FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Getting to know people A’ cur eòlas air daoine

I know those people in thereTha mi eòlach air na daoine a-staigh an sin

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

… a’ cumail a’ phartaidh … holding the party

ged a dh’fhanadh sibh an seo even though you stayed here (plural/polite)

chan fhaigheadh sibh a-steach you wouldn’t get in (plural/polite)

nan rachadh sibhse a-steach an sin if you would go in there (plural/polite)

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Doorman Thuirt mi ribh nach eil sibh a’ faighinn a-steach. I told you that you’re not getting in.
Girl Ach ’s aithne dhomh an tè a tha a’ cumail a’ phartaidh. But I know the girl who’s holding the party.
Doorman ’S e balach a tha a’ cumail a’ phartaidh.
Tha e a-muigh uairean feasgair, ged a dh’fhanadh sibh an seo gu trì uairean sa mhadainn, chan fhaigheadh sibh a-steach.
It’s a boy who’s holding the party.
It’s outside afternoon hours, even if you were to stay here till three o’ clock in the morning, you wouldn’t get in.
Girl 2 ’S aithne dhomhsa am balach a tha a’ cumail a’ phartaidh.
Bha sinn anns an aon chlas anns a' cholaiste.
I know the boy who’s holding the party.
We were in the same class at college.
Girl 1 Tha sin ceart.
Agus, tha mise eòlach air cuideachd.
Bha sinn a’ dol a phòsadh ach bha a mhàthair ag ràdh gun robh sinn ro òg.
That’s right.
And, I know him too.
We were going to marry but his mother said that we were too young.
Doorman Tha mi a’ creidsinn gun canadh a mhàthair sin ceart gu leòr. I believe that his mother would say that alright.
Girl Ach ’s aithne dhomhsa na daoine a tha a-staigh an sin aig a’ phartaidh ge-tà. But I know the people in there at the party though.
Doorman Tha mi a’ creidsinn sin. I believe that.
Girl 2 A bheil sinn a’ faighinn a-steach ma-thà? Are we getting in then?
Doorman Chan eil. No.
Girl Carson? Why not?
Doorman Chanainn gu bheil sibh car òg airson pòsadh. I’d say that you are a little young to get married.