menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Alasdair MacIlleMhìcheil agus Coimisean Napier (2) (Litir 1014)

Nuair a bha mi ann an Uibhist turas, chuala mi beul-aithris gun robh uaireigin na h-eileanan ris an canar Heisgeir ceangailte ri Uibhist a Tuath. A-nise, tha caolas mòr ann eadar taobh an iar Uibhist a Tuath agus Heisgeir.

Tha cunntas mu na h-eileanan sin aig Alasdair MacIlleMhìcheil ann an aithisg Choimisean Napier. Chuir e trì ainmean Gàidhlig orra – Heisgeir, Teisgeir agus Aoisgeir. Agus sgrìobh e gur e an treas ainm sin am fear as ciallaiche. Aoisgeir – isthmus rock. Tha am facal aoidh aithnichte airson tairbeart no dòirlinn.

Sgrìobh MacIlleMhìcheil gun robh aoidh ann uaireigin a bha a’ ceangal Heisgeir ri Uibhist a Tuath. Mean air mhean, dh’fhalbh an talamh gu bhith nam fadhlaichean. Dh’fhalbh na fadhlaichean agus an uair sin bha caolas eu-domhainn ann (le grunnd gainmhich). Agus bha comas aig daoine ri linn MhicIlleMhìcheil an fheadhainn mu dheireadh a choisich a-null ʼs a-nall ainmeachadh – agus feadhainn a chaidh a bhàthadh air an turas a-null cuideachd.

Bidh cuid de sgoilearan ainmean-àite a’ cur teagamh anns an argamaid aig MacIlleMhìcheil, ach cha robh an Liosach deiseil aige sin. Sgrìobh e cuideachd gur e aoidh bunait ainm eilein a tha cho ainmeil ri gin ann an Alba – Ì no Ì Chaluim Chille. Bha e dhen bheachd gur e Aoidh Chaluim Chille a bh’ air an eilean mar ainm aig aon àm. Bha e a’ cumail a-mach gun robh e follaiseach do dhuine sam bith a bheireadh sùil air gun robh Ì uaireigin ceangailte ri Muile, agus aoidh eatarra.

Bhiodh e doirbh a dhol às àicheadh sin gu tur. Tha mi air seòladh dà thuras tro Chaolas Ì agus tha e gu math eu-domhainn, le oitirean is sruthan a bhios a’ gluasad fad na h-ùine oir tha an grunnd air a dhèanamh de ghainmheach.

Agus tha ceangal eile ann eadar Ì agus Heisgeir. Sgrìobh MacIlleMhìcheil gur e fìor ainm eilean mòr Heisgeir (gu fìrinneach tha trì eileanan ceangailte ann a tha ceangailte ri chèile le fadhlaichean) Heisgeir nan Cailleach ‘Heisgeir of the Nuns’. Bha uaireigin coimhearsnachd de chailleachan-dubha – a bha co-cheangailte ri Eilean Ì – a’ fuireach ann. Gu siar air an eilean, thar caolas, tha eilean eile, far a bheil taigh-solais. Ged as e Siolaigh a th’ air an-diugh, ʼs e Heisgeir nam Manach ‘Heisgeir of the Monks’ a bh’ air uaireigin. ʼS e sin as coireach gur e Na h-Eileanan Monach no Monach Isles a th’ air an àite seo mar ainm cuideachd.

Tha MacIlleMhìcheil ag innse seann naidheachd mu Heisgeir. Air latha samhraidh o chionn fhada, chaidh grunn de mhuinntir an eilein gu ruige Siolaigh airson caoraich a rùsgadh. Chuir na fir na boireannach air tìr ann an Siolaigh. Dh’fhalbh na fir an uair sin gu sgeir airson ròin a shealg. Ge-tà, cha do cheangail iad an eathar mar bu chòir agus dh’fhalbh i leis a’ ghaoith ʼs leis an t-sruth.

Cha robh bàta aig na boireannaich airson na fir a shàbhaladh agus bha a’ mhuir a’ lìonadh. Bha na boireannaich ann an Siolaigh ag èigheachd agus chuala boireannach eile air Heisgeir fhèin iad. Rinn an tè sin spàirn airson eathar a tharraing sìos an cladach. Chuir i air bhog sa chaolas i. Ach cha robh i luath gu leòr. Chaidh na fir a sguabadh far na sgeire le tuinn mhòra a’ Chuain Siar. Bha am mnathan gan coimhead ach cha b’ urrainn dhaibh dad a dhèanamh airson an sàbhaladh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: caolas: channel, strait; Alasdair MacIlleMhìcheil:Alexander Carmichael; Liosach: native of Lismore; Ì no Ì Chaluim Chille: Iona; cailleachan-dubha: nuns; Siolaigh: Shillay; spàirn: struggle.

Abairtean na Litreach: chuala mi beul-aithris gun robh uaireigin na h-eileanan ris an canar Heisgeir ceangailte ri Uibhist a Tuath: I heard oral tradition that at one time the islands called Heisgeir were connected to North Uist; mean air mhean, dh’fhalbh an talamh gu bhith nam fadhlaichean: gradually, the land changed to be sea-fords; dh’fhalbh na fadhlaichean: the sea-fords disappeared; bha caolas eu-domhainn ann (le grunnd gainmhich): there was a shallow strait there (with a sandy bottom); bha comas aig daoine ri linn X an fheadhainn mu dheireadh a choisich a-null ʼs a-nall ainmeachadh: people had the ability in X’s time to name the last ones to walk there and back; a chaidh a bhàthadh: who were drowned; gur e aoidh bunait ainm eilein a tha cho ainmeil ri gin ann an Alba: that aoidh is the basis of the name of an island that is as famous as any in Scotland; gun robh e follaiseach do dhuine sam bith a bheireadh sùil air: that it was obvious to anybody that would look at it; gun robh Ì uaireigin ceangailte ri Muile: that Iona was at one time connected to Mull; bhiodh e doirbh a dhol às àicheadh sin gu tur: it would be difficult to entirely deny that; eu-domhainn, le oitirean is sruthan a bhios a’ gluasad fad na h-ùine: shallow, with sandbanks and channels that are constantly shifting; air latha samhraidh o chionn fhada:on a summer’s day a long time ago; airson caoraich a rùsgadh:to shear sheep; gu sgeir airson ròin a shealg: to a skerry to hunt seals; cha do cheangail iad an eathar mar bu chòir: they didn’t tie up their boat as they should; bha a’ mhuir a’ lìonadh: the tide was rising [‘the sea was filling’]; chaidh na fir a sguabadh far na sgeire le tuinn mhòra a’ Chuain Siar: the men were swept from the skerry by great Atlantic waves; airson an sàbhaladh: to save them.

Puing-chànain na Litreach: Tha am facal aoidh aithnichte airson tairbeart no dòirlinn: the word aoidh is known for an isthmus. Aoidh is sometimes given as ùidh . It is considered to be a loan-word, originating in the Old Norse eið ‘isthmus, neck of land’. Tairbeart and dòirlinn are words of Gaelic origin which can also stand for an isthmus.

Gnathas-cainnt na Litreach: thar caolas : across a channel/strait.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 710

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word