ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Opinions and suggestions Barailean agus molaidhean

I think that you would be happy with the chilli con carneTha mi a' smaoineachadh gum biodh sibh toilichte leis an chilli con carne

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

I don’t think that it would be … - chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh …

I hoped that … would be – bha mi an dòchas gum biodh …

I hoped that the fish would be fresh - bha mi an dòchas gum biodh an t-iasg ùr

I was sure that you wouldn’t remember – bha mi cinnteach nach biodh cuimhne agad

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Coinneach Bhiodh an t-iasg math. The fish would be good.
Mairead Chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh, a Choinnich.
’S e Diluain a tha seo.
Cha robh na bàtaichean a-muigh an-dè. Cha bhi an t-iasg ùr idir.
I don’t think that it would be, Kenneth.
It’s Monday.
The boats weren’t out yesterday.
The fish won’t be fresh at all.
Coinneach A bheil an t-iasg ùr? Is the fish fresh?
Mairead Ò, tha.
Ùr às a’ freezer.
Oh, yes.
Fresh from the freezer.
Waitress Tha mi duilich.
Chan eil an t-iasg ùr an-diugh idir.
I’m sorry.
The fresh isn’t fresh today at all.
Coinneach Bha mi an dòchas gum biodh. I hoped that it would be.
Waitress Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh sibh toilichte leis an chilli con carne.
Tha a h-uile duine ag ithe an chilli an-diugh.
I think that you would be happy with the chilli con carne.
Everyone is eating the chilli today.
Mairead Cha tèid aig Coinneach air biadh teth ithe, tapadh leat. Kenneth won’t be able to eat hot food, thank you.
Coinneach A Mhairead!
’S toigh leamsa chilli.
Margaret!
I like chilli.
Mairead Cha toil.
Tha cuimhne agam nuair a bha chilli agad anns a’ chafaidh mu choinneamh stèisean nam busaichean.
No you don’t.
I remember when you had chilli in the café opposite the bus station.
Coinneach Cha robh sinn riamh anns a’ chafaidh mu choinneamh stèisean nam busaichean. We’ve never been in the café opposite the bus station.
Mairead Bha.
Nuair a bha sinn a’ dol suas dhan Òban an-uiridh.
Bha an t-eagal orm gum biodh tu a’ cur a-mach.
Bha an t-eagal orm nach biodh e ceart an dèidh an chilli sin ithe idir.
Gabhaidh sinn brot agus sailead an dèidh sin.
Yes, we have.
When we were going up to Oban last year.
I was afraid that you would be sick.
I was afraid that he wouldn’t be right after eating that chilli.
We’ll have soup and salad after all that.
Waitress Am bi sin ceart gu leòr? Will that be ok?
Mairead Bithidh! Yes!