1325: Pàdraig Friseal (3)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Pàdraig Friseal (3)
Tha mi a’ leantainn le eachdraidh-beatha Phàdraig Fhriseil à Taobh Sear Rois – fear à teaghlach bochd Gàidhealach a dh’èirich gu bhith na phrìomhaire ann an Sealann Nuadh. Air dha bhith anns a’ phrìosan fad bliadhna, bha e gu math eòlach air poilitigs agus riaghailtean na pàrlamaid. Sin na cuspairean a bha e a’ leughadh fhad ’s a bha e fo ghlas!
Ann am fo thaghadh airson sgìre Meadhan Wellington, ann an naoi ceud deug is ochd-deug (1918), sheas Pàdraig airson a’ Phàrtaidh Làbaraich. Bhuannaich e gu furasta. B’ esan a-nise am ball a b’ òige sa phàrlamaid nàiseanta, aig aois trithead ’s a ceithir (34).
Thachair e ri Seònaid Kemp. ’S e ban-Albannach a bh’ innte, à Glaschu. Bha i dealaichte bhon chèile aice. Bha mac òg aice. Phòs i fhèin is Pàdraig agus bha pòsadh air leth toilichte aca. Cha robh clann a bharrachd aca, ach bha Pàdraig agus an dalta aige – Harold – dlùth ri chèile.
Bha na bliadhnaichean sin doirbh don Phàrtaidh Làbarach ann an Sealann Nuadh. Bha iad a’ feuchainn ri astar a chumail eadar iad fhèin agus am Pàrtaidh Coimiunach. Leis nach robh e anns an riaghaltas, bha cothrom aig Pàdraig ùine a ghabhail dheth ann an naoi ceud deug, trithead ’s a còig (1935).
Sheòl e fhèin is Seònaid a Lunnainn, an toiseach airson coinneamhan co-cheangailte ri obair. Chaidh iad gu Baile an Droma agus sheall ‘Pat’ do a bhean an t-àite far an do rugadh is far an do thogadh e.
Faisg air deireadh na bliadhna, bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach an taghadh nàiseanta ann an Sealann Nuadh. Ghabh Pàdraig grunn dreuchdan aig àrd-ìre. Bha e na Leas-phrìomhaire, agus na Mhinistear airson Foghlam agus airson Slàinte. Bha e cuideachd na Mhinistear airson nam Poileas, dreuchd a bha doirbh an toiseach leis gun robh e air a bhith sa phrìosan. Ach ghabh na poilis ris gun robh Pàdraig onarach agus comasach, agus gun robh e taiceil dhaibh, agus bha cùisean rèidh eatarra.
Nuair a thòisich cogadh san Roinn-Eòrpa, thug Sealann Nuadh a làn-thaic don Rìoghachd Aonaichte. Mìos an dèidh toiseach a’ chogaidh, bha Pàdraig ann an Lunnainn, oir bha Prìomhaire Sealainn Nuaidh tinn. Ghabh Pàdraig cothrom tadhal air an t-seann dachaigh aige air a’ Ghàidhealtachd.
Chaochail am Prìomhaire anns a’ Mhàrt naoi ceud deug is ceathrad (1940), agus chaidh Pàdraig a thaghadh na àite. Bha mìltean de shaighdearan à Sealann Nuadh mar phàirt de dh’armailt nan Co-chòmhragaichean anns an Ear-Mheadhanach. Chaidh Pàdraig a thadhal orra anns an Èiphit. Bha e cuideachd ann am Breatainn far an robh coinneamhan aige le Winston Churchill. Thill e a-rithist don Ghàidhealtachd. Chaidh saorsa còig bailtean a bhuileachadh air – Obar Dheathain, Glaschu, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus – faisg air an t-seann dachaigh aige – Baile Dhubhthaich. Bha spèis mhòr aig muinntir Taobh Sear Rois dha.
Ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1942), bha Pàdraig anns an Taigh Gheal ann am Washington DC. Ach b’ fheudar dha tilleadh dhachaigh, agus mì-thoileachas ann gun robh na mìltean de shaighdearan anns an leth-chruinne mu thuath, nuair a bha Iapan a’ bagairt air dùthchannan ceann a deas a’ Chuain Sèimh.
Faclan na Litreach: Seònaid: Janet; pòsadh: marriage; Baile an Droma: Hill of Fearn; Leas-phrìomhaire: Deputy Prime Minister; An Èiphit: Egypt; Inbhir Pheofharain: Dingwall; Baile Dhubhthaich: Tain.
Abairtean na Litreach: eachdraidh-beatha Phàdraig Fhriseil à Taobh Sear Rois: the life story of Peter Fraser from Easter Ross; fear à teaghlach bochd Gàidhealach: a man from a poor Highland family [his parents spoke Gaelic]; a dh’èirich gu bhith na phrìomhaire ann an Sealann Nuadh: who rose to become the prime minister in New Zealand; fhad ’s a bha e fo ghlas: while he was locked up; sheas Pàdraig airson a’ Phàrtaidh Làbaraich: Peter stood for the Labour Party; am ball a b’ òige: the youngest member; dealaichte bhon chèile aice: divorced from her husband; a’ feuchainn ri astar a chumail eadar iad fhèin agus am Pàrtaidh Coimiunach: trying to maintain distance between themselves and the Communist Party; dreuchd a bha doirbh an toiseach leis gun robh e air a bhith sa phrìosan: a job that was difficult to begin with because he had been in prison; bha cùisean rèidh eatarra; they were on good terms; armailt nan Co-chòmhragaichean anns an Ear-Mheadhanach: the Allied forces in the Middle East; chaidh saorsa ceithir bailtean a bhuileachadh air: he was granted the freedom of five towns; b’ fheudar dha tilleadh dhachaigh: he had to return home; gun robh na mìltean de shaighdearan anns an leth-chruinne mu thuath: that there were thousands of soldiers in the northern hemisphere; nuair a bha Iapan a’ bagairt air dùthchannan ceann a deas a’ Chuain Sèimh: when Japan was threatening the countries of the South Pacific.
Puing-chànain na Litreach: sheall ‘Pat’ do a bhean an t-àite far an do rugadh is an do thogadh e: ‘Pat’ showed [to] his wife the place where he was born and raised. In older Gaelic we would have said do a mhnaoi ‘to his wife’ using the dative form of bean ‘wife’. However, outside the formal language of a church service or academic conference, such an inflection is rarely encountered today. The nominative form has largely replaced the old inflected dative form. Don’t be worried about such changes – they are natural processes in a living language.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Air dha bhith anns a’ phrìosan fad bliadhna: after he had been in prison for a year.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1021
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn