FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1051: An Oidhche a bha i a’ Sileadh na Lite

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Oidhche a bha i a’ Sileadh na Lite

Gaelic Gàidhlig

Bu toigh leam naidheachd à Ceap Breatainn innse dhuibh. Tha i a’ tighinn bhon chruinneachadh Sgeul gu Latha le Iain Seathach. B’ e an sgeulaiche Eòs Nìll Bhig nach maireann agus fhuair esan i bho thè, Bean Mhìcheil ʼic’Illeain. ʼS e an t-ainm oirre ‘An Oidhche a bha i a’ Sileadh na Lite’. Nì mi beagan nas giorra agus nas sìmplidh’ i.

Bha banntrach ann agus cha robh aice ach aon mhac. ʼS e seòrsa de leth-ghloic a bh’ ann, ach bha e mòr is làidir. Chuir a mhàthair air falbh e gu margaidh le mart air ceann ròpa.

Thachair e ri fear aig a’ mhargaidh. ‘Dè tha thu ag iarraidh air a’ mhart?’ thuirt am fear eile.

‘O,’ ars an gille, ‘tha mi ag iarraidh rudeigin.’

‘Fosgail do làmh, ma-thà,’ ars am fear eile. Thilg e smugaid na làimh. ‘Seo rudeigin,’ thuirt e.

‘Agus seo am mart,’ fhreagair an leth-ghloic. Thug e ceann an ròpa don duine eile. Chùm e a dhòrn dùinte oir ʼs ann an sin a bha an ‘rudeigin’ a fhuair e.

Air an rathad dhachaigh, bha a’ dol tarsainn allt nuair a shleamhnaich e. Nuair a thuit e don uisge, dh’fhosgail e a làmh agus dh’fhalbh an smugaid. Thòisich an gille air rùrach anns an allt, feuch am faigheadh e i. Aig an dearbh mhionaid thàinig ceannaiche-paca, no mar a chanadh iad ann am Beurla, peddlar.

‘Dè tha thu a’ dèanamh?’ thuirt am peddlar.

‘Tha mi a’ coimhead airson rudeigin,’ ars an gille.

Dh’fheuch am peddlar ri faighinn a-null agus shleamhnaich esan cuideachd. ‘O, seo rudeigin,’ thuirt e gu h-aotrom.

‘Lorg thu mo rudeigin?’ thuirt an gille.

‘Cha do lorg,’ fhreagair am peddlar.

Bha an gille deimhinne gun do lorg am peddlar an ‘rudeigin’ aige. Ghabh iad am bad a chèile agus mharbh an gille am peddlar. Thiodhlaic an gille a chorp. Thill e dhachaigh. Fhuair a mhàthair a-mach dè bh’ air tachairt agus far an robh corp a’ cheannaiche. Dh’iarr i air a mac norrag a ghabhail. Fhad ʼs a bha e na chadal, rinn i lite thana. Chrath i an lite air an talamh taobh a-muigh an taighe.

Nuair a dh’èirich an gille, chaidh e mach. ‘Tha i a’ sileadh lite,’ thuirt e ri a mhàthair. ‘Tha lite air an talamh.’

‘A bheil?’ ars ise. ‘Coma leat mu dheidhinn.’

Nise, bha reithe aice. ʼS e ‘Peddlar’ an t-ainm a bh’ air oir bhiodh e falbh air feadh na sgìre aig amannan. Thug i an reithe don t-sloc far an robh corp a’ cheannaiche. Mharbh i an reithe. Chuir i a chlosach anns an t-sloc, agus ghluais i corp an duine gu àite eile.

Goirid an dèidh sin, thàinig dithis phoileas don taigh. Dh’fhaighnich iad dhen ghille am fac’ e ‘peddlar’.

‘O,’ ars an leth-ghloic, ‘mharbh mi e.’

‘Cuin a bha sin?’ dh’fhaighnich poileas.

‘An oidhche a bha i a’ sileadh na lite,’ fhreagair an gille. Agus mhìnich e far an robh corp a’ pheddlar.

Bha na poilis dhen bheachd nach robh sa ghille ach fear gòrach. Ach thug iad sùil air an àite-thiodhlacaidh. Lorg iad reithe. ‘Nach tuirt mi riut gun robh e gun toinisg?’ thuirt fear de na poilis. ‘An oidhche a bha a’ sileadh na lite! Sin am “peddlar” a mharbh e.’ Agus sin agaibh mo naidheachd. Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: Ceap Breatainn: Cape Breton [Island, Nova Scotia]; banntrach:widow; rudeigin: something; shleamhnaich:slipped; lite thana: thin porridge; mhìnich: explained; gòrach: foolish.

Abairtean na Litreach: An Oidhche a bha i a’ Sileadh na Lite: the night it rained porridge; nì mi beagan nas giorra agus nas sìmplidh’ i: I’ll make it a bit shorter and simpler; ʼs e seòrsa de leth-ghloic a bh’ ann: he was a sort of half-wit; le mart air ceann ròpa: with a cow at the end of a rope; dè tha thu ag iarraidh air a’ mhart?: what do you want for the cow?; thilg e smugaid na làimh: he spat in his hand; chùm e a dhòrn dùinte oir ʼs ann an sin a bha an ‘rudeigin’ a fhuair e: he kept his fist closed because that was where the ‘something’ was that he got; thòisich an gille air rùrach anns an allt, feuch am faigheadh e i: the lad started to search in the burn to see if he could find it; aig an dearbh mhionaid thàinig ceannaiche-paca: at that very moment a pack-merchant came; ‘O, seo rudeigin,’ thuirt e gu h-aotrom: ‘Oh, here’s something,’ he said lightly; ghabh iad am bad a chèile: they went at each other [fought]; dh’iarr i air a mac norrag a ghabhail: she asked her son to take a nap; chrath i an lite air an talamh taobh a-muigh an taighe: she shook the porridge on the ground outside the house; bhiodh e falbh air feadh na sgìre aig amannan:he would go wandering at times; chuir i a chlosach anns an t-sloc: she put its carcase in the pit; ghluais i corp an duine gu àite eile: she moved the man’s body to another place; nach tuirt mi riut gun robh e gun toinisg?: didn’t I tell you he was without sense?.

Puing-chànain na Litreach: bho thè, Bean Mhìcheil ʼic’Illeain: from a woman, the wife of Michael Maclean. This is an old way of naming a married woman which is disappearing today; it appears to have been retained more strongly on Cape Breton Island than in Scotland.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Coma leat mu dheidhinn : don’t worry about it.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 747

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean