FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Confirming and emphasising things A’ daingneachadh agus a’ cur cuideam air nithean

My pen has gone dryTha am peann agam air a dhol tioram

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

’s ann à Ìle a tha mi I am from Islay

’s ann anns an Òban a tha mi a’ fuireach I live in Oban

’S ann is used to emphasise something. ’S ann à …(place)... a tha … (person)... emphasises where someone is from.

bradan smocte smoked salmon

uilebheist a monster

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Presenter Dè an t-ainm a th’ ort, a ghràidh? What’s your name, dear?
Sìne Sìne NicFhionghain. Jane Mackinnon.
Presenter Co às a tha thu, a Shìne? Where are you from, Jane?
Sìne ’S ann à Ìle a tha mi, ach ’s ann anns an Òban a tha mi a’ fuireach a-nis. I’m from Islay, but I live in Oban now.
Presenter A bheil thu pòsta? Are you married?
Sìne Chan eil.
Tha mi ag obair ann an taigh-òsta an seo.
No.
I work in a hotel here.
Presenter Uill, a Shìne.
Tha trì ceistean agam dhut mu dheidhinn Alba, agus duais uabhasach math ma fhreagras tu na ceistean sin.
A bheil thu deiseil?
Well, Jane.
I have three questions for you about Scotland, and a fantastic prize if you answer those questions.
Are you ready?
Sìne Tha. Yes.
Presenter Ceart ma-thà.
A’ chiad cheist.
Cò às a tha an seinneadair ainmeil, Calum Ceanadach?
Right then.
The first question.
Where is the famous singer, Calum Kennedy, from?
Sìne ’S ann à Leòdhas a tha e. He’s from Lewis.
Presenter ’S ann.
Tha thu ceart.
Glè mhath.
Niste, an dàrna ceist.
Càit a bheil Tobar Mhoire?
Yes.
You’re right.
Very good.
Now, the second question.
Where is Tobermory?
Sìne Tobar Mhoire.
’S ann ann am Muile a tha e.
Tobermory.
It’s in Mull.
Presenter Sin thu fhèin, a Shìne.
’S ann am Muile a tha Tobar Mhoire.
Nis, an treas ceist.
Dè an loch anns a bheil uilebheist a’ fuireach?
That’s it, Jane.
Tobermory is in Mull.
Now, the third question.
In which loch does a monster live?
Sìne Loch Nis? Loch Ness?
Presenter Ceart.
’S ann an Loch Nis a tha uilebheist a’ fuireach.
Am faca tusa riamh i?
Correct.
There’s a monster living in Loch Ness.
Have you ever seen it?
Sìne Chan fhaca.
Cha robh mi riamh faisg air Loch Nis.
No.
I’ve never been near Loch Ness.
Presenter Uill, co-dhiù. Meal do naidheachd, a Shìne.
Rinn thu glè mhath.
Well, anyway.
Congratulations, Jane.
You did very well.
Sìne Tapadh leibh. Thank you.
Presenter Tha thu air duais mhòr fhaighinn.
Bradan smocte.
Saoil an còrd sin riut?
You’ve got a great prize.
Smoked salmon.
I wonder will you enjoy that?
Sìne Cha chòrd.
Tha mi sgìth dheth.
Bidh mi ga fhaighinn a h-uile latha anns an taigh-òsta.
No.
I’m tired of it.
I get it every day in the hotel.
Presenter Ò, uill ’s e sin an duais, tha eagal orm.
Chan eil dad eile ann.
Oh well, that’s the prize, I’m afraid.
There’s nothing else.
Sìne Bhiodh peann sgoinneil, neo peansail. A pen would be great, or a pencil.
Presenter Tha pinn gu leòr againn ma tha thu ag iarraidh sin. We have plenty of pens if you want that.
Sìne Sgoinneil.
Tha am peann agam air a dhol tioram.
Uill, beannachd leibh.
Tapadh leibh.
Great.
My pen has gone dry.
Well, goodbye.
Thank you.
Presenter Mar sin leat an-dràsta, a Shìne.
Bye for now, Jane.