ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Requests and suggestions Iarrtasan molaidhean

Would / could you put this big bag beside the other bag?An cuireadh tu am baga mòr seo ri taobh a' bhaga eile?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

an dèanadh tu…? – would you do / make …?

… rudeigin dhomh - … something for me

… fàbhar dhomh - … me a favour

an dèanadh tu sin? – would you do that?

An dèanadh …? can also be used to ask conjectural questions:

an dèanadh dà phinnt bainne an gnothaich an-diugh? – would two pints of milk do today?

an cuireadh tu …? – would you put …?

an toireadh tu …? - would you take / bring …?

coibhneil – kind

nam biodh tu cho coibhneil - if you would be so kind

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Alasdair An cuidich mi sibh leis na bagaichean agaibh? Can I help you with your bags?
Elderly woman An dèanadh tu sin? Would you do that?
Alasdair Nì gu dearbh. Yes, indeed.
Elderly woman Nam biodh tu cho coibhneil.
An tèid am baga mòr seo air cùlaibh an t-suidheachain agam?
If you’d be so kind.
Will this big bag go behind my seat?
Alasdair Thèid. Yes.
Elderly woman An cuireadh tu am baga mòr seo ri taobh a’ bhaga eile? Would you put this big bag beside the other bag?
Alasdair Seo a-nis.
Càit a bheil sibh ag iarraidh nam bagaichean beaga?
There now.
Where do you want the small bags?
Elderly woman Bidh iad ceart gu leòr eadar na suidheachain. They’ll be alright between the seats.
Alasdair Nise, ciamar a tha sin? Now, how’s that?
Elderly woman Tha sin math dha-rìribh, tapadh leat. That’s super, thank you.
Alasdair Nuair a thig sinn faisg air an taigh agaibh, feuch an innis sibh dhomh. When we get close to your house, make sure you tell me.
Elderly woman An toireadh tu na bagaichean a-mach an uair sin? Would you take the bags out then?
Alasdair Gun dragh sam bith. No bother at all.
Elderly woman Tapadh leat, a-rithist. Thank you again.
Alasdair 'S e ur beatha You’re welcome.