Discussing the home A’ bruidhinn mun taigh
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Iain | Gabh mo leisgeul. | Excuse me. |
Màiri-Anna | Dè tha thu ag iarraidh, Iain? Seo Iain. | What do you want, John? Here John. |
Iain | Tapadh leat. Cò th’ anns an rùm-ionnlaid? | Thank you. Who’s in the bathroom? |
Eilidh | Mise. | Me. |
Iain | Greas ort ma-thà, Eilidh. Tha Eilidh anns an rùm-ionnlaid. | Hurry up then, Helen. Helen’s in the bathroom. |
Màiri-Anna | Greas ort, Eilidh. Tha Dadaidh ag iarraidh a dhol dhan rùm-ionnlaid. | Hurry up, Helen. Dad wants to go in the bathroom. |
Eilidh | Càit a bheil an stocainn agam? | Where is my sock? |
Màiri-Anna | Chan eil fhios agam, a ghràidh. Anns an rùm-cadail? | I don’t know, dear. In the bedroom? |
Eilidh | Chan eil. | No. |
Màiri-Anna | Anns a’ chidsin? | In the kitchen? |
Eilidh | Chan eil. | No. |
Màiri-Anna | Anns an rùm-ionnlaid, ma-thà? | In the bathroom, then? |
Eilidh | Dadaidh, a bheil an stocainn agam anns an rùm-ionnlaid? | Dad, is my sock in the bathroom? |
Iain | Fuirich mionaid. | Wait a minute. |
Eilidh | Dadaidh, greasaibh oirbh. | Dad, hurry up. |
Màiri-Anna | Eilidh! Sguir dheth. Tha an tost deiseil, Eilidh! Eilidh! Eòghainn! Greasaibh oirbh! Tha an tost deiseil! Iain, greasaibh oirbh! Tha mi a’ falbh. Ò, siuthad, Iain. Tha mi a' dol a dh’obair. Feumaidh mi falbh. Càit a bheil Eilidh? | Helen! Stop it. The toast is ready, Helen! Helen! Euan! Hurry up! The toast is ready! John, hurry up! I’m leaving. Oh, go on, John. I’m going to work. I have to go. Where is Helen? |
Iain | Tha i shuas an staidhre. Greas ort, Eilidh! Tha mamaidh a’ falbh. | She’s upstairs. Hurry up, Helen! Mum is leaving. |
Màiri-Anna | Tìoraidh ma-thà, Iain. | Cheerio then, John. |
Eilidh | Ò, tha thu a’ falbh. Tìoraidh ma-thà, Mamaidh. | Oh, you’re leaving. Cheerio then, Mum. |
Màiri-Anna | Tìoraidh, a ghràidh. | Cheerio, dear. |
Eilidh | Dè tha thu ag iarraidh, Dadaidh? | What do you want, Dad? |
Iain | Am marmalade. Càit a bheil am marmalade? | The marmalade. Where is the marmalade? |
Eilidh | Chan eil fhios agam. | I don’t know. |
Iain | Am preasa. A bheil e anns a’ phreasa? | The cupboard. Is it in the cupboard? | Màiri-Anna | An iuchar! Tìoraidh ma-thà. | The key! Cheerio then. |
Eilidh | A Mhamaidh, càit a bheil am marmalade? | Mum, where is the marmalade? |
Màiri-Anna | Anns a’ frids. | In the fridge. |
Iain | Anns a’ frids? | In the fridge? |
Eilidh | Feumaidh mi falbh dhan sgoil. | I have to go to school. |
Iain | Tìoraidh, a ghràidh. Eilidh, càit a bheil Eòghann? | Cheerio, dear. Helen, where’s Euan? |
Eilidh | B’ aill leibh? | Sorry? |
Iain | Càit a bheil Eòghann? | Where’s Euan? |
Eilidh | A thì, tha e anns an leabaidh! | Goodness, he’s in bed! |