FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Asking about transport A’ faighneachd mu dhòighean siubhail

Where can we get...?Càit am faigh sinn...?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

càit am faigh mi trèan? where can I get a train?

càit am faigh mi tacsaidh? where can I get a taxi?

càit am faigh sinn am bàta? where can we the boat?

càit am faigh …? where can … get?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man Gabhaibh mo leisgeul. Excuse me.
Woman Seadh? Yes?
Man Càit am faigh mi trèan gu Lunnainn? Where can I get a train to London?
Woman Feumaidh sibh a dhol gu stèisean meadhan a’ bhaile. You must go to central station.
Man Càit am faigh mi tacsaidh? Where can I get a taxi?
Woman Gheibh sibh tacsaidh dìreach a-muigh an sin air beulaibh an stèisein. You can get a taxi just outside there in front of the station.
Man Mòran taing. Many thanks.
Man Gabh mo leisgeul.
Càit am faigh mi tacsaidh?
Excuse me.
Where can I get a taxi?
Airport staff Ma thèid sibh a-mach an doras sin, chì sibh iad dìreach air ur beulaibh. If you go out that door, you will see them just in front of you.
Man Tapadh leibh. Thank you.
Man Dè tha sinn a' dol a dhèanamh? What are we going today?
Man 2 Thèid sinn a-null a dh’Amsterdam. We can go over to Amsterdam.
Man Carson? Why?
Man 2 Airson airgead a dhèanamh. To make money.
Man Ach ciamar a thèid sinn ann? But how will we go there?
Man 2 Air a’ bhàta.
Thèid sinn a-null air a’ bhàta.
By boat.
We’ll go over by boat.
Man Càit am faigh sinn bàta? Where can we get a boat?
Man 2 Ann an Harridge. In Harridge.
Man Ò, anns na Hearadh.
’S toigh leam fhìn na Hearadh.
Oh, in Harris.
I like Harris.
Man 2 Harridge, chan e Harris.
Snap!
Harridge, not Harris.
Snap!