ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

712: An Annie Jane - Pàirt 1

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Anns an Lùnastal ochd ceud deug, caogad ’s a trì (1853), sheòl an Annie Jane à Liverpool le ceithir cheud duine air bòrd. ’S e soitheach ùr trì-chrannach a bh’ innte. Chaidh a togail ann an Quebec agus bha i a’ seòladh ‘dhachaigh’ à Liverpool. B’ e Uilleam Mason an sgiobair oirre. Bha e air a bhith na sheòladair fad trithead ’s a sia bliadhna, agus bha sgioba aige de cheathrad. Cha robh dùil ach gum biodh turas-mara math aca.

Bha an Annie Jane a’ giùlain luchd de dh’iarainn – ochd ceud tonna dheth – airson rathaidean-iarainn, am measg eile, air an taobh thall. Bha trì cheud tonna ann cuideachd de bhathar eile. Agus bha i làn daoine.

Chaidh an Annie Jane gu tuath, seachad air ceann an iar-thuath na h-Èireann agus a-steach don Chuan Siar. Dh’èirich a’ ghaoth agus thòisich an long air luasgadh gu dona. Dh’fhàs an t-sìde na bu mhiosa. Bhris na crainn-mhullaich. Ach rinn an sgioba obair-càraidh oirre agus lean iad orra air an slighe a Chanada.

Bha eagal mòr air an luchd-siubhail, ge-tà. Dh’iarr iad air an sgiobair an soitheach a thoirt air ais a Liverpool. Chaidh an Caiptean Mason fo-rùm airson faicinn mar a bha gnothaichean don luchd-siubhail. Bha an suidheachadh cho dona ’s gun do dh’aontaich e tilleadh. Chaidh iad timcheall costa deas na h-Èireann. Às dèidh ochd latha aig muir, bha iad air ais ann an cala Liverpool.

Dhiùlt cuid dhen luchd-siubhail a dhol air an Annie Jane tuilleadh. Bha iad dhen bheachd nach e soitheach comasach a bh’ innte, agus bha iad a’ gearain gun robh cus dhaoine air bòrd, ’s iad gun bhiadh gu leòr. Ach ghabh daoine eile an àiteachan air bòrd. Às dèidh obair-càraidh a mhair seachdain, bha an long air ais aig muir.

Thachair an aon rud a-rithist. Anns a’ chuan mhòr, thòisich i air luasgadh gu dona. Chaidh a toiseach a mhilleadh. Bha i a’ dol gu tuath, air falbh bhon t-slighe cheart.

Bhruidhinn cuid dhen luchd-siubhail ris a’ chiad mheit gu h-os ìosal. Dh’inns esan dhaibh gun robh e dhen bheachd nach ruigeadh iad Quebec. Chuir an luchd-siubhail athchuinge chun an sgiobair, ag iarraidh air tilleadh a Liverpool. An turas seo, reub e an athchuinge ann am pìosan. Thug e gunna-làimhe a-mach agus thuirt e gun cleachdadh e e nam biodh ar-a-mach ann.

Chaidh cùisean am miosad . Dh’èirich gailleann. Chaidh crainn a bhriseadh. Chaidh cuid de na siùil a reubadh às a chèile. Às dèidh ceala-deug aig muir, bha an Annie Jane dà cheud mìle a-mach bho Hiort agus ann an droch staid.

Shocraich a’ ghaoth an uair sin, agus rinn an Caiptean Mason an co-dhùnadh gun dèanadh iad air Èirinn, agus sàbhailteachd. Ach, nuair a bha iad faisg air Beàrnaraigh, deas air Barraigh, far a bheil taigh-solais, dh’èirich a’ ghaoth às ùr.

Bha fios aig an sgiobair, nan rachadh iad air creagan àrda Bheàrnaraigh, gum faigheadh a h-uile duine bàs. Thionndaidh Mason an long. Bha e air a chur roimhe an Annie Jane a chur air tìr ann am bàgh ghainmhich – am Bàgh Siar – ann am Bhatarsaigh. Leis a’ ghaoth a-nise air an cùlaibh, bhiodh e furasta gu leòr sin a dhèanamh. Bha Mason an dòchas gum faigheadh daoine gu tìr ann am Bhatarsaigh. Ach cha bhiodh a’ chùis buileach cho soirbh sin, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: an Lùnastal: August; rathaidean-iarainn: railway tracks; reub: ripped; gunna-làimhe: pistol; Hiort: St Kilda; taigh-solais: lighthouse;

Abairtean na Litreach: ’S e soitheach ùr trì-chrannach a bh’ innte: she was a new three-masted vessel; b’ e Uilleam Mason an sgiobair oirre:William Mason was the captain (on her); bha e air a bhith na sheòladair fad trithead ’s a sia bliadhna:he had been a sailor for 36 years; air an taobh thall: on the other side; trì cheud tonna de bhathar eile:three hundred tons of other goods; a-steach don Chuan Siar: into the Atlantic; thòisich an long air luasgadh gu dona:the ship started to roll badly; bhris na crainn-mhullaich: the topmasts broke; rinn an sgioba obair-càraidh oirre:the crew repaired it; bha eagal mòr air an luchd-siubhail: the passengers were very scared; fo-rùm airson faicinn mar a bha gnothaichean:below decks to see how matters were; cho dona ’s gun do dh’aontaich e tilleadh: so bad that he agreed to return; costa deas na h-Èireann: the south coast of Ireland; nach e soitheach comasach a bh’ innte: that she was not a seaworthy vessel; cus dhaoine air bòrd, ’s iad gun bhiadh gu leòr: too many people on board, without enough food; chaidh a toiseach a mhilleadh: her bow was damaged; bhruidhinn X ris a’ chiad mheit gu h-os ìosal: X spoke secretly to the first mate; nach ruigeadh iad Quebec: that they wouldn’t reach Quebec; athchuinge chun an sgiobair: a petition to the captain; dh’èirich gailleann: a terrible storm arose; chaidh crainn a bhriseadh: masts were broken; ceala-deug aig muir: a fortnight at sea; shocraich a’ ghaoth: the wind weakened; faisg air Beàrnaraigh, deas air Barraigh: near Berneray, south of Barra; nan rachadh iad air creagan àrda Bheàrnaraigh: if they went onto the cliffs of Berneray; gum faigheadh a h-uile duine bàs: that everyone would die; air an cùlaibh: behind them; an dòchas gum faigheadh daoine gu tìr ann am Bhatarsaigh: hoping that people would get to land on Vatersay; buileach cho soirbh sin: quite as easy as that.

Puing-chànain na Litreach: a’ giùlain luchd de dh’iarainn: carrying a load of iron. Note that the word luchd for ‘load’ and luchdfor ‘people’ are different and of different origin. A ship usually carries both type of ‘luchd’. Commonly, where people (and particularly professions) are concerned, we follow luchd with a hyphen eg luchd-siubhail ‘travellers’, luchd-teagaisg ‘teachers’. But notice also the unhyphenated luchd na Beurla ‘English-speakers’ (with the genitive article)

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chaidh cùisean am miosad: matters took a turn for the worse.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 408

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean