ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Debating and arguing A’ deasbad agus a’ trod

That's not trueChan eil sin fìor

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

… is right - tha … ceart

… is not right - chan eil … ceart

you are wrong – tha thu ceàrr

that is … - tha sin …

that is not … chan eil sin …

right, correct - ceart

wrong – ceàrr

true – fìor

that is not true – chan eil sin fìor

at last - mu dheireadh

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Mother Cò tha a' dol a nighe nan soithichean a-nochd? Who’s going to wash the dishes tonight?
Son Chan eil mise.
Rinn mise a-raoir iad.
I’m not.
I did them last night.
Daughter Cha do rinn thu. You did not.
Son Rinn mi. I did.
Daughter Cha do rinn thu.
Bha thu a-muigh còmhla ri Niall.
Feumaidh tusa na soithichean a dhèanamh a-nochd.
You didn’t.
You were out with Neil.
You have to do the dishes tonight.
Mother Sguiribh dheth.
Tha Cairistìona ceart.
Bha thusa a-muigh a-raoir.
Faodaidh tusa na soithichean a thiormachadh.
Stop it.
Christine is right.
You were out last night.
You can dry the dishes.
Clown A bheil fhios agaibh dè bha mi a’ dèanamh an-diugh? Do you know what I was doing today?
School children Chan eil. No.
Clown A bheil fhios agadsa dè bha mi a’ dèanamh an-diugh? Do you know what I was doing today?
School children Tha cuideigin air do chùlaibh. Somebody’s behind you.
Clown Ò, tha sibh ceàrr.
Chan eil duine ann.
Oh, you’re wrong.
There’s nobody there.
School children Tha. Yes.
Clown Chan eil. No.
School children Tha. Yes.
Clown Chan eil.
Chan eil.
Chan eil.
No.
No.
No.
School children Tha.
Tha.
Tha.
Yes.
Yes.
Yes.
Clown Nise, a bheil fhios agaibh dè bha mi a’ dèanamh an-diugh? Now, do you know what I was doing today?
School children Tha cuideigin air do chùlaibh. Somebody’s behind you.
Clown Chan eil sin fìor. That’s not true.
School children Tha. Yes, it is.
Mother An e Mòrag a tha sin? Is that Morag?
Father Chan e. No.
Mother Siuthad Iain. Go on John.
Father Dè? What?
Mother Thalla. Go.
Father Dè? What?
Mother Thalla ’s faic Mòrag. Go and see Morag.
Father Thalla thusa.
Chaidh mise suas a-raoir.
You go.
I went up last night.
Mother Chan eil sin fìor.
’S e mise a chaidh suas a-raoir.
Cha robh thusa fada.
That’s not true.
It was me who went up last night.
You weren’t long.
Father Cha robh.
Chaidh i air ais a chadal.
Siuthad, a ghràidh.
’S e mise a chaidh suas mu dheireadh.
No.
She went back to sleep.
Go on, dear.
It was me who went last.