ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Describing People Ag innse cò ris a tha daoine coltach

At homeAig an taigh

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

a bheil thu eòlach air …? do you know …?

a bheil thu eòlach air? do you know him?

a bheil thu eòlach air Maighstir MacLeòid? do you know Mr MacLeod?

bòidheach beautiful / handsome

grànda ugly

sùilean donn brown eyes

tha sùilean donn aige he has brown eyes

tha sùilean donn aice she has brown eyes

feusag a beard

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman 1 A bheil thu ag iarraidh cofaidh, a Mhàiri-Anna? Do you want coffee, Mary-Anne?
Màiri-Anna Chan eil, tapadh leat.
Tha mi a’ dol a-mach an-diugh.
Tha Iain a’ tighinn agus tha sinn a’ dol a-mach.
No, thank you.
I’m going out today.
John is coming and we’re going out.
Julie Mmm! Mmm!
Màiri-Anna Ò ist, Julie!
Ist Sharon!
Oh shoosh, Julie!
Shoosh Sharon!
Sharon A bheil thu eòlach air Mgr MacLeòid, Julie? Do you know Mr MacLeod, Julie?
Julie Mgr MacLeòid?
Iain?
Oh, thà.
Tha mi eòlach air Iain, ceart gu leòr.
Mr MacLeod?
John?
Yes.
I know John, alright.
Sharon Cò ris a tha e coltach?
A bheil e grànda?
A bheil e bòidheach?
What’s he like?
Is he ugly?
Is he beautiful?
Julie Ist Sharon!
Chan eil e grànda.
Tha Iain bòidheach.
Shoosh Sharon!
He’s not ugly.
John is Beautiful.
Sharon Chan eil! No!
Màiri-Anna Ò mo chreach!
Tha mi reamhar!
Oh my goodness!
I’m fat!
Julie Och ist!
Chan eil.
Tha thu caol!
Oh shoosh!
You’re not.
You’re thin!
Màiri-Anna Caol!
Mise! Ò!
Thin!
Me! Oh!
Julie Trobhad.
Feuch sin.
Seo a-nis.
Come on.
Try that.
That's it (fig.).
Julie Uill, a Mhàiri-Anna.
Cò ris a tha Iain coltach? Eh?
Well, Mary-Anne.
What’s John like? Eh?
Màiri-Anna Uill, eh, cò ris a tha e coltach? Mmm.
Tha e coltach ri, eh, Mel Gibson.
Well, eh, what is he like? Hmm.
He’s like, eh, Mel Gibson.
Sharon Mel Gibson?
Tha Mgr MacLeòid coltach ri Mel Gibson?
Mel Gibson?
Mr MacLeod looks like Mel Gibson?
Julie Ò mo chreach!
A Mhàiri-Anna!
Oh my goodness!
Mary-Anne!
Sharon A bheil e àrd?
A bheil falt dubh air?
Is he tall?
Does he have black hair?
Màiri-Anna Chan eil cuimhne agam cò ris a tha Mel Gibson coltach. I can’t remember what Mel Gibson looks like.
Julie Uill, tha e àrd agus caol, agus àlainn!
Tha falt dubh air, agus tha sùilean donn aige.
Well, he’s tall and thin, and lovely!
He has black hair, and brown eyes.
Màiri-Anna Seo e a’ tighinn.
Tìoraidh Julie.
Tìoraidh Sharon.
Here he comes.
Cheerio Julie.
Cheerio Sharon.
Sharon Mel Gibson!
Tha Mgr MacLeod reamhar agus tha feusag air!
Mel Gibson!
Mr MacLeod is fat and has a beard!
Julie Och thà, ach tha sùilean donn aige. Och aye, but he has brown eyes.