FaclairDictionary EnglishGàidhlig

349: Aibidil

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Aibidil

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn fhathast a’ toirt sùil air rannan a nochdas anns an leabhar “Air do bhonnagan a ghaoil”, a chaidh fhoillseachadh an-uiridh le Acair. An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air dà rainn. Seo a’ chiad tè, air a bheil “Aibidil”:

A airson Adhamh

Acrach sa ghàrradh.

B airson bealach

Bò chaol a’ tighinn gu baile.

C airson Cailean,

A cheann air cluasaig, ’s e na chadal

D airson dìgean,

Digearan a’ sgrìobadh

E airson Eachainn,

Air each geal a’ dol seachad.

F airson Fèis,

’S fear na fìdeig aic’ leis fhèin.

G airson Goraidh,

A ghoid aodach bean Sheonaidh.

Eadar Hiort is na Hearadh

Chailleadh Harry ’s an eathar.

Ann an Ì anns a’ chill

Rìghrean Alba aig sìth.

Tha siud gu leòr: tha sinn sgìth!

Nise seo rann cunntaidh.’S e an t-ainm a th’ air “Deich Balaich Bheaga Dhubha”:

Deich balaich bheaga dhubha

Nan suidhe muigh air being –

Thug an starrag leatha Seoc

’S cha robh ann ach naoi.

Naoi balaich bheaga dhubha

Nan suidhe muigh air tobht’ –

Thuit Fionn tro tholl nan cearc

’S cha robh ann ach ochd.

Ochd balaich bheaga dhubha

Ag iasgach le slait –

Ghoid na giomaich Fearchar

’S cha robh ann ach seachd.

Seachd balaich bheaga dhubha

Nan suidhe ’g ithe ’m biadh –

Thachd buntàta Coinneach crost

’S cha robh ann ach sia.

Sia balaich bheaga dhubha

A’ cur a-steach an fheòir –

Thuit a’ chruach air Ùisdean beag

’S cha robh ann ach còig.

Còig balaich bheaga dhubha

A’ seòladh ann an eathar

Shluig muc-mhara Donnchadh

’S cha robh ann ach ceithir.

Ceithir balaich bheaga dhubha

Nan cadal leis an sgìths –

Thuit Raghnall tron an leabaidh

’S cha robh ann ach trì.

Trì balaich bheaga dhubha

Ag ithe mìr is càis –

“Mar sin leibh,” thuirt Alasdair

’S cha robh ann ach dhà.

Dà bhalach bheag dhubh

A’ toirt a-steach a’ bhùirn –

Thuit Eachann dhan an tobair

’S cha robh ann ach aon.

Aon bhalach beag dubh

Na sheasamh ’s car na cheann –

Ruith esan a dh’Ameireagaidh

’S cha robh ’n còrr ann.

Ma tha sibh ag obair le cloinn, nach biodh e math an rann sin a chluich mar gheam, le deichnear cloinne, agus iad a’ falbh fear ma seach. Seo an rann a-rithist – agus bheir sin gu deireadh na Litreach sinn. Cuimhnichibh gun gabh an leabhar math brèagha seo ceannach. Dhèanadh e deagh phreusant co-là-breith!

Deich Balaich Bheaga Dhubha etc…

Faclan na Litreach: giomaich: lobsters; cruach: haystack.

Abairtean na Litreach: a ghoid aodach bean Sheonaidh: who stole Seonaidh’s wife’s clothes; chailleadh Harry ’s an eathar: Harry and the boat were lost; ann an Ì anns a’ chill: in Iona in the church; rìghrean Alba aig sìth: kings of Scotland at rest; deich balaich bheaga dhubha:ten small black-haired lads; thug an starrag leatha Seoc: the crow took Jock with her; thachd buntàta Coinneach crost:a potato choked irritable Kenny; a’ cur a-steach an fheòir: putting in the hay; shluig muc-mhara Donnchadh: a whale swallowed Duncan; a’ toirt a-steach a’ bhùirn: taking in the water.

Puing-chànain na Litreach: Thuit Eachann dhan an tobair : Hector fell into the well. You might have expected dhan tobair or don tobair here, but in Ness and some other Gaelic-speaking areas the form is dhan an tobair. Similarly the Nisich say “dhan a’ bhaile” where many would say “dhan bhaile” or “don bhaile” . GOC II (the recently published Gaelic Orthographic Conventions) confirmed the legitimacy of representing it in this way in print.

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha robh ’n còrr ann : there was nobody left.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 45

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean