Bha Clann Uisne – Naois, Deirdre, Aillean is Àrdan – a’ dol a thilleadh a dh’Alba. Cha robh Rìgh Uladh, Conachar, toilichte. Chaidh e gu draoidh. Dh’iarr e
air an draoidh stad a chur orra. Chuir an draoidh coille thiugh ro Chlann Uisne. Ach chaidh iad tron choille gu furasta.
“Feuchaidh mi dòigh eile,” thuirt an draoidh. Chuir e muir mhòr air a’ mhachair ro Chlann Uisne. Ach cha do chuir sin stad orra.
“Feuchaidh mi dòigh eile airson stad a chur orra,” thuirt an draoidh. Agus reòdh e a’ mhuir. Bha i cruaidh, cnapach. Bha na cnapan geur agus puinnseanta.
Thuirt Àrdan gun robh e a’ fàs fann.
“Suidh air mo ghualainn,” arsa Naois. Shuidh Àrdan air gualann Naois. Cha robh e ann fada, ge-tà, nuair a chaochail e.
Thuirt Aillean gun robh esan a’ fàs fann cuideachd. Dh’iarr Naois air Aillean grèim a chumail air. Ach thàinig laigse a’ bhàis air Aillean. Chaochail e.
Chunnaic Naois gun robh a bhràithrean marbh. Leig e osna a’ bhàis. Agus chaochail e.
“Tha Clann Uisne marbh,” thuirt an draoidh ris an Rìgh.
“Tiormaich a’ mhuir,” thuirt an Rìgh, “gus am faic mi Deirdre.” Thiormaich an draoidh a’ mhuir. Bha triùir mhac Uisne nan laighe marbh. Bha Deirdre os an
cionn a’ caoineadh.
Thug an Rìgh seachad òrdugh sloc a chladhach faisg air loch. Bha cuirp nam bràithrean air an cur ann.
Bha Deirdre na suidhe aig an uaigh. Leum i a-steach agus laigh i ri taobh Naois. Bha ise a-nise marbh cuideachd.
Dh’òrdaich an Rìgh corp Deirdre a thogail às an uaigh. Dh’òrdaich e a tiodhlacadh ann an sloc eile. Bha an sloc eile air taobh thall an locha.
Tro thìde phòs an Rìgh deagh bhean. Shìos aig an loch, dh’fhàs craobh ghiuthais às an uaigh aig Deirdre. Dh’fhàs craobh ghiuthais às an uaigh aig Naois.
Chuir geugan an dà chraoibh snaidhm na chèile os cionn an locha.
Dh’òrdaich an Rìgh an dà chraoibh a ghearradh sìos. Ach dh’fhàs iad a-rithist. Chuir iad snaidhm na chèile os cionn an locha. A-rithist dh’òrdaich an Rìgh
an dà chraoibh a ghearradh sìos. Ach a-rithist, dh’fhàs iad. Chuir iad snaidhm na chèile os cionn an locha. Bha an Rìgh a’ dol a dh’òrdachadh treas turas
na craobhan a leagail. Ach chuir a bhean stad air. Cha do rinn e geur-leanmhainn air na mairbh tuilleadh.