ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Doing things A’ dèanamh rudan

If you put your foot down, the car will go fasterMa chuireas tu do chas sìos, thèid an càr nas luaithe

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

nas luaithe - faster

nas maille - slower

mìle – a mile

carson nach tog thu…? - why don’t you lift…?

dà fhichead mìle anns an uair - forty miles per hour

A question can also be a suggestion or a polite way of offering an instruction!

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Bellag Nise a Cheit.
Ma chuireas tu do chas dheis sìos, thèid an càr nas luaithe.
Now Kate.
If you put your right foot down, the car will go faster.
Ceit Mar sin? Like that?
Bellag Carson nach tog thu do chas beagan agus thèid an càr nas maille? Why don’t you lift your foot a little and the car will go slower?
Ceit Mar sin? Like that?
Bellag Sin agad e.
Nis, dh’fhaodadh tu a dhol beagan nas luaithe.
You’ve got it.
Now, you could go a little faster.
Ceit Mar as luaithe, ’s ann as fheàrr. The faster, the better.
Bellag O mo chreach, a Cheit, a ghràidh.
Tha thu a’ dèanamh dà fhichead mìle anns an uair.
Chan fhaod thu!
Oh my goodness, Kate, dear.
You are doing forty miles an hour.
You aren’t allowed to!
Ceit Carson nach fhaod? Why not?
Bellag Tha sinn anns a’ bhaile mhòr.
Chan fhaod thu a dhol nas luaithe na deich air fhichead.
An tèid agad air a dhol beagan nas luaithe a-nis?
We are in town.
You aren’t allowed to go faster than thirty.
Will you manage to go a little faster now?
Ceit Nas luaithe.
Nas maille.
Nas luaithe.
Nas maille.
A Bhellag, nach ist thu!
Tha seo a’ còrdadh riumsa glan.
Faster.
Slower.
Faster.
Slower.
Bella, won’t you be quiet!
I’m having a great time.