caogad
    ’s a naoi (1859), agus innsidh mi dhuibh mu a deidhinn an ath-sheachdain.