FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Exchanging news A’ toirt seachad naidheachd

Have you heard about... ?An cuala tu mu dheidhinn...?

To ask if you have heard something you can say the following.

an cuala sibh mu dheidhinn …? have you heard about …?

an cuala tu mu dheidhinn …? have you heard about …?

Question and answer:

an cuala tu …? have you heard about …?

cha chuala no (to the question an cuala?)

chuala yes (to the question an cuala?)

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman Halò a Chairistìona. Hello Christine.
Cairistìona Madainn mhath. Good morning.
Woman Dè tha dol an-diugh? What’s happening today?
Cairistìona An cuala sibh mu dheidhinn Anna? Have you heard about Anne?
Woman Anna NicAonghais? Anne MacInnes?
Cairistìona Seadh. Yes.
Woman Cha chuala. No.
Cairistìona Tha i anns an ospadal. She’s in hospital.
Woman Obh, obh.
Dè tha ceàrr oirre?
Oh dear.
What’s wrong with her?
Cairistìona Chan eil fhios aca.
Ach chan eil i gu math idir.
They don’t know.
But she isn’t well at all.
Woman Tha mi duilich sin a chluinntinn. I’m sorry to hear that.
Shop assistant Tìoraidh an-dràst’ a Shìne.
An cuala tu mu dheidhinn Màiri aig Sìne?
Cheerio just now, Jane.
Have you heard about Mary, Jane’s daughter?
Shop assistant 2 Dè? What?
Shop assistant Dh’fhàg i an sgoil! She left the school!
Shop assistant 2 Ò, chuala, chuala mi sin.
Tha i gòrach, nach eil?
Oh,yes, I heard that.
She’s silly, isn’t she?
Shop assistant Tha.
Dè tha i a' dol a dhèanamh a-nis?
Yes.
What is she going to do now?
Shop assistant 2 Chan eil fhios agam. I don’t know.
Shop assistant Tha Sìne an dòchas gum faigh i a-steach dhan cholaiste. Jane hopes that she will get into the college.
Shop assistant 2 Cha bhi sin furasta. That won’t be easy.
Customer Feasgar math. Good afternoon.
Man An cuala sibh mu dheidhinn Iain? Have you heard about John?
Man 2 Cha chuala.
Dè?
No.
What?
Man Tha e a' dol a phòsadh. He’s going to get married.
Man 2 A bheil?
Cò tha e dol a phòsadh?
Is he?
Who’s he going to marry?
Man Mòrag Chaimbeul. Morag Campbell.
Man 2 Chan eil mi eòlach oirre. I don’t know her.
Man ’S e nurs a th’ innte.
Tha falt dubh oirre.
She’s a nurse.
She has black hair.
Man 2 Ò, tha fios agam cò i a-nis.
Tha mi toilichte sin a chluinntinn.
Oh I know who she is now.
I’m pleased to hear that.