ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Opinions on how things would be Beachdan air mar a bhitheadh nithean

Would it be heavy on petrol? Am biodh e trom air a' pheatrail?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

am biodh? would?

am biodh e …? would it …?

am biodh e math? would it be good?

bhiodh it would

cha bhiodh it would not

bhitheadh it would (emphatic)

cha bhitheadh it would not (emphatic)

am bhitheadh …? would it …? (emphatic)

To say something 'would be...' use bhiodh …

bhiodh iad fada ro mhòr they would be far too long

To say something would not be ... use cha bhiodh …

cha bhiodh an car sin trom air peatral that car would not be heavy on petrol

galan a gallon

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman Low mileage.
One careful owner.
Reliable.
Low mileage.
One careful owner.
Reliable.
Man Tha sibh ag iarraidh càr math, luath.
Bhiodh an càr seo gu math freagarrach.
You want a good, fast car.
This car would be very suitable.
Woman Am bitheadh? Would it?
Man Bhitheadh.
Seo an càr as fheàrr a bh’ agam riamh.
Suidhibh a-steach.
Tha e cofhurtail, nach eil?
Yes.
This is the best car I have ever had.
Sit inside.
It’s comfortable, isn’t it?
Woman Chan eil mòran rùm agam. I don’t have much room.
Man Tha e furasta sin a chur ceart. It’s easy to fix that.
Woman Am biodh e math air a’ mhotorway? Would it be good on the motorway?
Man Bhitheadh.
Bhiodh e dìreach sgoinneil air a’ mhotorway.
Cho luath ri Ferrari no Porche!
Yes.
It would be just great on the motorway.
As fast as a Ferrari or a Porche!
Woman Smaoinich!
Chan iarrainn càr a bhiodh ag òl cus peatrail.
Saoil am biodh am fear seo trom air a’ pheatrail?
Imagine!
I wouldn’t want a car that would drink too much petrol.
I wonder would this one be heavy on petrol?
Man Cha bhitheadh.
Cha bhiodh e trom air a’ pheatrail idir.
Dà fhichead mile gach gallan.
Co-dhiù, uill, dè ur beachd?
No.
It’s wouldn’t be heavy on petrol at all.
Forty miles per gallon.
Anyway, well, what do you think?
Woman Uill, bidh e a’ dol gu luath.
Cha bhi e ag òl cus peatrail.
Tha ceist agam ge-tà.
Well, it goes fast.
It doesn’t drink too much petrol.
I have a question though.
Man Seadh? Yes?
Woman Carson a tha sibh ga reic? Why are you selling it?