FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Opinions on how things would be Beachdan air mar a bhitheadh nithean

I didn't eat here when Angus's wife was cookingCha bhithinn ag ithe an seo nuair a bhiodh bean Aonghais a' còcaireachd

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

cha bhiodh ... ... would not

cha bhitheadh ... ... would not (emphatic)

cha bhithinn … I didn’t used to / I would not …

cha bhithinn a’ tighinn an seo idir I wouldn’t come here at all

cha bhiodh i a’ dèanamh càil ach iasg agus tiops she wouldn’t make anything but fish and chips

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man Tha am menu math.
Gabhaidh mise Quiche Lorrainne, tha mi a' smaoineachadh.
The menu is good.
I’ll have Quiche Lorraine, I think.
Man 2 Mise cuideachd.
Tha an t-àite seo glè mhath a-nis.
Tha còcaire ùr aca.
Tha am biadh fada nas fheàrr na bha e nuair a bha bean Aonghais a’ còcaireachd an seo.
Me too.
This place is very good now.
They have a new cook.
The food is much better than it was when Angus’ wife was cooking here.
Man Cha bhithinn a’ tighinn an seo idir nuair a bha bean Aonghais a’ còcaireachd.
Cha bhiodh i a’ dèanamh càil ach iasg agus tiops.
I didn’t use to come here at all when Angus’ wife was cooking.
She wouldn’t do anything but fish and chips.
Man 2 Tha fhios a'm.
Bhithinn ga ithe a h-uile latha.
I know.
I used to eat it every day.
Waitress Dè bu toigh leibh an-diugh, ma-thà? What would you like today, then?
Man Quiche Lorrainne dhomhsa, mas e do thoil e. Quiche Lorraine for me, please.
Man 2 dhomhsa cuideachd. For me too.
Waitress Tha mi duilich.
Chan eil quiche air fhàgail.
I’m sorry.
There’s no quiche left.
Man Pizza ma-thà. Pizza then.
Man 2 Paella dhomhsa, tapadh leat. Paella for me, thank you.
Man Tha mi an dòchas gum bi am pizza math. I hope that the pizza will be good.
Man 2 Bithidh. It will.
Man Cha bhithinn ag ithe na pizzas nuair a bhiodh bean Aonghais gan dèanamh.
Bha iad bog.
I didn’t use to eat the pizzas when Angus’ wife used to make them.
They were soft.
Waitress Am biodh iasg agus tiops ceart gu leòr? Would fish and chips be alright?
Man Cha bhitheadh. No.
Waitress Uill, cha tèid aig a’ chòcaire air càil eile a dhèanamh. Well, the cook won’t be able to make anything else.
Man 2 Nach eil còcaire ùr agaibh? Don’t you have a new cook?
Waitress Chan eil a-nis.
Tha bean Aonghais air ais.
Not now.
Angus’ wife is back.