1135: Griogal Cridhe (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Griogal Cridhe (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun òran ‘Griogal Cridhe’. Thug mi dà shèist eadar-dhealaichte dhuibh an t-seachdain sa chaidh. Seo agaibh treas tè! Tha i inntinneach oir tha i pearsanta don tè a sgrìobh an t-òran.
Ochan, ochan, ochan uiridh, ’S goirt mo chridhe, luaidh,
Ochan, ochan, ochan uiridh, Cha chluinn d’ athair ar caoidh.
ʼS i Mòr Chaimbeul a sgrìobh an t-òran, timcheall na bliadhna còig ceud deug is seachdad (1570). Phòs i fear Griogair MacGhriogair – Griogair Ruadh. Ach bha na Griogaraich agus na Caimbeulaich nàimhdeil do chèile. Air a’ chiad latha dhen Lùnastal, còig ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1569), chaidh Griogair a chur an grèim le buidheann de Chaimbeulaich. Am measg na ghlac e, bha athair-chèile, Donnchadh Caimbeul à Gleann Lìomhann. Seo dà rann à aon dreach dhen òran mu dheidhinn na thachair.
Moch madainn air latha Lùnast’, Bha mi sùgradh mar ri m’ ghràdh,
Ach mun tàinig meadhan-latha, Bha mo chridhe air a chràdh.
Mallachd aig maithibh ʼs aig càirdean, Rinn mo chràdh air an dòigh,
Thàinig gun fhios air mo ghràdh-sa, ʼS a thug fo smachd e le foill.
Tha Mòr ag ràdh anns an òran gum b’ fheàrr leatha nan robh dusan gaisgeach dhen chinneadh aige fhèin air a bhith aig Griogair. Cha bhiodh e sa phrìosan idir.
Bha Griogair air a chumail an grèim anns a’ chaisteal aig Cailean Liath, ceannard nan Caimbeulach, faisg air Loch Tatha. B’ e ainm Caisteal Bhealaich. Bha e far a bheil Taymouth Castle an-diugh. Bha Griogair air a chumail an sin mar phrìosanach fad ochd mìosan. Bha na Caimbeulach a’ feuchainn ri cead fhaighinn bho ùghdarrasan a’ Chrùin ann an Dùn Èideann Griogair a chur gu bàs.
Mu dheireadh thall, fhuair iad cead. Chaidh ceann Ghriogair a ghearradh dheth air an t-seachdamh latha dhen Ghiblean còig ceud deug is seachdad (1570). Anns an òran, tha a bhanntrach ag ràdh seo:
Eudail mhòir de shluagh an domhain,
Dhòirt iad d’ fhuil an-dè,
ʼS chuir iad do cheann air ploc daraich
Tacan beag bhod chrè.
Tha Mòr a’ seinn gum b’ fheàrr leatha gum biodh galar air athair agus gum biodh Cailean Liath a’ fulang leis a’ phlàigh. Ach dè an suidheachadh anns an robh i fhèin? Suidheachadh truagh, feumaidh mi ràdh. Bha leanabh aice – Alasdair Ruadh – ach nuair a chaidh an duine aice a chur gu bàs, bha i trom le dàrna leanabh. Leis gun robh Griogair sa phrìosan airson ochd mìosan, feumaidh gun do rugadh an leanabh ùr goirid an dèidh bàs athar. ʼS e gille eile a bh’ ann – a fhuair an t-ainm ‘Iain Dubh’.
Bha Mòr fiadhaich mu na thachair. Bha droch bheachd aice air a cinneadh fhèin – na Caimbeulaich – bho sin a-mach. Ach bha na Caimbeulaich airson smachd a chumail oirre. Rinn iad cinnteach gum biodh i pòsta às ùr aig cuideigin a bha dìleas dhaibh. Tha an t-eachdraiche, Màrtainn MacGhriogair, dhen bheachd gum b’ e fear Raibeart Mèinnearach à Coimridh an dàrna cèile aice. Tha Coimridh deas air Uisge Lìomhann faisg air an inbhir le Uisge Tatha. A rèir choltais, bha Mòr ann an suidheachadh cofhurtail. Bha an taigh snog agus bha gu leòr anns an sporan. Ach bha Mòr ag ionndrainn Ghriogair mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: Mòr Chaimbeul: Marion Campbell; Griogair Ruadh: red-haired Gregor; athair-chèile: his father-in-law; Cailean Liath: grey-haired Colin; Loch Tatha: Loch Tay; dìleas: loyal; Raibeart Mèinnearach: Robert Menzies; Coimridh: Comrie; ag ionndrainn: missing.
Abairtean na Litreach: Thug mi dà shèist eadar-dhealaichte dhuibh an t-seachdain sa chaidh: I gave you two different choruses last week; seo agaibh treas tè: here is a third one; tha e pearsanta don tè a sgrìobh an t-òran: it is personal to the woman who wrote the song; ’s goirt mo chridhe, luaidh (or laoigh): my heart is sore, my darling; cha chluinn d’ athair ar caoidh: your father won’t hear our lament; bha na Griogaraich agus na Caimbeulaich nàimhdeil do chèile: the MacGregors and the Campbells were enemies of each other; a’ chiad latha dhen Lùnastal: the 1st of August; dà rann à aon dreach dhen òran: two verses from one version of the song; mun tàinig meadhan-latha, bha mo chridhe air a chràdh: before midday came, my heart was in anguish; (a) rinn mo chràdh air an dòigh: who caused me anguish in their way; thàinig gun fhios air mo ghràdh-sa: who came upon my love unawares; ʼs a thug fo smachd e le foill: and who captured him by treachery; gum b’ fheàrr leatha: that she would have preferred; nan robh dusan gaisgeach dhen chinneadh aige fhèin air a bhith aig Griogair: if Gregor had had twelve heroes of his own clan; b’ e ainm Caisteal Bhealaich: its name was Balloch Castle; a’ feuchainn ri cead fhaighinn bho ùghdarrasan a’ Chrùin ann an Dùn Èideann Griogair a chur gu bàs: trying to obtain permission from the Crown authorities in Edinburgh to put Gregor to death; chaidh ceann Ghriogair a ghearradh dheth: Gregor was decapitated; eudail mhòir de shluagh an domhain: great treasure of the world’s people; dhòirt iad d’ fhuil an-dè: they spilled your blood yesterday; chuir iad do cheann air ploc daraich: they put your head on an oaken block; tacan beag bhod chrè: a little way from your body; bha i trom le dàrna leanabh: she was pregnant with a second child; goirid an dèidh bàs athar: shortly after his father’s death.
Puing-chànain na Litreach: Mallachd aig maithibh ʼs aig càirdean: a curse on nobles and relations. Maithibh is the old dative plural form of maith ‘a noble person’; it is in the dative (or prepositional) case following the preposition aig. The dative plural inflexion is now redundant and today we would say aig maithean for ‘at the nobility’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha mi sùgradh mar ri m’ ghràdh: I was sporting with my love.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 831
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn