ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Requests and suggestions Iarrtasan molaidhean

What would you do if someone followed you? Dè dhèanadh tu nam biodh cuideigin a' tighinn às do dhèidh?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dè dhèanadh tu? what would you do?

an ruitheadh tusa air falbh? would you run away?

cha ruitheadh ... ... would not run

ruithinn I would run

nan cuireadh tu if you would put

nan togadh sibh if you would lift (plural/polite)

nan cuireadh tu sin air dòigh if you would fix/arrange that

nan togadh tu an càr if you would lift the car

nam bithinn nur n-àite if I was in your place (plural/polite)

’s math an airidh well deserved

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Martial arts instructor Dè dhèanadh tu nam biodh tu a’ cluinntinn cuideigin a’ tighinn às do dhèidh?
Nas fhaisge agus nas fhaisge?
What would you do if you heard somebody coming after you?
Closer and closer?
Female Student 1 Ruithinn air falbh. I’d run away.
Martial arts instructor An ruitheadh tusa air falbh cuideachd, a Chriosaidh? Would you run away too, Chrissie?
Criosaidh Cha ruitheadh. No, I wouldn’t.
Martial arts instructor Dè dhèanadh tusa ma-thà? What would you do then?
Criosaidh Uill, ghabhainn greim air làmh an duine mar seo.
Chuirinn mo dhruim ris an duine mar seo, agus chuirinn an duine air a dhruim, mar seo.
Well, I’d take hold of the man’s hand like this.
I’d put my back against the man like this, and I’d put the man on his back, like this.
Martial arts instructor Dè dhèanadh tu an dèidh sin? What would you do after that?
Criosaidh Dhèanainn cinnteach nach b’ urrainn dha rud sam bith a dhèanamh ormsa.
Nam bithinn faisg air fòn, chuirinn fòn gu na poileas.
I’d make sure that he couldn’t do anything to me.
If I was near a telephone, I’d phone the police.
Martial arts instructor Uill, cha bhithinn airson tighinn às do dhèidh. Ach cuimhnich an rud a bhithinn ag ràdh nuair a thòisich thu. Dè dhèanadh tu? Well, I wouldn’t want to come after you.
But remember what I used to say when you started.
What would you do?
Students Ruithinn air falbh. Run away.
Martial arts instructor Agus gu dearbh, a Chriosaidh, ruithinn air falbh bhuatsa. And indeed, Chrissie, I’d run away from you.