menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Uilleam Speirs Bruce (1) (Litir 1024)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chiad charbad Albannach a bha riamh anns an Antartaig. An t-seachdain seo tha mi airson innse dhuibh mu fhear Albannach a tha cliùiteach airson a bhith an sàs ann an rannsachadh na h-Antartaig. B’ esan Uilleam Speirs Brus, agus tha eachdraidh gu math inntinneach.

Bha athair Bhruis na Albannach ach rugadh Uilleam fhèin ann an Lunnainn, agus chaidh e gu sgoil ann an Sasainn. Aig aois fichead, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1887), chaidh e a dh’Alba airson cùrsaichean foghlaim a dhèanamh ann an saidheans nàdarrach. Agus dh’fhuirich e ann. Ghabh e ùidh mhòr ann an saidheans na mara.

Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a dhà (1892), chaidh am Brusach gu ruige Na h-Eileanan Fàclannach. Bha e ann an cabhlach de cheithir soithichean a dh’fhàg Dùn Dè. Bha iad airson rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh gnìomhachas sealg nam mucan-mara a chur air dòigh anns a’ Chuan a Deas. Cha robh iad soirbheachail. Cha do lorg iad mucan-mara gu leòr. Ach chòrd an t-àite gu mòr ri Brus.

ʼS e Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais a chuir ann e, agus dh’iarr Brus orra taic a thoirt dha airson triall saidheansail gu South Georgia. Ach dhiùlt iad taic a thoirt dha.

Thairis air a’ gheamhradh is earrach ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig gu sia (1895-6), bha Brus ann an àite fuar sneachdach. Ge-tà, cha robh e anns an Antartaig. Chuir e seachad an ùine sin air mullach Beinn Nibheis far an robh stèisean airson an aimsir a thomhas. An dèidh sin, bha e ann am Franz Josef Land anns an Artaig, far an d’ fhuair e eòlas air an rannsaiche phòlach Nirribheach, Fridtjof Nansen. Chaidh rubha air fear de na h-eileanan ainmeachadh airson a’ Bhrusaich – mar Cape Bruce.

An dèidh sin, bha e air ais ann an Dùn Èideann agus air cuairt-mhara eile anns an Artaig. Anns a’ bhliadhna naoi ceud (1900), leig e seachad an cothrom a dhol don Antartaig mar eòlaiche-nàdair cuide ri Raibeart Scott. Bha dà adhbhar aige airson sin. Bha e airson a bhith os cionn buidheann e fhèin. Agus cha robh ùidh sam bith aige ann a bhith a’ faighinn chun a’ Phòla a Deas. ʼS e rannsachadh saidheansail a bha fa-near dha.

Phòs e tè Seasaidh NicCoinnich, agus tha e coltach gun robh a’ bhanais ann an Ros an Ear, ach chaidh iad a dh’fhuireach ann an Joppa, faisg air Dùn Èideann. Anns na bliadhnaichean sin, chuir Brus air chois Club Sgithidh na h-Alba, agus Sutha Dhùn Èideann.

Dhiùlt Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais taic airgid do Bhrus airson triall Antartaigeach a chur air dòigh. Mar sin, thog e airgead dha fhèin, ann an Alba, le tòrr dheth a’ tighinn bho na bràithrean Coats, aig an robh gnìomhachas cotain. Cheannaich iad long Nirribheach agus rinn iad obair oirre gus an robh i deiseil gus seòladh chun na h-Antartaig. Chuir iad ainm ùr oirre – an Scotia. Bha iad moiteil asta fhèin gun robh gnothach uile-gu-lèir Albannach aca. Bha a h-uile duine air bòrd Albannach, agus b’ e ainm oifigeil an triall The Scottish National Antarctic Expedition.

Dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain, naoi ceud deug ʼs a dhà (1902). Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: : Uilleam Speirs Brus: William Speirs Bruce; saidheans nàdarrach:natural science(s); Na h-Eileanan Fàclannach:The Falkland Islands; Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais: Royal Geographical Society; dhiùlt: refused; Seasaidh NicCoinnich: Jessie Mackenzie; triall Antartaigeach: Antarctic expedition; .

Abairtean na Litreach: mu fhear Albannach a tha cliùiteach airson a bhith an sàs ann an rannsachadh na h-Antartaig: about a Scottish man who is well known for being involved in Antarctic research; rugadh Uilleam fhèin ann an Lunnainn: William himself was born in London; chaidh e gu sgoil ann an Sasainn: he went to school in England; cabhlach de cheithir soithichean a dh’fhàg Dùn Dè: a fleet of four ships that left Dundee; airson rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh gnìomhachas sealg nam mucan-mara a chur air dòigh anns a’ Chuan a Deas: to research how a whaling business might be established in the Southern Ocean; chòrd an t-àite gu mòr ri X: X really enjoyed the place; dh’iarr Brus orra taic a thoirt dha airson triall saidheansail: Bruce asked them to assist him with a scientific expedition; mullach Beinn Nibheis far an robh stèisean airson an aimsir a thomhas: the summit of Ben Nevis where there was a station for measuring the weather; far an d’ fhuair e eòlas air an rannsaiche phòlach Nirribheach: where he got to know the Norwegian polar explorer; leig e seachad an cothrom a dhol don Antartaig mar eòlaiche-nàdair: he declined the opportunity to go to the Antarctic as a naturalist; cha robh ùidh sam bith aige ann a bhith a’ faighinn chun a’ Phòla a Deas: he had no interest whatsoever in getting to the South Pole; ʼs e rannsachadh saidheansail a bha fa-near dha: it’s scientific research he was focused on; chuir Brus air chois Club Sgithidh na h-Alba: Bruce established the Scottish Ski Club; aig an robh gnìomhachas cotain: who had a cotton business; dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain: they left Troon in November.

Puing-chànain na Litreach: Sutha Dhùn Èideann : Edinburgh Zoo. Loan words into Gaelic which start with a ‘z’ pose a difficulty for our native orthography, as it is not a natural sound in the modern language. The problem is solved by using a Gaelic ‘s’. But be aware that, in this instance, the resultant sound is halfway between a natural Gaelic ‘s’ and the English ‘z’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Ghabh e ùidh mhòr ann an saidheans na mara: he took a great interest in oceanography.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 720

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word