FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Widow MacLeod A’ Bhanntrach NicLeòid

Bha sinn ann am Bràigh Mhàrr an t-seachdain sa chaidh.

Audio is playing in pop-over.

A’ Bhanntrach NicLeòid

Bha sinn ann am Bràigh Mhàrr an t-seachdain sa chaidh. Bha aona bhò aig a’ Bhanntrach NicLeòid. Bha i a dol ga call. Bha an t-uachdaran ag iarraidh na bà. Bha sin airson an torc mòr a bhiathadh. Ach mharbh mac na banntraich, Sanndaidh, an torc. Fhuair Sanndaidh binn bàis.

Chuala a’ Bhanntrach NicLeòid gu robh an rìgh gu bhith ann an ath-là. Dh’fhàg i an taigh aice. Bha i ag iarraidh coinneachadh ris an rìgh air an rathad. Bha i ag iarraidh taic bhon rìgh. Chaidh i suas an gleann. Chuir i seachad an oidhche ann. Thàinig a’ mhadainn. Cha robh an rìgh ann. Bha i fuar. Feasgar, thàinig an rìgh. Dh’iarr a’ bhanntrach air an rìgh am mac aice a shàbhaladh.

Dh’iarr an rìgh air a’ bhanntraich dhol còmhla ris gu Caisteal Ceann na Drochaid. Nuair a bha e anns a’ chaisteal, bhruidhinn an rìgh ris an uachdaran.

Thug an rìgh cothrom do Shanndaidh. Chuir iad a mhàthair air leac air taobh thall Uisge Chluainidh. Bha Sanndaidh na sheasamh air drochaid-thogalach a’ chaisteil. Chaidh fàd mònach a chur air ceann a mhàthar. Dh’iarr an rìgh air Sanndaidh am fàd a bhualadh le saighead.

Bha an t-eagal air a’ ghille. Dh’iarr e am bogha aige fhèin fhaighinn. Dh’iarr e cuideachd an dà shaigheid aige. Bha iad sin aige nuair a chaidh a chur an grèim.

Air taobh thall Uisge Chluainidh, bha màthair a’ ghille. Bha i na seasamh le fàd mònach air a ceann. Dh’amais Sanndaidh gu cùramach. Leig e sreang a’ bhogha. Bhuail an t-saighead anns an fhàd. Thuit am fàd far ceann a mhàthar. Bha a h-uile duine toilichte.

Dh’iarr an rìgh air Sanndaidh tighinn air a bheulaibh. “Is math a rinn thu, ’ille,” thuirt e, “ach carson a dh’iarr thu dà shaigheid?”

“Nan robh mi air fàilneachadh leis a’ chiad tè,” fhreagair an gille, “agus nan robh mi air mo mhàthair a mharbhadh, bha mi air an dàrna tè a chur annaibh fhèin.” Bha an t-uabhas air an t-sluagh. Ach rinn an rìgh gàire mhòr. Leig e an gille ma sgaoil. Thill Sanndaidh agus a mhàthair don taigh aca. Dh’fhuirich iad ann an sin airson a’ chòrr dhem beatha.

An Litir Bheag 41 An Litir Bheag 41 An Litir Bheag 43 An Litir Bheag 43

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!