ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Confirming and emphasising things A’ daingneachadh agus a’ cur cuideam air nithean

You refused number oneChuir thu cùl ri àireamh a h-aon

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

An ann à … a tha ...? is used to ask where someone is from.

’s ann - yes (to an ann ...?)

chan ann - no (to an ann ...?)

an ann gorm a tha do shùilean? – are your eyes blue?

chan ann à Glaschu a tha mi – I am not from Glasgow

’s ann air an dùthaich a b’ fheàrr leam a bhith a’ fuireach – I would prefer to live in the country

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Presenter Ceart ma-thà, Iseabail.
Cuir na ceistean agad agus tagh leannan.
Right then, Ishbel.
Ask your questions and choose a date (sweetheart).
Iseabail OK ma-thà. ’S toigh leam balaich le sùilean gorma.
An ann gorm a tha do shùilean?
Àireamh a h-aon.
OK then. I like I like guys with blue eyes.
Are your eyes blue?
Number one.
Man 1 Chan ann.
’S ann dorch donn a tha mo shùilean.
Ach tha mi glè bhrèagha.
No.
My eyes are dark brown.
But I’m very handsome.
Iseabail Ceart.
Àireamh a dhà.
An ann gorm a tha do shùilean-sa?
Right.
Number two.
Are your eyes blue?
Man 2 ’S ann.
Cho gorm ris a’ mhuir.
Yes.
As blue as the sea.
Woman Agus, àireamh a trì? And, number three?
Man 3 ’S ann gorm a tha mo shùilean-sa cuideachd agus tha iad glè bhòidheach.
Chan eil iad cho gorm ris a’ mhuir, tha iad nas guirme.
My eyes are blue too and they are very beautiful.
They’re not as blue as the sea, they’re bluer.
Presenter Tha i glè thoilichte le sin.
Siuthad ma-tà, Iseabail.
An dàrna ceist.
She’s very happy with that.
Go on then, Ishbel.
The second question.
Iseabail Ok ma-thà.
O chionn ghoirid, bha leannan agam à Glaschu, agus bha e uabhasach coibhneil agus uabhasach gasta.
An ann à Glaschu a tha thusa?
Àireamh a dhà.
Ok then.
Recently, I had a boyfriend from Glasgow, and he was really kind and really splendid.
Are you from Glasgow?
Number two.
Man 2 ’S ann.
’S ann à Glaschu a tha mise.
Rugadh mi faisg air na Barras.
’S bidh mi a’ dol ann gach seachdain.
Bidh mi ag òl irn bru agus ag ithe tiops.
’S toigh leam Glaschu gu mòr.
Yes.
I’m from Glasgow.
I was born near the Barras.
And I go there every week.
I drink irn bru and I eat chips.
I like Glasgow a lot.
Iseabail Agus àireamh a trì.
Co às a tha thu fhèin?
And number three.
Where are you from?
Man 3 Chan ann à Glaschu a tha mi idir.
Tha mi à Leòdhas.
A bheil thu ag iarraidh leannan Leòdhasach, a ghràidh?
I’m not from Glasgow at all.
I’m from Lewis.
Do you want a boyfriend from Lewis, dear?
Iseabail Uill, chì sinn.
Àireamh a h-aon.
An ann à Glaschu a tha thusa?
Well, we’ll see.
Number one.
Are you from Glasgow?
Man 1 Chan ann.
’S ann à Leòdhas a tha mise.
Agus cha toigh leam Glaschu idir.
No.
I’m from Lewis.
And I don’t like Glasgow at all.
Presenter Uill, Iseabail.
Dè do bheachd?
Well, Ishbel.
What do you think?
Iseabail Uill, chan eil mi cinnteach fhathast. Well, I’m not sure yet.
Presenter Cùm ort ma-thà. Carry on then.
Iseabail Ok ma-thà.
Seo a’ cheist mu dheireadh agam.
’S e oileanach a th’ annam agus tha mi a’ fuireach anns a’ bhaile mhòr.
Nuair a bhios mi deiseil, b’ fheàrr leam a bhith a’ fuireach anns a’ bhaile mhòr.
An ann anns a’ bhaile mhòr a tha thusa airson fuireach?
Agus tha sin a’ dol gu àireamh a trì.
Ok then.
This is my final question.
I’m a student and I live in the city.
When I’m finished I’d prefer to live in the city.
Do you want to live in the city?
And that goes to number three.
