ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Requests and suggestions Iarrtasan molaidhean

I would say that the bus station is a mile awayChanainn gun robh stèisean nam busaichean mìle air falbh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

an gabhabh sibh …? would you take …? (plural/polite)

an gabhabh sibh mo leisgeul? would you excuse me? (literally ‘would you take my excuse?’) (plural/polite)

ghabhainn I would take

an seallaibh sibh dhomh? would you show me? (plural/polite)

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man 1 An gabh sibh mo leisgeul? Will you excuse me?
Man 2 Dè nì mi dhuibh? What can I do for you?
Man 1 A bheil mi faisg air stèisean nam busaichean? Am I near to the bus station?
Man 2 Chan eil, tha eagal orm.
Tha stèisean nam busaichean ri taobh stèisean nan trèanaichean.
No, I’m afraid not.
The bus station is next to the train station.
Man 1 An sealladh sibh dhomh far a bheil sinn an-dràsta? Would you show me where we are just now?
Man 2 Ceart.
Seo an drochaid, agus seo an abhainn.
Chanainn gun robh stèisean nam busaichean mìle air falbh.
Ghabhainn an t-sràid sin agus ghabhainn an uair sin an treas rathad air an làimh chlì.
Tha stèisean nam busaichean an sin.
Ok.
Here’s the bridge, and here’s the river.
I’d say that the bus station is a mile away.
I would take that street and I’d then take the third road on the left.
The bus station is there.
Man 1 Tapadh leibh.
Saoil an canadh sibh sin a-rithist?
Thank you.
I wonder would you say that again?
Man 2 Ghabhainn an t-sràid sin agus an uair sin ghabhainn an treas rathad air an làimh chlì.
Chì thu stèisean nam busaichean an sin.
I’d take that street and then I’d take the third road on the left.
You’ll see the bus station there.
Man 1 Am bi stèisean nam busaichean trang? Will the bus station be busy?
Man 2 Chanainn gum bitheadh.
Tha busaichean a-mach ’s a-steach a h-uile deich mionaidean.
Càit a bheil thu a’ dol?
I would say so.
Buses go in and out every ten minutes.
Where are you going?
Man 1 Mura bi bus ann a dh’Inbhir Nis, dh’iarrainn a dhol a dh’Obar Dheathain, neo Dhùn Dè. If there isn’t a bus to Inverness, I’d want to go to Aberdeen, or to Dundee.
Man 2 Tha Inbhir Nis brèagha, ach chanainn gum biodh Obar Dheathain na b’ fheàrr na Dùn Dè.
Tha tràigh mhòr ann agus tha am baile snog.
Tha mi an dòchas gun còrd e ribh.
Inverness is beautiful, but I’d say that Aberdeen would be better than Dundee.
There’s a large beach and the town is nice.
I hope you that enjoy it.
Man 1 Tapadh leibh.
Uill, mar sin leibh.
Thank you.
Well, goodbye.
Man 2 Mar sin leat fhèin. Goodbye.