1216: Breith Oisein
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Breith Oisein
Fhad ʼs a tha mi a’ sgrìobhadh seo, tha mi a’ coimhead bhidio. Tha mi ga moladh dhuibh. Tha i a’ ruith airson deich mionaidean agus tha i ann an Gàidhlig.
Gheibh sibh lorg oirre air YouTube fon tiotal ‘Breith Oisein – Sgeulachd na Fèinne’. ʼS e goireas foghlaim a th’ innte. Tha an sgeulachd Breith Oisein innte. Tha i air a h-aithris ann an Gàidhlig ach tha cothrom ann a coimhead le fo-thiotalan Beurla. Tha dà dhreach air an sgriobt – anns an t-seann Ghàidhlig agus dreach eile a tha a’ leantainn nòsan GhOC.
Bha dithis an sàs anns a’ phròiseact – an t-Ollamh Mìcheal Newton, a tha na shàr-eòlaiche air dualchas nan Gàidheal – agus an neach-ealain Tòmas Keyes. Buinidh Mìcheal do na Stàitean Aonaichte. Tha Tòmas a’ fuireach anns an Eilean Dubh.
An toiseach, tha mi airson innse dhuibh mun ealain aig Tòmas. Tha duilleag mhòr bhrèagha ann. Tha i coltach ris na duilleagan ann an Leabhar Cheannanais. Agus tha òran ann. Tha e air a sgrìobhadh agus air a sgeadachadh anns an t-seann stoidhle. ʼS e an t-ainm a th’ air an òran ‘Comhairl’ Oisein dha Mhàthair’.
Chaidh an ealain a dhèanamh anns an dòigh thraidiseanta – air seiche fèidh. Anns na notaichean, tha Tòmas ag innse dhuinn mu na h-ìomhaighean anns an dealbh agus mar a rinn e na dathan. Mar eisimpleir, rinn e inc phurpaidh le bhith a’ tiormachadh crotal sònraichte, ris an canar crotal-Chùithbreith. Chruinnich e an crotal anns an Eilean Dubh. Bhraich e ann an amòinia e airson ceithir mìosan. An uair sin, bha dath purpaidh aige, deiseil airson an dealbh a dhèanamh. Abair an obair a bha an sàs anns a’ ghnothach!
Tha an sgeulachd fhèin air a h-aithris gu soilleir le Mìcheal Newton. Tha e ag innse mar a chaidh Fionn is a chompanaich a-mach a shealg. Chunnaic iad eilid agus ghlac iad i len coin. Chuir Fionn òrdag na bheul (oir bha deud-fios aige) agus fhuair e a-mach gur e boireannach fo gheasaibh a bh’ anns an eilid.
Anns an dreach seo dhen sgeul, tha Fionn a’ cur seachad na h-oidhche còmhla ris a’ bhoireannach. Tha i a’ falbh anns a’ mhadainn. Beagan mhìosan an dèidh sin, tha mac air a bhreith dhi air sgeir ann an Loch nan Ceall faisg air Àrasaig. Bha dreach duine air, ach gun robh dosan fèidh air fhalt. B’ esan Oisean. Tha ainm a’ ciallachadh ‘laogh-fèidh’. Bha e a’ fuireach cuide ri a mhàthair airson seachd bliadhna.
Tha an sgeulachd ag innse mar a tha an gille air a lorg anns na beanntan. Tha Fionn a’ toirt dachaigh dha. Tha Oisean ag ionnsachadh Gàidhlig aig na bàird.
Latha a tha seo, tha Oisean ri sealg. Tha e a’ faicinn eilid. Tha e a’ dol a thilgeil sleagh oirre ach tha i a’ bruidhinn ris. ‘Is mise do mhàthair,’ tha i ag ràdh. Tha iad a’ dol a-steach a dh’uamh còmhla. An sin, tha Oisean a’ rabhadh mu na coin-seilg aig na Fianna anns an òran aige ‘Comhairl’ Oisein dha Mhàthair’ – a’ chiad òran a rinn e riamh.
Tha an goireas foghlaim seo sònraichte agus mholainn gu mòr e airson tidsearan, pàrantan agus sgeulaichean. Gheibhear lorg air fon ainm ‘The Birth of Ossian’ aig www.hiddenglenfolk.org.
Faclan na Litreach: Breith Oisein: the birth of Ossian (Oisean); goireas foghlaim: educational resource; neach-ealain: artist; Na Stàitean Aonaichte: The United States; an toiseach: to begin with; Leabhar Cheannanais: The Book of Kells; seiche fèidh: deer hide; fo gheasaibh: under a spell; dosan fèidh: a deer’s fringes; laogh-fèidh: deer calf; sleagh: spear.
Abairtean na Litreach: Fhad ʼs a tha mi a’ sgrìobhadh seo: while I’m writing this; tha cothrom ann a coimhead le fo-thiotalan Beurla: there is an opportunity to watch it with English subtitles; tha dà dhreach air an sgriobt: there are two forms of the script; a tha na shàr-eòlaiche air dualchas nan Gàidheal: who is an expert on the heritage of the Gaels; air a sgrìobhadh agus air a sgeadachadh anns an t-seann stoidhle: written and illuminated in the old way; Comhairl’ Oisein dha Mhàthair: Ossian’s advice to his mother; mu na h-ìomhaighean anns an dealbh: about the images in the picture; mar a rinn e na dathan: how he made the colours; rinn e inc phurpaidh le bhith a’ tiormachadh crotal sònraichte: he made purple ink by driving a particular crottle (lichen); ris an canar crotal-Chùithbreith: which is called cudbear lichen; chruinnich e an crotal anns an Eilean Dubh: he collected the lichen on the Black Isle; bhraich e ann an amòinia e: he fermented it in ammonia; abair an obair a bha an sàs anns a’ ghnothach!: what an amazing amount of work that was involved in the matter; mar a chaidh Fionn is a chompanaich a-mach a shealg: how Finn and his companions went out to hunt; chunnaic iad eilid agus ghlac iad i len coin: they saw a hind and they caught it with their hounds; chuir Fionn òrdag na bheul: Finn put a thumb in his mouth; bha deud-fios aige: he had a knowledge-tooth; tha mac air a bhreith dhi: a son is born to her; sgeir ann an Loch nan Ceall faisg air Àrasaig: a skerry in Loch nan Ceall near Arisaig; mholainn gu mòr e: I’d strongly recommend it.
Puing-chànain na Litreach: dreach eile a tha a’ leantainn nòsan GhOC: another version that follows the GOC customs. GOC stands for Gaelic Orthographic Conventions which is the most popular orthographic system for writing Scottish Gaelic in Scotland (it’s not adhered to in North America in the same way). It is for example, the system that eliminated the acute accent. You can obtain an electronic copy of the rules on the Scottish Qualifications Authority’s website at www.sqa.org.uk.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha dreach duine air: he had the appearance of a man/person.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 912
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn