ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Giving directions A’ toirt seachad seòlaidhean

It's beside the schoolTha e ri taobh na sgoile

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

an abhainn – the river

ri taobh na h-aibhne – beside the river

an sgoil – the school

ri taobh na sgoile – beside the school

shìos an sin – down there

Notice that phrases in this unit like ri taobh (beside), air beulaibh (in front of) and air cùlaibh (behind) cause changes in the words following them, so an abhainn becomes na h-aibhne and an sgoil becomes na sgoile. This is the genitive case.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Anna Halò, a Mhòrag. Hello Marion.
Mòrag Halò.
Ciamar a tha thu Anna?
Hello.
How are you Anna?
Anna Chan eil mi dona idir, tapadh leat.
Ciamar a tha thu fhèin?
Im not bad at all, thank you.
How are you, yourself?
Mòrag Tha glè mhath.
Càit a bheil thu fuireach an-dràsta?
Very well.
Where are you living just now?
Anna Ann am Pàrtaig. In Partick.
Mòrag Càit ann am Pàrtaig? Where in Partick?
Anna A bheil fios agad càit a bheil Sràid Havelock? Do you know where Havelock Street is?
Mòrag Tha. Yes.
Anna Uill, tha am flat againn ri taobh na sgoile. Well, our flat is beside the school.
Mòrag Glè mhath.
Tha mi duilich ach....
Very good.
I’m sorry but...
Anna Siuthad ma-thà.
Chì mi a-rithist thu.
On you go then.
I’ll see you again.
Mòrag Chì.
Tìoraidh an-dràsta.
Yes.
Cheerio for now.
Woman Gabhaibh mo leisgeul.
A bheil fios agaibh càit a bheil Kelvin Drive?
Excuse me.
Do you know where Kelvin Drive is?
Man Tha.
A bheil sibh eòlach air Queen Margaret Drive?
Yes.
Are you familiar with Queen Margaret Drive?
Woman Tha. Yes.
Man Uill, tha Kelvin Drive dìreach ri taobh na h-aibhne. Well, Kelvin Drive is just beside the river.
Woman Tapadh leibh. Thank you.
Man ’S e ur beatha. You’re welcome.