The Caledonian Canal
Canal in the summer, and I really enjoyed it. The whole route was
beautiful. And I met nice people. Many were from other countries in
addition to Scotland.
The Caledonian Canal is very historic. It’s James Watt that made the
first survey for a canal through the Great Glen in 1773. But it’s
thirty years after that that an act for it went through the Parliament.
That allocated funding for the project. The government gave permission
to the engineer, Thomas Telford, to design the canal. He did that along
with Willam Jessop until Jessop died in 1814. Then Telford did the rest
by himself.
Telford was among the most famous engineers of his day. He was born in
1757 in Eskdale in Dumfriesshire. His father died when Thomas was a
baby. The young lad was raised by his mother in poverty. He learned
masonry to begin with, but he wanted to be an architect. He went to
London and then to Shropshire.
In 1793, Telford got involved in designing canals. Among those were
aqueducts in England and Wales that were made of iron. They are still
part of the canal system today. Then the big project – the Caledonain
Canal, which lasted more than twenty years.
The government was initially hoping that the project would only last
seven years, rather than twenty. And they expected it to cost four
hundred and seventy thousand pounds. In the end it cost nine hundred
thousand pounds.
A team began at each end at the same time. It was easier then to transport
material to the workplace when each part of it was finished. Next week,
I’ll tell you more about this amazing project.
An Canàl Cailleannach
Chaidh mi tron Chanàl Chailleannach as t-samhradh, agus abair gun do chòrd
e rium. Bha an t-slighe brèagha air fad. Agus thachair mi ri daoine
laghach. Bha gu leòr ann à dùthchannan eile a bharrachd air Alba.
Tha an Canàl Cailleannach gu math eachdraidheil. B’ e Seumas Watt a rinn a’
chiad shuirbhidh airson canàl tron Ghleann Mhòr ann an seachd ceud deug,
seachdad ʼs a trì (1773). Ach ʼs ann trithead bliadhna an dèidh sin a
chaidh achd air a shon tron Phàrlamaid. Chuir sin airgead mu choinneimh a’
phròiseict. Thug an riaghaltas cead don einnseanair, Tòmas Telford, an
canàl a dhealbhachadh. Rinn e sin cuide ri fear Uilleam Jessop gus an do
chaochail Jessop ann an ochd ceud deug is ceithir-deug(1814). An uair sin,
rinn Telford an còrr leis fhèin.
Bha Telford am measg an luchd-einnseanairidh a b’ ainmeile ri a linn.
Rugadh e ann an seachd ceud deug, caogad ʼs a seachd (1757) ann an Eskdale
ann an Siorrachd Dhùn Phris. Chaochail athair nuair a bha Tòmas na leanabh.
Bha an gille òg air a thogail le a mhàthair ann am bochdainn. Dh’ionnsaich
e clachaireachd an toiseach, ach bha e airson a bhith na ailtire. Chaidh e
a Lunnainn agus an uair sin gu Shropshire.
Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793) chaidh Telford an sàs ann
an dealbhachadh chanàlaichean. Am measg sin bha amaran-uisge ann an Sasainn
agus sa Chuimrigh a bha air an dèanamh de dh’iarann. Tha iad fhathast mar
phàirt de shiostam nan canàlaichean an-diugh. An uair sin am pròiseact mòr
– an Canàl Cailleannach, a thug còrr is fichead bliadhna.
Bha an riaghaltas an dòchas an toiseach nach toireadh am pròiseact ach
seachd bliadhna, seach fichead. Agus bha iad an dùil gun cosgadh e ceithir
cheud is seachdad mìle not. Aig a’ cheann thall, chosg e naoi ceud mìle
not.
Thòisich sgioba aig gach ceann aig an aon àm. Bha e na b’ fhasa an uair sin
stuth a thoirt don àite-obrach nuair a bha gach pìos dheth deiseil. An
ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh tuilleadh mun phròiseact iongantach seo.