ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about consumer issues A’ bruidhinn mu chùisean luchd-caitheimh

It's worth that'S fhiach e sin

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

it is worth it - ’s fhiach e e

it is worth … - ’s fhiach e … (masculine noun)

it is worth …- ’s fhiach i … (feminine noun)

… that anyway - … sin co-dhiù

… every penny - … a h-uile sgillinn

it is well-made – tha e air a dhèanamh gu math

This is for masculine nouns.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Husband Tha am fear seo a' coimhead math, nach eil a Mhàiri-Anna? This one looks good, doesn’t it Mary-Anne?
Màiri-Anna Tha ach tha e uabhasach daor.
Seall.
Tha am fear sin gu math nas saoire.
Yes but it’s awfully dear.
Look.
That one is much cheaper.
Husband Tha am fear seo nas daoire ceart gu leòr, ach ’s fhiach e.
Seall “Rechargeable”.
’S fhiach a cheannach airson sin, tha mi a’ smaoineachadh.
Tha bataraidhean cho daor.
This one is dearer right enough, but it’s worth it. Look.
“Rechargeable”.
It’s worth buying for that, I think.
Batteries are so dear.
Boy Tha mi ag iarraidh an tèip ùr aig Wet Wet Wet, mas e ur toil e.
Gabh mo leisgeul.
Ach ’s e teip a bha mi ag iarraidh.
Chan e CD. Tha an CD ro dhaor.
I’m looking for Wet Wet Wet’s new tape, please.
Excuse me.
But it’s a tape I wanted.
Not a CD.
The CD is too expensive.
Female Staff Tha e nas daoire ceart gu leòr, ach ’s fhiach e e. It’s dearer right enough, but it’s worth it.
Boy Tha mi ga iarraidh airson Sony Walkman, ge-tà. I want it for my Sony Walkman, though.
Female Staff Ceart gu leòr. Alright.
Bellag Seall seo, a Cheit.
Tha seo snog.
Look at this Kate.
This is nice.
Ceit British Home Stores?
Tha stuth math aig British Home Stores.
Dè do bheachd, a Bhellag?
British Home Stores?
British Home Stores has good stuff.
What do you think, Bellag?
Bellag Tha.
Tha stuth math aca.
Agus seall seo.
Tha e air a dhèanamh gu math.
Yes.
They have good stuff.
And look at this.
It’s been well made.
Ceit Dè a’ phrìs a th’ air?
Gabh mo leisgeul.
Saoil dè a’ phrìs a th’ air a’ bhlobhsa tha seo?
I wonder what price is it?
Excuse me.
What price is this blouse?
Female Staff Leth-cheud sgillinn.
A bheil sin ro dhaor?
Fifty pence.
Is that too expensive?
Ceit Leth-cheud sgillinn.
Dè do bheachd?
Fifty pence.
What do you think?
Bellag ’S fhiach e sin, tha mi a' smaoineachadh. It’s worth that, I think.
Ceit Gabhaidh sinn e ma-tà, mas e ur toil e. We’ll take it then, please.