ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

586: Griogair MacGriogair

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha an t-Albannach, Griogair MacGriogair, air a dhol don Fhraing. Bha e air a bhith ri foill. Thug e a chreidsinn air mòran dhaoine gun robh dùthaich ann am Meadhan Ameireagaidh air an robh Poyais. Chaidh mòran air slighe fhada airson a dhol a dh’fhuireach ann. Chaill iad airgead mòr. Chaill feadhainn am beatha.

Ach bu choma le MacGriogair. Bha e anns an Fhraing, a’ cur sgeama air dòigh airson Frangaich a thàladh a Phoyais mar luchd-tuineachaidh. Chuir e companaidh Fhrangach air chois. Bha aig daoine a bha ag iarraidh a dhol a dh’fhuireach ann am Poyais ri earrannan a cheannach anns a’ chompanaidh – air cosgais ceud franc gach duine.

Bha MacGriogair dhen bheachd gun robh an t-àm aige “Bun-reachd” Phoyais atharrachadh. Ann am Breatainn bha e math gu leòr a bhith a’ cumail a-mach gur e prionnsa a bh’ ann – His Serene Highness Gregor I, Prince of Poyais, mar a bh’ aige air fhèin. Ach anns an Fhraing, chaidh Poyais na poblachd. Agus cò an ceannard-stàite a bh’ aca? Cò ach MacGriogair fhèin!

Ach cha deach cùisean cho math dha anns an Fhraing. Mhothaich oifigearan Frangach gun robh feadhainn air cead-siubhail iarraidh airson a dhol gu dùthaich air nach cuala iad aithris riamh. Chuir iad soitheach na companaidh ann an grèim ann an Le Havre.

Thuig cuid dhen luchd-tuineachaidh nach robh cùisean mar bu chòir. Dh’iarr iad air na h-ùghdarrasan an gnothach a sgrùdadh. Chaidh oifigearan aig MacGriogair a chur an grèim. Ach cha robh sgeul air MacGriogair fhèin.

Mu dheireadh thall lorgadh MacGriogair. Bha casaidean foill air an cur às a leth. Chaidh cùis-chùirte air adhart ann an ochd ceud deug is sia air fhichead (1826). Mhair a’ chùis ceithir latha. Agus fhuaireadh MacGriogair neoichiontach.

Goirid às dèidh sin, thill e a Lunnainn. Bha e air a chur an grèim agus chuir e seachad seachdain anns a’ phrìosan. Ach chaidh a shaoradh. Agus an do leig e seachad gnothach Phoyais? Cha do leig! Lean e air le bhith a’ reic sgeamaichean – ged nach robh e cho furasta a-nise. Bha e air sguir a ràdh gum b’ esan Prionnsa Phoyais, eadhon ann am Breatainn. Chùm e air leis an stòiridh a bh’ aige san Fhraing – gun robh na dùthchasaich air a thaghadh mar Cheann-suidhe ann am Poblachd Phoyais!

Ach bha farpais aige a-nise. Bha feadhainn eile air oifisean fhosgladh ann an Lunnainn, feuch fearann ann am “Poyais” a reic do dhaoine. Ghluais MacGriogair a dh’Alba ach bha a chridhe thall ann an Ameireagaidh. Ann an ochd ceud deug, trithead ’s a naoi (1839), ghluais e a Bhenesuèla. Leis gun robh e air sabaid airson neo-eisimeileachd ann am Bhenesuèla. Chaochail e an sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1845).

’S iongantach mura rinn MacGriogair gàire bho àm gu àm nuair a mheòraich e air an fhoill a rinn e agus mar a fhuair e dheth leis. Ach saoil an robh càil air a chogais, oir rinn e cron mòr air feadhainn a bha ro dheònach a ghealltanas a chreidsinn – gun lorgadh iad dùthaich bheartach air taobh thall a’ chuain. Bha beul brèagha aige, ach ’s e an gnìomh a dhearbhas.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Griogair MacGriogair: Gregor MacGregor; Meadhan Ameireagaidh: Central America; bun-reachd: constitution; mhothaich: noticed; cùis-chùirte: court case; eadhon: even; farpais: competition.

Abairtean na Litreach: bha e air a bhith ri foill: he had been involved in deceit; bu choma le MacGriogair: MacGregor couldn’t have cared less; bha e math gu leòr a bhith a’ cumail a-mach gur e prionnsa a bh’ ann: it was good enough to make out he was a prince; cò an ceannard-stàite a bh’ aca?: who was their head of state?; airson Frangaich a thàladh mar luchd-tuineachaidh: to attract French people as settlers; bha aig daoine.. ri earrannan a cheannach: people.. had to buy shares; cosgais ceud franc gach duine: the cost of a hundred francs each person; gun robh feadhainn air cead-siubhail iarraidh: that some people had requested a passport; dùthaich air nach cuala iad aithris riamh: a country they’d never heard [a report] of; chuir iad soitheach na companaidh ann an grèim: they put the company’s vessel in custody; nach robh cùisean mar bu chòir: that matters weren’t as they should [have been]; lorgadh MacGriogair: MacGregor was found; bha casaidean foill air an cur às a leth: fraud charges were laid against him; fhuaireadh X neoichiontach: X was found not guilty; chaidh a shaoradh: he was freed; an do leig e seachad X?: did he lay X to one side?; gun robh na dùthchasaich air a thaghadh mar Cheann-suidhe: that the natives had chosen him as President; ghluais e a Bhenesuèla: he moved to Venezuela; ’s iongantach mura rinn X gàire: X probably smiled; nuair a mheòraich e air an fhoill a rinn e: when he contemplated the fraud he [had] committed; mar a fhuair e dheth leis: how he got away with it; an robh càil air a chogais?: was there anything on his conscience?; ro dheònach a ghealltanas a chreidsinn: too willing to believe his promise.

Puing-chànain na Litreach: Thug e a chreidsinn air mòran dhaoine gun robh dùthaich ann am Meadhan Ameireagaidh air an robh Poyais: he caused many people to believe that there was a country in Central America called Poyais. There is a big difference between thoir creideas do (believe, trust) and thoir a chreidsinn air (cause somebody to believe). Creidsinn is given by the dictionaries as a masculine noun (meaning “believing, act of believing”) but in this expression it is a chreidsinn (without an apostrophe). An toir thu a chreidsinn air? (will you cause him to believe?). Thug iad a chreidsinn orm gun robh a’ ghealach air a dèanamh de chàise (they made me believe that the moon was made of cheese).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha beul brèagha aige, ach ’s e an gnìomh a dhearbhas: he talked a good talk , but the proof of the pudding is in the eating.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 282

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean