ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Getting to know people A’ cur eòlas air daoine

Do you recognise that black-haired guy?An aithne dhuibh am fear dubh sin?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

do you know? – an aithne dhut?

do you know her? – an aithne dhuibh i? (plural/polite)

To answer that you know somebody when asked an aithne …?, use

yes (to answer an aithne …?) – ’s aithne

no (to answer an aithne …?) – chan aithne

maybe you know me – ’s dòcha gur aithne dhut mi

full of herself – làn dhith fhèin

full of himself – làn dheth fhèin

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Ailean Mac an t-Saoir Seall an tè dhubh.
An aithne dhuibh i?
Look at the black-haired girl.
Do you know her?
Man 2 Chan aithne. No.
No.
Ailean Mac an t-Saoir Tha mise cinnteach gum bruidhinn i rium. I’m sure that she’ll speak to me.
Man 3 Carson nach tèid thu a bhruidhinn rithe, ma-thà?
Thig sinne còmhla riut.
Why don’t you go and speak to her, then?
We will come with you.
Man 2 Cha tig.
Thèid mi ann leam fhìn.
Bidh barrachd teansa agam.
No.
I’ll go by myself.
I’ll have more of a chance.
Sandra Chaimbeul An aithne dhuibh am fear dubh sin? Do you know that black-haired guy?
Woman 2 / 3 ’S aithne.
Sin Ailean Mac an t-Saoir.
Yes.
That’s Alan Macintyre.
Sandra Chaimbeul Dè tha ceàrr air? What’s wrong with him?
Woman 2 Tha e làn dheth fhèin.
Nuair a bha Raonaid a’ dol a-mach leis, cha bhiodh e a’ dèanamh càil ach bruidhinn mu dheidhinn fhèin.
He’s full of himself.
When Rachel was going out with him, he would do nothing but speak about himself.
Woman 3 Bhiodh Seònaid a’ dol a-mach leis cuideachd, ach cha b’ urrainn dhi cur suas leis. Janet used to go out with him too, but she couldn’t put up with him.
Sandra Chaimbeul Tha mise a’ smaoineachadh gun còrdadh e leam a bhith a’ dol a-mach leis.
Tha e snog.
I think that I’d enjoy going out with him.
He’s nice.
Woman 2 Seall, tha e a’ tighinn a-nall. Look, he’s coming over.
Sandra Chaimbeul Bithibh modhail. Be polite.
Ailean Mac an t-Saoir Haidh.
’S dòcha gur aithne dhut mi?
’S mise Ailean Mac an t-Saoir.
Hi.
Maybe you know me?
I’m Alan Macintyre
Sandra ’S mise Sandra Chaimbeul. I’m Sandra Campbell.
Ailean Mac an t-Saoir Tha mi cinnteach gun còrdadh e riut bruidhinn rium.
Tha mise ag obair air na plèanaichean.
I’m sure that you’d enjoy speaking to me.
I work on the planes.
Sandra Chaimbeul Agus tha mise cinnteach gun còrdadh e riut bruidhinn riumsa, ’s e modal a th’ annam. And I’m sure that you’d enjoy speaking to me, I’m a model.
Ailean Mac an t-Saoir Thugainn is gheibh sinn deoch. Let's go and get a drink.