ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Describing locations Ag innse far a bheil rudan

You may park the car thereFaodaidh sibh an càr a phàirceadh an sin

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

in front of – air beulaibh

behind – air cùlaibh

post office – oifis a’ phuist

hall – talla

in front of the post office – air beulaibh oifis a’ phuist

behind the hall - air cùlaibh an talla

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Mairead Tha àite air beulaibh oifis a’ phuist. There’s a place in front of the post office.
Husband Chan fhaod thu pàirceadh an sin. You aren’t allowed to park there.
Mairead Carson? Why?
Husband Chan fhaod duine sam bith pàirceadh air beulaibh oifis a’ phuist.
Tha an rathad ro thrang.
No one is allowed to park in front of the post office.
The road is too busy.
Ticket Inspector An tèid agad air leughadh idir? Can you read at all?
Mairead Thèid. Yes.
Ticket Inspector Chan fhaod thu pàirceadh air beulaibh oifis a’ phuist. You aren’t allowed to park in front of the post office.
Husband Dè thuirt mi? What did I say?
Mairead Carson? Why?
Ticket Inspector Chan fhaod duine sam bith pàirceadh air beulaibh oifis a’ phuist.
Tha an rathad ro thrang.
Siuthadaibh.
Greasaibh oirbh.
No one is allowed to park in front of the post office.
The road is too busy.
Off you go.
Hurry up.
Mairead Càite ge-tà? Where though?
Ticket Inspector Tha pàirc chàraichean aig ceann an rathaid seo. There’s a car park at the end of this road.
Mairead Ma-thà, chan fhaic mise i. If there is, I can’t see it.
Ticket Inspector Tha i air cùlaibh an talla air ur làimh dheis.
Faodaidh sibh an càr a phàirceadh an sin.
It’s behind the hall on your right.
You are allowed to park the car there.
Mairead Càite?
Air beulaibh an talla?
Where?
In front of the hall?
Ticket Inspector Air cùlaibh an talla. Behind the hall.
Mairead Tha mi cinnteach gum bi Hitler beag eile an sin cuideachd. I’m sure that there’ll be another wee Hitler there too.
Husband A Mhairead!
Tha mi duilich.
Tha sinn dìreach a’ falbh.
Air cùlaibh an talla, ceart?
Margaret!
I’m sorry.
We’re just leaving.
Behind the hall, right?