FaclairDictionary EnglishGàidhlig

996: The Great Cloth (2) 996: An Clò Mòr (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Clò Mòr (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu sheann alt Gàidhlig le Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne. B’ e an cuspair ‘An Clò Mòr’. Tha an t-ùghdar a’ mìneachadh mar a thathar a’ dèanamh clò. An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil air smeuradh agus rùsgadh nan caorach.

’S e an t-ath cheum nigheadh na clòimhe. A rèir Ruairidh, bhiodh na boireannaich ‘cas-rùisgte a’ bogadh na clòimhe le ’n casan ann an tubaichean mòra ri taobh na h-aibhne’. Bha a’ chlann a’ cluich aig an aon àm. Bha na gillean a’ dèanamh leum-loga anns an abhainn. Sin a’ Ghàidhlig aig Ruairidh airson skimming stones on the water. Leum-loga.

Nuair a bha a’ chlòimh glan, bha i air a tiormachadh. An uair sin, bha i air a cur ann am pocannan anns an t-sabhal. Anns a’ gheamhradh, bha daoine a’ cìreadh agus a’ snìomh na clòimhe.

An uair sin, bha an dathadh ann. Dathadh na clòimhe. The dyeing of the wool. Nuair a bha Ruairidh beò, bha na Gàidheil mu thràth gu ìre mhòr air a dhol gu cleachdadh ‘dathan bùtha’. Bha iad cho ‘goireasach’. Ach tha e ag innse dhuinn gun robh cùisean eadar-dhealaichte anns na ceudan roimhe sin. Bha mòran lusan dùthchasach air an cur gu feum. Fhuair Ruairidh eòlas air cuid dhiubh na òige.

Bha na seann daoine a’ cleachdadh còig lusan airson clòimh a dhathadh dubh. B’ iad sin seileastair, feàrna, grainnseag, preas nan àirneag agus copag. A bheil sibh eòlach air na lusan sin? Seileastair – flag iris; feàrna – alder; grainnseag – bearberry; preas nan àirneag – blackthorn; agus copag – docken. Chan eil Ruairidh ag innse dhuinn dè am pàirt de na lusan a chleachd iad.

Bha dà lus feumail airson clòimh a dhathadh gorm. B’ iad sin an droman ‘elder’ agus braoileagan ‘blaeberries’. Tha e a’ toirt trì ainmean Gàidhlig eile airson blaeberries – dearc an fhraoich, curra-mhiag agus lus nan dearc. Airson curra-mhiag, bidh cuid ag ràdh caora-mhitheag. Chuala mi sin ann an Eilean Leòdhais. Sin, ma-thà, mar a bhiodh iad a’ dathadh dubh agus gorm. Bheir sinn sùil air dathan eile an-ath-sheachdain.

The Great Cloth (2)

English Beurla

I was telling you about an old Gaelic article by Ruairidh Campbell from Minard on the shore of Loch Fyne. The subject was ‘(traditional) tweed’. The author explains how tweed is made. Last week, we looked at the smearing and shearing of the sheep.

The next step is the washing of the wool. According to Ruairidh, the women would be ‘barefoot [and] immersing the wool with their feet in large tubs beside the river’. The children were playing at the same time. The lads were doing leum-loga in the river. That’s Ruairidh’s Gaelic for skimming stones on the water. Leum-loga.

When the wool was clean, it was dried. Then it was put in bags in the barn. In the winter, people were carding and spinning the wool.

Then the dyeing took place. Dathadh na clòimhe. The dyeing of the wool. When Ruairidh was alive, the Gaels had already pretty much gone over to using ‘shop dyes’. They were so ‘convenient’. But he tells us that matters were different in the centuries before that. Many native plants were put to use. Ruairidh obtained knowledge of some of them in his youth.

The old people were using five plants for dyeing wool black. They were seileastair, feàrna, grainnseag, preas nan àirneag and copag. Do you know those plants? Seileastair – flag iris; feàrna – alder; grainnseag – bearberry; preas nan àirneag – blackthorn; and copag – docken. Ruairidh doesn’t tell us what part of the plants they used.

Two plants were useful for dyeing wool (dark) blue. Those were an droman ‘elder’ and braoileagan ‘blaeberries’. He gives three other Gaelic names for blaeberries – dearc an fhraoich, curra-mhiag and lus nan dearc. For curra-mhiag, some people say caora-mhitheag. I [have] heard that on the Isle of Lewis. That, then, is how they would dye black and blue. We’ll look at other colours next week.

An Clò Mòr (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu sheann alt Gàidhlig le Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne. B’ e an cuspair ‘An Clò Mòr’. Tha an t-ùghdar a’ mìneachadh mar a thathar a’ dèanamh clò. An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil air smeuradh agus rùsgadh nan caorach.

’S e an t-ath cheum nigheadh na clòimhe. A rèir Ruairidh, bhiodh na boireannaich ‘cas-rùisgte a’ bogadh na clòimhe le ’n casan ann an tubaichean mòra ri taobh na h-aibhne’. Bha a’ chlann a’ cluich aig an aon àm. Bha na gillean a’ dèanamh leum-loga anns an abhainn. Sin a’ Ghàidhlig aig Ruairidh airson skimming stones on the water. Leum-loga.

Nuair a bha a’ chlòimh glan, bha i air a tiormachadh. An uair sin, bha i air a cur ann am pocannan anns an t-sabhal. Anns a’ gheamhradh, bha daoine a’ cìreadh agus a’ snìomh na clòimhe.

An uair sin, bha an dathadh ann. Dathadh na clòimhe. The dyeing of the wool. Nuair a bha Ruairidh beò, bha na Gàidheil mu thràth gu ìre mhòr air a dhol gu cleachdadh ‘dathan bùtha’. Bha iad cho ‘goireasach’. Ach tha e ag innse dhuinn gun robh cùisean eadar-dhealaichte anns na ceudan roimhe sin. Bha mòran lusan dùthchasach air an cur gu feum. Fhuair Ruairidh eòlas air cuid dhiubh na òige.

Bha na seann daoine a’ cleachdadh còig lusan airson clòimh a dhathadh dubh. B’ iad sin seileastair, feàrna, grainnseag, preas nan àirneag agus copag. A bheil sibh eòlach air na lusan sin? Seileastair – flag iris; feàrna – alder; grainnseag – bearberry; preas nan àirneag – blackthorn; agus copag – docken. Chan eil Ruairidh ag innse dhuinn dè am pàirt de na lusan a chleachd iad.

Bha dà lus feumail airson clòimh a dhathadh gorm. B’ iad sin an droman ‘elder’ agus braoileagan ‘blaeberries’. Tha e a’ toirt trì ainmean Gàidhlig eile airson blaeberries – dearc an fhraoich, curra-mhiag agus lus nan dearc. Airson curra-mhiag, bidh cuid ag ràdh caora-mhitheag. Chuala mi sin ann an Eilean Leòdhais. Sin, ma-thà, mar a bhiodh iad a’ dathadh dubh agus gorm. Bheir sinn sùil air dathan eile an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1300

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile