An t-seachdain sa chaidh, thòisich mi an Litir le earrann às a’ Bhìoball: Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san.     Bha an cunntas agam mu mhurt Dhòmhnaill mhic Uilleim ann an sgìre
    Chnoc Mhoire faisg air a’ Mhanachainn. Dh’fhàg am murtair, Iain mac ʼan
    Mhòir, agus a bhràthair-chèile, Iain MacCoinnich, a bha cuideachd ciontach,
    corp Dhòmhnaill air a’ chladach.
    Anns an sgìre sin, chan eil an sruth mara uabhasach làidir. Trì latha an
    dèidh a’ mhuirt, lorg cìobair an corp. Chaidh a chur don eaglais ann an
    Cnoc Mhoire. Dh’iarr an siorram, Alasdair Siosalach, air a h-uile inbheach
    anns an sgìre nochdadh aig an eaglais. Bha eadar sia ceud is seachd ceud
    duine ann.
    Bha corp Dhòmhnaill rùisgte, air dèile. Nuair a leugh an siorram ainm gach
    duine, bha aige no aice ri tighinn air adhart, air beulaibh a h-uile duine
    eile, agus làmh a chur air broilleach Dhòmhnaill. Bha an siorram an dòchas
    nach cleitheadh am murtair a chiont anns an t-suidheachadh sin.
    Thàinig turas Iain mhic ʼan Mhòir. Chuir e a làmh air
    broilleach a’ ghille, agus thachair rudeigin annasach. Dh’fhosgail lot air
    broilleach Dhòmhnaill, agus thàinig fuil às. Chaidh iarraidh air Iain a
    làmh a chur air a’ chorp dàrna turas. Rinn e sin, agus ruith fuil à sròn a’
    chuirp.
    Bha sin gu leòr airson an t-siorraim. Thug iad Iain a-steach don eaglais,
    agus dh’iarr iad air aideachadh gum b’ esan am murtair. Ach dhiùlt e.
Chaidh a chur don phrìosan ann an Inbhir Nis,    gus an aidicheadh e a chiont.
    Mhothaich daoine nach robh sgeul air Iain MacCoinnich. Thàinig aithris gum
    facas e aig drochaid Inbhir Nis, agus e a’ ceannach tombaca. An uair sin,
    dh’fhalbh e rathad Shrath Narann.
    Bha Iain mac ʼan Mhòir air a chur don chip ann an Inbhir Nis – sin rud ris
    an canar ‘the stocks’ ann am Beurla. Bha e an sin, fliuch is fuar,
    airson ceala-deug. Mu dheireadh, thuit a dhà chois dheth, mar gun robh
    lannsair air an gearradh dheth. Ghabh cuid truas ris – agus cuimhnichibh
    nach robh e air am murt aideachadh.
    Chaidh Iain a thoirt dhachaigh gu Fionn Ghasg. Mean air mhean, dh’fhàs e na
    bu làidire. Bha e eadhon comasach air coiseachd air na stùmpaichean coise
    aige. Chuir a nàbaidhean airgead ri chèile, agus cheannaich iad each dha.
    Cha robh e comasach air obair a dhèanamh. Bha e na dhèirceach.
    Ge-tà, chaidh Iain MacCoinnich a lorg. Bha e a’ fuireach ann am Baile Chè
    fon ainm ‘Dòmhnall Gàidhealach’. Chaidh a chur an grèim. ʼS ann nuair a
    chunnaic e seann Eaglais Inbhir Nis a dh’aidich e a chiont. Dh’inns e gur e
    Iain mac ʼan Mhòir a bu choireach ris a’ mhurt.
    Chaidh an dà Iain a chur air beulaibh britheamh. Fhuair am britheamh
    ciontach iad. Bha an cinn gu bhith air an gearradh dhiubh, agus air an
    sealltainn don phoball. Ri taobh na h-eaglaise ann an Cnoc Mhoire, bha
    ceann Iain MhicCoinnich agus làmh dheas Iain mhic ʼan Mhòir air an cur air
    pòla.
    Bha an cunntas dhen ghnothach air a dhèanamh le pears-eaglais. Aig an
    deireadh, sgrìobh e: ‘ʼS ann mar sin a bha lagh Dhè air a chur an gnìomh –
    Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san.’