ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

334: An t-Urramach Tormod MacLeòid

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Nuair a ràinig Tormod MacLeòid Baile Pheadair ann an ceann a deas Eilein Cheap Bhreatainn, bha an luchd-tuineachaidh gu lèir deiseil airson an earrann mu dheireadh dhen t-slighe aca a dhèanamh gu Baile Anna. Ach cha robh iad a’ dol a ghabhail slighe a’ chladaich. Tharraing iad na bàtaichean aca air tìr air an tairbeart eadar a’ mhuir agus an loch mòr air a bheil Bras d’Or Lake. An-diugh tha canàl ann a tha a’ ceangal an loch ris a’ mhuir. Ach an uair sin, bha aig na daoine ris na bàtaichean aca a tharraing leth-mhìle air an talamh gus an do ràinig iad an loch. An uair sin sheòl iad gu ruige an t-àite a thagh iad a’ bhliadhna roimhe. Bha sin anns a’ Chèitean ochd ceud deug is fichead (1820).

Thadhail iad an toiseach air baile beag far a bheil Baile nan Gall an-diugh. Bha grunn iasgairean is an teaghlaichean a’ fuireach ann. Ach cha robh sgeul air duine sam bith eile san sgìre. Thagh Tormod agus a luchd-leantainn fearann. Bha na bothain a thog iad a’ bhliadhna roimhe fhathast nan seasamh. Thòisich iad air craobhan a leagail. Chuir iad buntàta. Agus bha èisg gu leòr anns a’ mhuir. Bha iad beò gu mòr anns a’ chiad bhliadhna sin air iasg is buntàta.

Bha dà cheud acaire de dh’fhearann aig gach duine. Mar sin bha pìos ann eadar nàbaidhean. Ach bhiodh iad a’ cèilidh air cach a chèile sna bàtaichean aca, agus bhiodh iad a’ tighinn cruinn còmhla airson adhradh air an t-Sàbaid. Bha sin ann an taigh Thormoid.

Cha b’ fhada gus an robh luchd-tuineachaidh gu leòr eile anns an sgìre. Thàinig iad à pàirtean eile de dh’Alba Nuadh agus à Alba fhèin. Bha feadhainn à Pictou agus à Asainte, a bha eòlach air Tormod MacLeòid mu thràth. Ann an ochd ceud deug, fichead ’s a dhà (1822), thog iad sgoil. B’ e Tormod an tidsear.

Ged a bhiodh Tormod ri searmonachadh, cha robh e gu h-oifigeil na mhinistear. Bha e a’ trèanadh airson na ministrealachd ann an Alba, ach cha do chuir e crìoch air sin. Mar sin, cha robh cead aige càraidean a phòsadh. Sia bliadhna às dèidh dha dhol a dh’fhuireach ann an sgìre Bhaile Anna, chaidh e do na Stàitean Aonaichte leis an amas cead fhaighinn a bhith na mhinistear. Fhuair e sin às dèidh beagan mhìosan ann an Stàite New York. Bliadhna às dèidh sin fhuair e cead bho Riaghaltas Alba Nuaidh airson a bhith na thidsear.

’S ann ann an Gàidhlig a bhiodh a’ chlann a’ faighinn an cuid foghlaim an toiseach. Bhiodh iad ag ionnsachadh litreachadh is leughadh. Bhiodh iad a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh. An uair sin bhiodh iad a’ leughadh a’ Bhìobaill air fad. Leanadh iad sin le bhith ag ionnsachadh leughadh ann am Beurla. Ach cha do mhair am prìomhachas a bh’ aig a’ Ghàidhlig. Ann an ochd ceud deug, trithead ’s a naoi (1839) dh’fhosgail càraid, a bh’ air ùr-thighinn à Alba, sgoil ùr mu fhichead mìle air falbh. Agus bha an sgoil sin air a ruith tro mheadhan na Beurla a-mhàin.

Bhiodh a’ chlann a’ frithealadh na sgoile sia là san t-seachdain. As t-samhradh, ge-tà, bha e doirbh do phàrantan an cuid obrach a choileanadh às aonais na cloinne. Bha obair mhòr aca – a’ cumail sùil air a’ chrodh, a’ cruinneachadh dhearcan sa choille, ag iasgach is mar sin air adhart.

Fhuair Tormod tuarastal airson a bhith na thidsear. Ach cha ghabhadh e airgead bho na daoine. Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain mar a fhuair e a thuarastal.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Baile Pheadair: St Peter’s; Baile Anna: St Ann’s; Baile nan Gall: Englishtown; leth-mhìle: half a mile; luchd-leantainn: followers; tuarastal: salary, wages.

Abairtean na Litreach: bha an luchd-tuineachaidh gu lèir deiseil: all the settlers were ready; airson an earrann mu dheireadh dhen t-slighe aca a dhèanamh:to make the last part of their journey; tharraing iad na bàtaichean aca air tìr air an tairbeart:they pulled their boats onto land on the isthmus; sheòl iad gu ruige an t-àite a thagh iad a’ bhliadhna roimhe:they sailed to the place they chose the previous year; bha grunn iasgairean is an teaghlaichean a’ fuireach ann: several fishermen and their families were living there; bha na bothain fhathast nan seasamh: the bothies were still standing; thòisich iad air craobhan a leagail: they started to fell trees; bha dà cheud acaire de dh’fhearann aig gach duine: each man had two hundred acres of land; bhiodh iad a’ cèilidh air cach a chèile: they would visit each other; airson adhradh air an t-Sàbaid: to worship on the Sabbath; cha b’ fhada gus an robh: it wasn’t long before; a’ trèanadh airson na ministrealachd ann an Alba: training for the ministry in Scotland; cha robh cead aige càraidean a phòsadh: he didn’t have a licence to marry couples; sia bliadhna às dèidh dha dhol a dh’fhuireach: six years after going to live; ’s ann ann an Gàidhlig a bhiodh a’ chlann a’ faighinn an cuid foghlaim: it is in Gaelic that the children got their education; bhiodh iad a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh: they would read the New Testament; dh’fhosgail càraid, a bh’ air ùr-thighinn à Alba, sgoil ùr: a couple, who were newly arrived from Scotland, opened a new school; an cuid obrach a choileanadh às aonais na cloinne: to fulfil their work without the children; a’ cruinneachadh dhearcan: collecting berries.

Puing-chànain na Litreach: As t-samhradh : in the summer. The as is an abbreviation of anns an (“in the”). It is permitted by the recently published Gaelic Orthographic Conventions (GOC II), and it is much more common in speech than the longer anns an t-samhradh. Note that this abbreviated forms occurs with three seasons of the year (spring, summer, autumn) ie as t-earrach, as t-samhradh, as t-fhoghar. But for “in the winter” we say sa gheamhradh (anns a’ gheamhradh). You will also hear it being used with two months of the year – September and November ie as t-Sultain (or san t-Sultain) and as t-Samhain (or san t-Samhain).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha iad beò air iasg is buntata : they lived on fish and potatoes.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 30

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean