ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

341: Sliabh a’ Bheannachaidh, Dail a’ Mhallachaidh agus Poll na h-Iuchrach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha dualchas Gàidhealach air leth inntinneach aig mòran àiteachan ann an Siorrachd Obair Dheathain. Am measg nan àiteachan sin, tha an Tulaich, faisg air Bealadair. Bu mhath leam sùil a thoirt air trì ainmean àite anns an sgìre sin. Is iad sin Sliabh a’ Bheannachaidh, Dail a’ Mhallachaidh agus àite ìosal air an talchan ri taobh Uisge Dè air a bheil Poll na h-Iuchrach. Tha e coltach gu robh Poll na h-Iuchrach uaireigin mar phàirt dhen abhainn. A rèir beul-aithris, tha na h-ainmean sin uile co-cheangailte ri naomh a bha uaireigin ainmeil anns an sgìre sin.

B’ esan Nachlan. Bha e beò anns an t-seachdamh linn, agus bha e dìleas do dhualchas Chaluim Chille. Thathar dhen bheachd gur e Cruithneach a bh’ ann, gum buineadh e don sgìre sin, agus gu robh e à teaghlach beartach. Tha seann tobhta anns an Tulaich air a bheil Cill Nachlain. ’S e sin làrach na h-eaglaise a bh’ aig Nachlan o shean. Chaidh eaglais eile a thogail air an làraich o chionn fhada – agus tha sin fhèin na tobhta a-nise.

Choisinn Nachlan cliù dha fhèin mar fhear practaigeach a bha uabhasach sgileil le bhith a’ fàs bàrr. Bhiodh e a’ dol timcheall na sgìre, a’ sealltainn do dhaoine mar a b’ fheàrr a dh’fhàsadh iad bàrr dhaibh fhèin – eòrna is coirce is a leithid sin. Nuair a bhiodh e a’ fàilneachadh air daoine eile arbhar math a bhith aca, bha bàrr math an-còmhnaidh aig Nachlan. Bhiodh e a’ toirt taing do Dhia.

Bliadhna a bha seo, bha gort ann. Cha robh biadh gu leòr aig na daoine. Gu fortanach bha stòras de dh’arbhar aig Nachlan. Thug e sin do na daoine airson an cumail beò. Ge-tà, chleachd iad uiread dhen stòras aige, ’s nach robh sìol air fhàgail airson cur as t-earrach. Bha a h-uile duine a-nise ann an staing.

A rèir na sgeòil, chuir Nachlan earbsa ann am freastal Dhè. Dh’iarr e air a luchd-taic gainmheach a thoirt à Uisge Dè agus a sgaoileadh air na h-achaidhean. Nuair a bha sin dèante, chaidh Nachlan gu a ghlùinean agus bheannaich e an t-àite. Gu h-iongantach, dh’fhàs bàrr math air a’ bhliadhna sin.

As t-fhoghar, thàinig daoine cruinn còmhla airson am bàrr a bhuain. Nuair a bha iad deiseil airson tòiseachadh, dh’èirich stoirm. Shèid i an t-arbhar thairis gus an robh e na laighe air an talamh. Dh’fhàs Nachlan feargach agus choirich e Dia airson na thachair.

An ceann greis chiùinich an stoirm, agus chaidh an t-arbhar a bhuain math gu leòr. Ach bha Nachlan ga ithe fhèin airson na thuirt e ri Dia , agus mar a dh’fhàs e feargach leis. Ghabh e aithreachas, agus chuir e peanas air fhèin. Cheangail e a ghàirdean deas do chois agus chuir e glas air. Thilg e an iuchair do dh’Uisge Dè. Bha sin anns an àite ris an canar, chun an là an-diugh, Poll na h-Iuchrach. Thuirt Nachlan nach fhuasgladh e a’ ghlas gus am biodh e air tadhal air an Ròimh. Tha cuid dhen bheachd gu robh e airson maitheanas iarraidh bhon Phàp fhèin. Tha cuid eile ag ràdh gu robh e airson tadhal air na comhain aig na Naoimh Peadar is Pòl.

Nuair a bha e san Ròimh, thachair Nachlan ri balach a bha a’ reic èisg. Cheannaich an t-Albannach iasg bhuaithe agus thug e air ais e airson a dhìnnearach. Nuair a bha e ga chutadh, lorg e rudeigin meatailt na bhroinn. Dè bh’ ann? A, uill, innsidh mi sin dhuibh an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; An Tulaich: Tullich; Bealadair: Ballater; naomh: saint; Nachlan: Nathalan, Nachlan; an-còmhnaidh: always; gort: famine.

Abairtean na Litreach: Sliabh a’ Bheannachaidh, Dail a’ Mhallachaidh: the moor of blessing, the dale of cursing; air an talchan ri taobh Uisge Dè:on the haugh beside the River Dee; Poll na h-Iuchrach: the pool of the key; uaireigin mar phàirt dhen abhainn: at one time part of the river; dìleas do dhualchas Chaluim Chille: loyal to the Columban heritage; thathar dhen bheachd gur e Cruithneach a bh’ ann: it is thought he was a Pict; tha sin fhèin na thobhta a-nise: that is now a ruin; choisinn Nachlan cliù dha fhèin:Nachlan developed a reputation; mar fhear practaigeach a bha uabhasach sgileil le bhith a’ fàs bàrr: as a practical man who was extremely skilful in growing crops; eòrna is coirce is a leithid sin: barley and oats and things like that; nuair a bhiodh e a’ fàilneachadh air daoine eile: when other people failed; stòras de dh’arbhar: a store of corn; chleachd iad uiread: they used so much; ’s nach robh sìol air fhàgail airson cur as t-earrach: that there was no seed left to plant in spring; ann an staing:in a bad situation; chuir Nachlan earbsa ann am freastal Dhè: Nachlan was confident of God’s providence: bheannaich e an t-àite: he blessed the place; airson am bàrr a bhuain: to harvest the crop; shèid i an t-arbhar thairis: it blew the corn over; choirich e Dia: he blamed God; chiùinich an stoirm: the storm abated; ghabh e aithreachas, agus chuir e peanas air fhèin: he regretted it, and he punished himself; cheangail e a ghàirdean deas do a chois: he tied his right arm to his leg; nach fhuasgladh e a’ ghlas gus am biodh e air tadhal air an Ròimh: that he would not release the lock until he had visited Rome; na comhain aig na Naoimh Peadar is Pòl: the shrines of Saints Peter and Paul; airson a dhìnnearach: for his dinner; nuair a bha e ga chutadh: when he was gutting it; rudeigin meatailt na bhroinn: something metal inside it.

Puing-chànain na Litreach: a’ sealltainn do dhaoine mar a b’ fheàrr a dh’fhàsadh iad bàrr dhaibh fhèin : showing [to] people how best they could [would] grow crops for themselves. Mar a b’ fheàrr is a useful adverbial phrase – note how it is used and where it appears in the sentence. Here is another example of its use. Sheall mi dhaibh mar a b’ fheàrr a chutadh iad iasg: I showed them the best way to gut a fish. It often appears with urrainn eg dh’innis i dhomh mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dhomh a dhèanamh (she told me how best to do it). The same sentence in English might be translated as dh’innis i dhomh mar a b’ fheàrr a dhèanainn e. Note that in all these cases, the verbs following the phrase are in the conditional.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha Nachlan ga ithe fhèin airson na thuirt e ri Dia: Nachlan was sorely vexed (lit. “was eating himself”) about what he [had] said to God.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 37

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean