ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

743: Aimhreit an t-Sròim - Pàirt 1

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun SS Ferret a bha uaireigin a’ frithealadh nan eilean à Port an t-Sròim ann an Ros an Iar. Bha am Ferret ann an Astràilia nuair a bha tachartas aig an t-Sròm a chuir am baile beag sìtheil sin air aire muinntir Bhreatainn. Airson greis, cha robh an t-àite buileach cho sìtheil. Tha mi airson innse dhuibh mu Aimhreit an t-Sròim ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883).

Bhiodh iasg gu leòr a’ tighinn bho iasgairean an taobh an iar do na trèanaichean anns an t-Sròm. Bhiodh sin a’ tachairt a h-uile latha san t-seachdain, eadhon air an t-Sàbaid. Rinn muinntir na h-Eaglaise Saoire gu h-ionadail gu math soilleir nach robh iad toilichte mun chùis.

Chaidh aontachadh gum biodh na bàtaichean-smùide a’ ruigsinn an t-Sròim tràth gu leòr Disathairne ’s gum biodh a h-uile rud air bòrd nan trèanaichean ro mheadhan-oidhche. Gu mì-fhortanach, air sàillibh droch shìde is ghnothaichean eile, cha robh sin a’ tachairt fad na h-ùine.

Thàinig gnothaichean gu ceann air Disathairne an dàrna latha dhen Ògmhios. Mu mheadhan-oidhche bha bàta aig a’ chidhe agus bha na maraichean is luchd-obrach na rèile a’ feuchainn ris an stuth a thoirt aiste. Ach bha daoine a’ cur stad orra. Bha maidean aig feadhainn dhen luchd-iomairt.

Chaidh an crann a bha a’ togail nam bogsaichean a bhriseadh. Ach bhathar fhathast a’ falamhachadh a’ bhàta. Bha tòrr bhogsaichean ann, agus iad làn sgadan. Aig uair sa mhadainn, thàinig dàrna bàta a-steach, làn èisg. Bha còrr is ceud neach-iomairt ann a-nise.

Dh’fheuch an luchd-obrach ri mìneachadh do mhuinntir na h-Eaglaise gun robh an carago luachmhor agus gun robh e mar dhleastanas orra a bhith a’ falamhachadh nam bàtaichean. Ach thuirt an luchd-iomairt gun robhar a’ briseadh lagh Dhè. Ghèill an luchd-obrach agus sguir an obair.

Bha manaidsear an stèisein air fios a chur a dh’Inbhir Nis mun t-suidheachadh. Aig aon uair deug sa mhadainn, air an t-Sàbaid, thàinig seachdnar phoileas air trèana a bh’ air a chur air dòigh dhaibh gu sònraichte. Nam measg bha an t-Àrd-chonstabal airson Siorrachd Rois, Dòmhnall Rothach. Cha do chòrd an gnothach ùr seo ris an luchd-iomairt idir. Bha timcheall air ceud gu leth aca air a’ chidhe agus dhiùlt iad falbh.

Ged nach robh an sguad poilis uabhasach mòr, thug Dòmhnall Rothach òrdugh dhaibh leum a-staigh am measg an luchd-iomairt airson an iomain far a’ chidhe. Dh’fheuch iad sin sia tursan. Dh’fhuiling an dà thaobh buillean cruaidh. Bha feadhainn air an goirteachadh. Ach, a dh’aindeoin sin, cha robh taobh seach taobh deònach gèilleadh.

Bha ministear aig an Eaglais Shaoir, a bhuineadh do Na Hearadh, a’ fuireach anns an Taigh-òsta ann am Port an t-Sròim. Leis gun robh Gàidhlig aige, thabhann e a thaic do na poilis, feuch an gnothach a rèiteach gun tuilleadh aimhreit.

Chaidh e a-mach a bhruidhinn ris an luchd-iomairt agus dh’iarr e orra leigeil le luchd-obrach na rèile tilleadh don obair aca. An robh e soirbheachail? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Port an t-Sròim: Stromeferry; Aimhreit an t-Sròim: The Stromeferry Riot; gu h-ionadail: locally; chaidh aontachadh: it was agreed; bàtaichean-smùide: steamboats; sgadan: herring; sguad: squad, group.

Abairtean na Litreach: a chuir am baile beag sìtheil sin air aire muinntir Bhreatainn: that brought that peaceful village to the attention of the people of Britain; cha robh an t-àite buileach cho sìtheil: the place wasn’t quite so peaceful; eadhon air an t-Sàbaid: even on the Sabbath; muinntir na h-Eaglaise Saoire: the people of the Free Church; air bòrd nan trèanaichean ro mheadhan-oidhche: on board the trains before midnight; air sàillibh droch shìde is ghnothaichean eile: because of bad weather and other matters; bha na maraichean is luchd-obrach na rèile a’ feuchainn ris an stuth a thoirt aiste: the crewmen and the railway workers were attempting to the get the stuff off her; bha maidean aig feadhainn dhen luchd-iomairt: some of the protesters had sticks; chaidh an crann a bha a’ togail nam bogsaichean a bhriseadh: the crane that was lifting the boxes was broken; bhathar fhathast a’ falamhachadh a’ bhàta: the boat was still being emptied; gun robh an carago luachmhor: that the cargo was valuable; gun robh e mar dhleastanas orra: that it was their duty; a’ briseadh lagh Dhè: breaking God’s law; ghèill an luchd-obrach agus sguir an obair: the workers gave way and the work stopped; a bh’ air a chur air dòigh dhaibh gu sònraichte: that was put on for them specially; dhiùlt iad falbh: they refused to leave; airson an iomain far a’ chidhe: to drive them off the quay [but not into the water!]; dh’fhuiling an dà thaobh buillean cruaidh: both sides suffered severe blows; a dh’aindeoin sin, cha robh taobh seach taobh deònach gèilleadh: despite that, neither side was willing to yield; leigeil le luchd-obrach na rèile tilleadh don obair aca: allow the railway workers to return to their work.

Puing-chànain na Litreach: thàinig seachdnar phoileas air trèana: seven police officers came on the train. Seachdnar means ‘seven people’ and is one of the numerical nouns (following on dithis, triùir, ceathrar etc). It commands a noun in the genitive plural eg seachdnar mhac, seachdnar chluicheadairean, seachdnar bhoireannach. Phoileas is the (indefinite) genitive plural form of poileas, which slenderises to form its nominative plural poilis.

Gnàthas-cainnt na Litreach: thabhann e a thaic do na poilis, feuch an gnothach a rèiteach : he offered his assistance to the police, in an attempt to sort out the matter.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 439

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean