ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Saying what you have Ag innse dè th’ agad

At homeAig an taigh

a bheil … aige? - does he have …?

tha … aige - he has …

tha càr aige – he has a car

iad – they

tha … aca - they have …

tha iuchair aca – they have a key

àlainn – lovely

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Màiri-Anna Siuthadaibh. On you go.
Woman 1 Ò, tha Gàidhlig agaibh!
Siuthadaibh fhèin.
A bheil sibh ag iarraidh cèic? Siuthadaibh.
Oh, you have Gaelic!
On you go yourself.
Do you want cake?
On you go.
Màiri-Anna Ò, chan eil, tapadh leibh. Oh, no, thank you.
Woman 1 Tha bagaichean gu leòr agaibh, co-dhiù. You’ve got enough bags, anyway.
Màiri-Anna Tha. Yes.
Woman 1 Tha seo snog. This is nice.
Màiri-Anna Tapadh leibh. Thank you.
Woman 1 An robh e daor? Was it expensive?
Màiri-Anna Cha robh. No.
Woman Ò, uill, tha bagaichean gu leòr agaibh, ceart gu leòr.
A bheil càr agaibh?
Oh well, you’ve got enough bags, right enough.
Do you have a car?
Màiri-Anna Chan eil.
Chan eil fhathast.
Am bus.
Feumaidh mi a dhol dhachaigh air a’ bhus.
No.
Not yet.
The bus.
I have to go home on the bus.
Woman Càit a bheil an duin’ agaibh? Where’s your husband?
Màiri-Anna Tha e ag obair. He’s working.
Woman Ò, tha obair aige? Oh, he has a job?
Màiri-Anna Tha.
Tha e ag obair aig BT.
Yes.
He works for BT.
Woman Agus a bheil càr aige? And does he have a car?
Màiri-Anna Ò, thà.
Tha càr aige.
Tha càr aig Iain ceart gu leòr.
Oh, yes.
He has a car.
John has a car right enough.
Woman A bheil obair agaibh? Do you have a job?
Màiri-Anna Ò, thà.
Tha obair agam.
’S e clèireach a th’ annam.
Oh, yes.
I have a job.
I’m a secretary.
Woman Glè mhath.
Agus càit a bheil sibh ag obair?
Very good.
And where do you work?
Màiri-Anna Shìos an rathad.
Air Sràid Sauchiehall.
Down the road.
On Sauchiehall Street.
Woman Ò, aidh.
Tha mi fhìn à Barraigh.
Agus, a bheil clann agaibh?
Oh, aye.
I’m from Barra.
And, do you have children?
Màiri-Anna Ò, thà.
Tha clann againn.
Tha dithis againn.
Balach agus nighean.
Feumaidh mi falbh.
Tìoraidh ma-thà.
Feumaidh mi a dhol dhachaigh.
Oh, yes.
We have children.
We have two.
A boy and a girl.
I have to go.
Cheerio then.
I have to go home.
Iain Halò? Hello?
Carol Halò. Iain? Hello. John?
Iain Carol. Carol.
Carol Halò, Iain.
A bheil Màiri-Anna aig an taigh?
Hello, John.
Is Mary-Anne at home?
Iain Chan eil.
Tha i ag obair fhathast.
Ciamar a tha Bill?
A bheil e aig an taigh?
No.
She’s still at work.
How is Bill?
Is he at home?
Carol Glè mhath, tapadh leat.
Ach, chan eil e aig an taigh.
Tha e air falbh an-dràsta.
Tha e ann an Lunnainn.
Iain?
Very well, thank you.
But, he’s not at home.
He’s away just now.
He’s in London.
John?
Iain Uh huh? Uh huh?
Carol A bheil thu ag iarraidh cupa cofaidh? Do you want a cup of coffee?
Iain Ò, thà.
Ceart gu leòr.
Tapadh leat.
A bheil thu aig an taigh?
Oh, yes.
Very well.
Thank you.
Are you at home?
Carol Tha. Yes
Iain OK, ma-thà.
Glè mhath.
Chì mi thu.
OK then.
Very good.
I’ll see you.
Carol Ok. Eh, Iain?
Ok. Eh, John?
Iain Uh huh?
Uh huh?
Carol Eh, tha mi duilich.
Eh, gabh mo leisgeul.
Ach, a bheil cofaidh agad aig an taigh?
Chan eil cofaidh agam an-dràsta.
Eh, I’m sorry.
Eh, excuse me.
But, do you have coffee at home?
I don’t have coffee just now.
Iain Dè th’ agad an sin, ma-thà?
A bheil bainne agad?
A bheil siùcar agad?
What have you got there, then?
Do you have milk?
Do you have sugar?
Carol Ò, tha mi duilich.
Chan eil càil agam anns an taigh an-dràsta.
Oh, I’m sorry.
I don’t have anything in the house just now.
Iain Ò, tha sin ceart gu leòr, a ghràidh.
Tha cofaidh agam, agus bainne, agus siùcar.
Oh, that’s ok, dear.
I’ve got coffee, and milk, and sugar.
Carol Tapadh leat, Iain.
Tìoraidh an-dràsta.
Iain?
Thank you, John.
Cheerio for now.
John?
Iain Halò, Carol! Hello, Carol!
Carol A bheil a’ chlann aig an taigh, Iain?
A bheil Eòghann agus Eilidh aig an taigh?
Are the kids home, John?
Are Euan and Helen home?
Iain Chan eil.
Chan eil iad aig an taigh fhathast.
Tha Eòghann aig taigh Ridseird, agus tha Eilidh aig taigh Natalie.
No.
They are not home yet.
Euan is at Richard’s house, and Helen at Natalie’s house.
Carol Ò, uill, eh?
Ach ciamar?
Oh, well, eh?
But how?
Iain Tha e ceart gu leòr, a Charol.
Tha iuchair aca.
It’s ok, Carol.
They have a key.
Carol Ò, a bheil?
A bheil iuchair aca, Iain?
Ò, uill, tapadh leat, Iain.
Tìoraidh an-dràsta.
Oh, do they?
Do they have a key, John?
Oh, well, thank you, John.
Cheerio for now.