Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Speirs Brus, a bha os cionn triall
nàiseanta Albannach don Antartaig ann an naoi ceud deug ʼs a dhà (1902).
Ràinig a shoitheach, an Scotia, deigh thiugh aig seachdad ceum deas air a’ chrios-mheadhan, agus thill iad
do dh’Arcaibh a Deas. Chuir iad ionad-rannsachaidh air chois an sin – a tha
a’ dol fhathast.
Chaidh an Scotia gu Buenos Aires airson tuilleadh bathair fhaighinn air
bòrd. Aig toiseach naoi ceud deug is ceithir (1904), chaidh i gu deas
a-rithist, gu ruige Muir Weddell. Bha i ann airson dà mhìos mus do thill i
a dh’Alba.
Rinn Brus agus a chompanaich tòrr rannsachaidh – air an aimsir, air a’
mhuir agus air fiadh-bheatha. Tha feadhainn dhen bheachd gun do chruthaich
iad bunait airson rannsachadh air atharrachadh anns a’ ghnàth-thìde.
Bha Brus air a bhith a’ cruinneachadh stuth thairis air còrr is deich
bliadhna agus bha e feumach air àite airson a stòradh. Fhuair e àite ann an
Dùn Èideann. Chuir e an t-ainm air The Scottish Oceanographical Laboratory. Chaidh fhosgladh gu
h-oifigeil le caraid aig Brus, Prionnsa Albert Mhonaco, ann an naoi ceud
deug ʼs a sia (1906).
Ceithir bliadhna an dèidh sin, chuir Brus plana air adhart airson triall
mòr Albannach don Antartaig. Bha e ag iarraidh buidheann a chur air aon
taobh dhen mhòr-thìr, agus buidheann eile fhàgail air an taobh thall dhith.
Bhiodh gach buidheann a’ cur seachad a’ gheamhraidh anns na h-àiteachan
sin. Bhiodh aon bhuidheann an uair sin a’ dol tarsainn na h-Antartaig,
thairis air a’ Phòla a Deas, a’ faighinn taic bhon bhuidhinn eile. Bha e a’
dol a chosg caogad mìle not.
Fhuair e taic bho Chomann Rìoghail Cruinn-eòlais na h-Alba agus bho Chomann
Rìoghail Dhùn Èideann. Ach cha d’ fhuair e taic sam bith bhon Chomann
Rìoghail ann an Lunnainn. Bha iadsan a’ toirt an taic do Raibeart Scott.
Bha esan a’ dèanamh deiseil airson a dhol gu deas a-rithist. Agus cha deach
Brus air adhart le a phlana.
Ged a rugadh is thogadh e ann an Sasainn, bha Brus na nàiseantach
Albannach. Dh’fhaodadh a theanga a bhith biorach nam biodh daoine eile a’
dèanamh dì-meas air Alba. Agus bha teanga bhiorach aige co-dhiù!
Tha cuid dhen bheachd gu bheil e mì-chothromach gun d’ fhuair a h-uile ball
a chaidh don Antartaig fo bhratach an Aonaidh Bonn Pòlach. Ach nach d’
fhuair buill dhen triall Albannach sgath. Fhuair Brus tòrr dhuaisean ann an
Alba fhèin agus bonn bho Chomann Cruinn-eòlais Ameireagaidh.
Bha Brus ann an Spitsbergen – no Svalbard – aig toiseach an linn. Lorg e
gual is iarainn an sin. Chuir e companaidh air dòigh – The Scottish Spitsbergen Syndicate – airson mèinneadh a
leasachadh. Ach chuir a’ Chiad Chogadh stad air sin agus, an dèidh a’
chogaidh, bha am Brusach ro thinn airson cumail a dol leis.
Dhùin an t-ionad saidheans-mara aige air sgàth cion airgid. Chaidh an stuth
a bha na bhroinn gu taighean-tasgaidh eile ann an Alba. Chaochail Brus ann
an Dùn Èideann ann an naoi ceud deug ʼs aon air fhichead (1921). Chaidh a
luaithre a sgaoileadh anns a’ mhuir far costa South Georgia.
Tha mòran air dìochuimhneachadh mu Uilleam Speirs Brus an-diugh. Ma tha
ìomhaigh ann dheth ann an àite poblach ann an Alba, chan aithne dhòmhs’ e.