ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

644: Na h-Amhaisgean - Pàirt 4

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-seann sgeulachd Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan. Bha an saighdear air an rathad do Rìoghachd na Fuarachd airson a leannan a lorg. Bha e ann am bothan an dàrna bodaich. Bha am bodach a’ cìreadh fheusaig le badan giuthais.

“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.

“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

“’S cinnteach gu bheil nas fheàrr agam fhìn,” thuirt an saighdear. Agus thug e an dàrna cìr-eich don bhodach.

“’S aithne dhomh fàth do thurais,” thuirt am bodach. “Tha thu air tòir do leannain, nighean an Rìgh, ann an Rìoghachd na Fuarachd. Cuiridh tu seachad an oidhche a-nochd cuide rium agus cha mhiste do thuras a-màireach e.”

An làrna-mhàireach, nuair a bha an saighdear a’ dèanamh deiseil airson falbh, thuirt am bodach ris, “’S e mo bhràthair as fheàrr a chuireas air do thuras thu. Tha e aig astar latha is bliadhna às a seo. Ach bheir mise dhut ceirsle snàtha. Caith romhad i agus bheir i ann thu.”

Dh’fhalbh an saighdear air an rathad. Bha e a’ caitheamh na ceirsle snàtha roimhe agus ga tharraing a-rithist. Aig ciaradh an fheasgair, ràinig e bothan. Bha bodach liath ann. Bha e a’ cìreadh fheusaig le sguab droighinn.

“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.

“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

“Cha chreid mi nach eil nas fheàrr na sin agamsa,” thuirt an saighdear. Agus thug e a’ chìr-eich mu dheireadh aige don bhodach.

“’S math as aithne dhomh fàth do thurais,” thuirt am bodach. “Tha thu a’ dol do Rìoghachd na Fuarachd air tòir nighean an Rìgh. Cuiridh tu seachad an oidhche a-nochd còmhla riumsa. Cha mhiste do ghnothach a-màireach e.”

An làrna-mhàireach, thuirt am bodach ris, “Tha astar seachd latha ’s seachd bliadhna agad ri dhèanamh às a seo. Ach bheir mi dhut lorg agus bheir i thu astar mìle ann am mionaid. ’S i an iolaire a bhios gad aiseag a-null do Rìoghachd na Fuarachd.”

Rinn e fead agus nochd a h-uile eun air sgèith os a chionn, ach an iolaire. Dh’iarr am bodach air an t-saighdear seasamh pìos bhuaithe oir dh’fheumadh e fead anabarrach mòr a dhèanamh airson an iolaire a tharraing thuige.

“Gheibh thu biadh airson na h-iolaire gus nach ith i thusa,” thuirt e. “Nuair a ruigeas tu Rìoghachd na Fuarachd, bidh agad ri famhair a mharbhadh.”

Rinn am bodach fead mhòr agus thàinig an iolaire. Thog i an saighdear agus chuir i air talamh tioram e ann an Rìoghachd na Fuarachd. Chunnaic an Rìgh an saighdear aig a’ chaisteal agus bha e a’ dol ga leigeil a-steach. Ach bha an saighdear ag iarraidh am famhair a mharbhadh an toiseach. Agus mharbh e e le faobhar fuar a chlaidheimh. Chunnaic an nighean e agus ghlaodh i ri a h-athair, “O athair, sin an saighdear a shàbhail mi bho na h-Amhaisgean.”

Rinneadh banais mhòr aighearach a mhair seachd latha is seachd bliadhna. Agus dh’fhuirich an saighdear gu sona ann an Rìoghachd na Fuarachd gu deireadh a bheatha.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: amhaisg: awisk; Rìoghachd na Fuarachd: The Kingdom of Coldness; sguab droighinn: a brush of blackthorn; cìr-eich: curry [horse] comb; a bhon-raoir: the night before last; lorg: staff; ghlaodh: shouted.

Abairtean na Litreach: airson a leannan a lorg: to find his sweetheart; a’ cìreadh fheusaig le badan giuthais: combing his beard with a clump of pine; nach garbh a’ chìr a th’ agad!: what a rough comb you have; chan eil nas mìne agam: I have none smoother; ’s aithne dhomh fàth do thurais: I know the purpose of your journey; cuiridh tu seachad an oidhche a-nochd cuide rium: you’ll spend tonight with me; astar latha is bliadhna às a seo: a distance of a year and a day from here; bheir mise dhut ceirsle snàtha: I will give you a ball of thread; caith romhad i: throw it in front of you; cha chreid mi nach eil nas fheàrr na sin agamsa: I reckon I have better;’s i an iolaire a bhios gad aiseag a-null: it’s the eagle that will take you over; air sgèith os a chionn: on the wing above him; seasamh pìos bhuaithe:to stand a distance from him; airson an iolaire a tharraing thuige: to attract the eagle to him; bidh agad ri famhair a mharbhadh:you’ll have to kill a giant; rinneadh banais mhòr aighearach: a great merry wedding was held; a mhair seachd latha is seachd bliadhna: that lasted seven years and seven days.

Puing-chànain na Litreach: dh’fheumadh e fead anabarrach mòr a dhèanamh: he would have to whistle extremely loudly ie “make a really loud whistle”. Fead is a feminine noun so we would say rinn e fead mhòr . But when you put in an adjectival strengthener before the adjective, the link to the lenition of the adjective, based on gender, is lost so we say rinn e fead anabarrach mòr . This can be handy for a learner in a conversational situation if you can’t remember the gender of a noun! Here are some examples: ’s e nighean ghlic a th’ innte v ’s e nighean uabhasach glic a th’ innte; tha uinneag mhòr anns an taigh v tha uinneag air leth mòr anns an taigh. But some strengtheners themselves actually cause lenition so the adjective will be lenited even after a masculine noun eg tha carbad mòr aca v tha carbad glè mhòr aca. Be aware of those!

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha mhiste do thuras a-màireach e: your journey tomorrow will not be the worse of it.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 340

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean