Bidh mi a’ sgrìobhadh colbh Gàidhlig gach seachdain airson Courier
Inbhir Nis. ʼS e ‘Am Peursa’ tiotal a’ chuilbh. Chan e mise a thagh an
tiotal ach an colbhaiche a bh’ ann romham. Tha e a’
ciallachadh ‘signal pole’.
Nise, feumaidh mi aideachadh nach ann tric a chuala mi am facal peursa ann an còmhradh. Chan fhaca mi gu tric e ann an sgrìobhadh
nas motha. Ach, an latha eile, bha mi a’ leughadh pìos ann am Beurla mu na
h-Eileanan Siar, agus bha am facal peursair no perchman
ann. Chaidh am pìos a sgrìobhadh le Gàidheal.
Seo m’ eadar-theangachadh air: ‘... tha muinntir nan Eilean A-muigh
toilichte nuair a chì iad brùchd de fheamainn ... air na cladaichean aca.
Airson fios a chur gu na daoine gu bheil an fheamainn air nochdadh, tha aig
a’ chuid as motha de bhailtean-fearainn fear a tha a’ fuireach faisg air a’
chladach, air a bheil an dleastanas cnap mòr feamainn a chur air mullach
peursa. ʼS e Am Peursair a chanar ris an duine seo, agus gheibh e duais ann
am feamainn agus fearann.’
B’ e ùghdar na h-earrainn seo Alasdair MacIlleMhìcheil, am fear air an robh
mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh. Chan ann à Carmina Gadelica a tha
an earrann sgrìobhte, ach à eàrr-ràdh ann an aithisg Choimisean Napier air
cor nan croitearan ʼs nan coitearan air a’ Ghàidhealtachd. Rinn
MacIlleMhìcheil tuairisgeul dhen t-suidheachadh air taobh an iar eileanan
mar Uibhist far a bheil tràighean gainmhich ann. Eucoltach ris na
cladaichean creagach air an taobh an ear, cha bhi mòran feamainn air an
taobh an iar, ach nuair a thig brùchd dhith gu tìr le stoirm.
‘Bidh fir agus caileagan, le eich, cairtean is clèibh,’ sgrìobh
MacIlleMhìcheil, ‘ag obair gu dìcheallach ann a bhith a’ cur na feamainn os
cionn an tiùrr. Mura dèanadh iad sin, ʼs dòcha gun sguaibeadh an ath làn a
h-uile rud air falbh. Nan dealas airson an fheamainn fhaighinn, bidh na
daoine gu tric, leis a’ mhuir os cionn an glùinean, ag obair ro chruaidh,
iad fhèin ʼs an cuid each, latha an dèidh latha.’
Tha rudan gu math inntinneach anns a’ chunntas aig MacIlleMhìcheil. Tha na
briathran aige airson òran a ghabhadh muinntir Hiort gach bliadhna nuair a
thilleadh na h-eòin-mhara do na h-eileanan aca. Tha an t-òran ag
ainmeachadh aon eun nach eil ann am bith an-diugh:
Buidheachas dhan Tì, thàinig na gugachan,
Thàinig ʼs na h-Eòin-mhòra cuide riuth’,
Cailin dubh chiar, bò sa chrò,
Bò dhonn, bò dhonn, bò dhonn bheadarach,
Bò dhonn, a rùin, a bhligheadh am bainne dhut.
Hò rò, mo ghealag, ni gu rodagach
Cailin dubh chiar, bò sa chrò,
Na h-eòin air tighinn, cluinneam an ceòl!
Chan eil mi cinnteach dè tha ‘ni gu rodagach’ a’ ciallachadh. Ma tha fios
agaibh fhèin, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh. Ach dè an t-eun a chaidh
ainmeachadh anns an rann, nach eil ann am bith an-diugh? Tha, an t-Eun Mòr.
Tha e san dàrna loidhne.
Buidheachas dhan Tì, thàinig na gugachan, Thàinig ʼs na h-Eòin-mhòra
cuide riuth’.
A rèir MhicIlleMhìcheil, ʼs e an t-Eun Mòr an Great Auk – eun-mara
a chaidh à bith ann am meadhan an naoidheamh linn deug.