Man 3 Uill, ’s e oileanach a th’ annam fhìn cuideachd ach chaidh mo thogail air croit bheag bhrèagha ann an Leòdhas.
Ach ’s ann anns a’ bhaile mhòr a tha mi ag iarraidh a bhith a’ fuireach cuideachd, nam biodh tusa ann.
Well, I’m a student myself too but I was brought up on beautiful, small croft in Lewis.
But I want to live in the city too, if you were there.
Iseabail Agus àireamh a h-aon.
An ann anns a’ bhaile mhòr a b’ fheàrr leatsa a bhith a’ fuireach?
And number one.
Would you prefer to live in the city?
Man 1 Chan ann.
’S ann air an dùthaich a b’ fheàrr leamsa a bhith a’ fuireach.
Cha toigh leam am baile mòr idir.
Agus nam biodh tusa còmhla rium air an dùthaich, cha bhiodh tu airson a bhith a’ fuireach anns a’ bhaile mhòr tuilleadh.
No.
I’d prefer to live in the country.
I don’t like the city at all.
And if you were with me in the country, you wouldn’t want to live in the city anymore.
Iseabail Ceart.
Agus àireamh a dhà.
An ann air an dùthaich a b’ fheàrr leatsa a’ bhith fuireach cuideachd?
Right.
And number two.
Would you prefer to live in the country too?
Man 2 Chan ann idir idir idir.
’S ann anns a’ bhaile mhòr a tha mise a’ fuireach.
Agus ’s ann anns a’ bhaile mhòr a tha mi airson a bhith a’ fuireach.
Chan eil càil air an dùthaich ach caoraich is craobhan agus mas ann anns a’ bhaile mhòr a bhios thusa a’ fuireach, chan iarrainn-sa a dhol faisg air an dùthaich.
Not at all. I live in the city.
And I want to live in the city.
There is nothing in the country but sheep and trees and if you live in the city, I wouldn’t want to go near the country.
Presenter Uill Iseabail.
Chuir thu na ceistean agus chuala tu na freagairtean.
A bheil cuimhne agad orra?
Well, Ishbel.
You asked the questions and you heard answers.
Do you remember them?
Iseabail Uill, chan eil. Well, no.
Presenter Ceart ma-thà.
Èist ris an seo.
Right then.
Listen to this.
Iseabail Ok, ma-thà. Ok then.
Voice Cò tha thu a' dol a thaghadh ma-thà, Iseabail? Àireamh a h-aon?
’S ann dorch, donn a tha a shùilean, tha e à Leòdhas agus ’s ann air an dùthaich a b’ fheàrr leis a bhith a’ fuireach.
Agus nam biodh tusa còmhla ris, chan iarradh tu am baile mòr.
No, ’s dòcha àireamh a dhà.
Tha sùilean gorma aige, ’s ann à Glaschu a tha e, agus ’s ann anns a’ bhaile mhòr a b’ fheàrr leis a bhith a’ fuireach – còmhla riutsa.
No, àireamh a trì.
’S ann gorm a tha a shùilean-sa cuideachd, ’s ann à Leòdhas a tha e, agus tha e ag iarraidh a bhith a’ fuireach anns a’ bhaile mhòr cuideachd – ma bhios tusa ann. Siuthad ma-thà, Iseabail.
Tagh leannan.
Who are you going to choose then Ishbel?
Number one?
His eyes are dark brown, he’s from Lewis and he’d prefer to live in the country.
And if you were with him, you wouldn’t want the city.
Or, maybe number two.
His eyes are blue, he’s from Glasgow, and he’d prefer to live in the city – with you.
Or, number three.
His eyes are blue too, he’s from Lewis and he wants to live in the city too – if you are there.
Go on then, Ishbel.
Choose a date.
Iseabail Àireamh a dhà no àireamh a trì. Number two or number three.
Presenter Chan fhaigh thu dithis Iseabail. You can’t have two, Ishbel.
Iseabail Ceart ma-thà.
Àireamh a dhà.
Ok then.
Number two
Presenter Uill, Iseabail.
Chuir thu cùl ri àireamh a h-aon.
’S e Iain à Leòdhas.
Agus tha thu air cùl a chur ri àireamh a trì.
Sin Calum à Leòdhas.
Ciamar a b’ urrainn dhut?
Ach tha thu air àireamh a dhà a thaghadh.
Jason à Glaschu.
Well, Ishbel.
You turned your back on number one.
John from Lewis.
And you have turned your back on number three.
That’s Calum from Lewis.
How could you?
But you have chosen number two.
Jason from Glasgow.