FaclairDictionary EnglishGàidhlig

939: The Melbost Bard (3) 939: Bàrd Mhealaboist (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrd Mhealaboist (3)

Gaelic Gàidhlig

Bidh sinn a’ fàgail soraidh aig Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, an-diugh. Ach, roimhe sin, bheir sinn sùil air dà òran ainmeil aige. An toiseach – am fear a bha againn an t-seachdain sa chaidh – “Mhòrag, Leat Shiùbhlainn”. ʼS e òran gaoil a tha ann.

Anns an dàrna rann mu dheireadh, tha Murchadh a’ cur nar cuimhne gun robh e beò nuair a bhiodh feadhainn às na h-eileanan a’ sealg nam mucan-mara a-mach à South Georgia:

Dh’fhalbhainn deònach gu ruige Georgia,
ʼS shàthainn sleagh anns na mucan mòra,
ʼS dh’fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn,
Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.

Tha an loidhne mu dheireadh snog, nach eil? Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan. I would appeal for no reward, my love, but your kisses. Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.

Mu dheireadh, tha mi airson sùil bheag a thoirt air an òran as ainmeile aig Murchadh MacPhàrlain. ʼS e sin “Cànan nan Gàidheal”. Bha Murchadh a’ dìon cliù na Gàidhlig gu mòr na bhàrdachd agus na bheatha. Tha an t-òran a’ tòiseachadh mar seo:

Cha b’ e sneachda ʼs an reothadh o thuath,
Cha b’ e ʼn crannadh geur, fuar on ear,
Cha b’ e ʼn t-uisge ʼs an gailleann on iar,
Ach an galar a bhlian on deas
Blàth, duilleach is stoc agus freumh,
Cànan mo thrèibh is mo shluaigh.

Bha am bàrd a’ dèanamh soilleir nach e droch aimsir na Gàidhealtachd a bu choireach ri crìonadh na Gàidhlig, ach ‘an galar on deas’. Bha e a’ ciallachadh cànan is cultar nan Gall.

Bha Murchadh a’ tuigsinn mar a bha an cànan air a dhol sàmhach ann an glinn na Gàidhealtachd, ach gun robh i fhathast aig muinntir nan Eilean Siar. Seo an t-sèist.

Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn’,
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.

ʼS e òran cumhachdach a tha ann. Tha e a’ cur nar cuimhne gum bu chòir dhuinn còraichean ar cànain a sheasamh. Mo bheannachd aig Murchadh MacPhàrlain.

The Melbost Bard (3)

English Beurla

We shall be farewelling Murdo MacFarlane, the Melbost Bard, today. But, before that, we’ll look at two of his famous songs. Firstly – the one we had last week – “Mhòrag, Leat Shiùbhlainn”. It's a love song.

In the second last verse, Murdo reminds us that he was living when some [men] from the islands were hunting the whales out of South Georgia.

I’d willingly leave for [South] Georgia,
And I’d cast a harpoon into the great whales,
And I’d suffer cold and heat and torment,
I wouldn’t appeal for any reward, my love, but your kisses.

The final line is nice, isn’t it? Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan. I would appeal for no reward, my love, but your kisses. Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.

Finally, I want to take a brief look at Murdo MacFarlane’s most famous song. That is “Cànan nan Gàidheal” [the language of the Gaels]. Murdo strongly defends the reputation of Gaelic in his poetry and life. The song starts like this:

It wasn’t the snow and frost from the north;
It wasn’t the sharp, cold, biting wind from the east;
It wasn’t the rain and storms from the west;
But the disease from the south that blighted;
The blossoms, foliage, trunk and roots;
Of the language of my race and my people.

The bard was making clear that it wasn’t the bad weather of the Highlands that caused the decline of Gaelic but ‘the disease from the south’. He was meaning the language and culture of the non-Gaels.

Murdo was understanding how the language had gone quiet in the glens of the Highlands, but that it was still spoken by the people of the Western Isles. Here is the refrain:

Come, join us, come with me to the west
To hear the language of the Fianna,
Come, join us, come with me to the west
To hear the language of the Gaels.

It’s a powerful song. It reminds us that we should stand up for the rights of our language. My blessing on Murdo MacFarlane.

Bàrd Mhealaboist (3)

Gaelic Gàidhlig

Bidh sinn a’ fàgail soraidh aig Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, an-diugh. Ach, roimhe sin, bheir sinn sùil air dà òran ainmeil aige. An toiseach – am fear a bha againn an t-seachdain sa chaidh – “Mhòrag, Leat Shiùbhlainn”. ʼS e òran gaoil a tha ann.

Anns an dàrna rann mu dheireadh, tha Murchadh a’ cur nar cuimhne gun robh e beò nuair a bhiodh feadhainn às na h-eileanan a’ sealg nam mucan-mara a-mach à South Georgia:

Dh’fhalbhainn deònach gu ruige Georgia,
ʼS shàthainn sleagh anns na mucan mòra,
ʼS dh’fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn,
Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.

Tha an loidhne mu dheireadh snog, nach eil? Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan. I would appeal for no reward, my love, but your kisses. Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.

Mu dheireadh, tha mi airson sùil bheag a thoirt air an òran as ainmeile aig Murchadh MacPhàrlain. ʼS e sin “Cànan nan Gàidheal”. Bha Murchadh a’ dìon cliù na Gàidhlig gu mòr na bhàrdachd agus na bheatha. Tha an t-òran a’ tòiseachadh mar seo:

Cha b’ e sneachda ʼs an reothadh o thuath,
Cha b’ e ʼn crannadh geur, fuar on ear,
Cha b’ e ʼn t-uisge ʼs an gailleann on iar,
Ach an galar a bhlian on deas
Blàth, duilleach is stoc agus freumh,
Cànan mo thrèibh is mo shluaigh.

Bha am bàrd a’ dèanamh soilleir nach e droch aimsir na Gàidhealtachd a bu choireach ri crìonadh na Gàidhlig, ach ‘an galar on deas’. Bha e a’ ciallachadh cànan is cultar nan Gall.

Bha Murchadh a’ tuigsinn mar a bha an cànan air a dhol sàmhach ann an glinn na Gàidhealtachd, ach gun robh i fhathast aig muinntir nan Eilean Siar. Seo an t-sèist.

Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn’,
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.

ʼS e òran cumhachdach a tha ann. Tha e a’ cur nar cuimhne gum bu chòir dhuinn còraichean ar cànain a sheasamh. Mo bheannachd aig Murchadh MacPhàrlain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1243

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile