FaclairDictionary EnglishGàidhlig

937: The Melbost Bard (1) 937: Bàrd Mhealaboist (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrd Mhealaboist (1)

Gaelic Gàidhlig

ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh,
ʼS fhada, ʼs fhada, ʼs fhada leam i,
Is chan fhaic ach prèiridh lom mi,
Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi.

Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

Tha na faclan sin bhon òran “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”. Chaidh a sgrìobhadh le Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain. Thàinig leabhar mòr, brèagha a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh. ʼS e an t-ainm a tha air Doras gun Chlàimhean. Tha clàimhean a’ ciallachadh ‘door bolt no latch’. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Catriona Mhoireach. Rinn i obair ionmholta.

Bhuineadh Murchadh do Mhealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh ann an sgìre an Rubha. Rugadh e sa bhliadhna naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901).

Ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924), rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada. Ach, an ceann greis, thill e dhachaigh a Leòdhas. Tha am bàrd a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an òran “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”.

A bheil sibh eòlach air an abairt aig deireadh na sèist? ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. Tha am facal cian a’ ciallachadh ‘fad air falbh’, ann an tìm agus/no ann an astar. Tha an abairt o chian nan cian a’ ciallachadh ‘since time immemorial’.

Tha blas de bhròn air ‘cian’. Chì sinn sin anns an fhacal cianail a tha a’ ciallachadh ‘brònach’. Tha cianalas a’ ciallachadh ‘homesickness’. Bha an cianalas air Murchadh nuair a sgrìobh e an t-òran. Bha am bàrd air a bhith ro fhada air falbh o eilean a bhreith.

Anns a’ chiad rann, tha seo: Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi. Chan fhaic am bàrd, far a bheil e, ach am prèiridh. Tha e fada bhon mhuir. Far a bheil e, cha chluinn e sluaisreadh nan tonn air tràigh.

Anns an ath Litir, bheir sinn sùil a bharrachd air an òran seo agus air beatha Bàrd Mhealaboist.

The Melbost Bard (1)

English Beurla

The winter night is long to me,
Long, long, long to me,
And all I see is the empty prairie,
I can’t hear a wave coming on the shore.

Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
It’s a long long time since I left Lewis.

Those words are from the song “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”. It was written by the Melbost bard, Murdo MacFarlane. A beautiful, big book came out last year about Murdo’s life and legacy. It's called Doras gun Chlàimhean. Clàimhean means a door bolt or latch. The book was compiled by Catriona Murray. She did praiseworthy work.

Murdo belonged to Melbost, a wee village near Stornoway in the area of Point. He was born in 1901.

In 1924, Murdo emigrated to Canada. But, in time, he returned home to Lewis. The bard explains the matter in the song “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”.

Do you know the phrase at the end of the refrain? ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. The word cian means ‘a long way away’ in time and/or in distance. The phrase o chian nan cian means ‘since time immemorial’.

Cian carries a flavour of sadness. We see that in the word cianail which means ‘sad’. Cianalas means ‘homesickness’. Murdo was homesick when he wrote the song. The bard had been too long away from the isle of his birth.

In the first verse, there is this: And I can only see a bare prairie, I can’t hear a wave coming to shore. The bard, where he is, can only see the prairie. He is a long way from the sea. Where he is, he can’t hear the swash of the waves on a beach.

In the next Litir, we’ll look further at this song and at the life of the Melbost bard.

Bàrd Mhealaboist (1)

Gaelic Gàidhlig

ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh,
ʼS fhada, ʼs fhada, ʼs fhada leam i,
Is chan fhaic ach prèiridh lom mi,
Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi.

Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

Tha na faclan sin bhon òran “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”. Chaidh a sgrìobhadh le Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain. Thàinig leabhar mòr, brèagha a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh. ʼS e an t-ainm a tha air Doras gun Chlàimhean. Tha clàimhean a’ ciallachadh ‘door bolt no latch’. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Catriona Mhoireach. Rinn i obair ionmholta.

Bhuineadh Murchadh do Mhealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh ann an sgìre an Rubha. Rugadh e sa bhliadhna naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901).

Ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924), rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada. Ach, an ceann greis, thill e dhachaigh a Leòdhas. Tha am bàrd a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an òran “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”.

A bheil sibh eòlach air an abairt aig deireadh na sèist? ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. Tha am facal cian a’ ciallachadh ‘fad air falbh’, ann an tìm agus/no ann an astar. Tha an abairt o chian nan cian a’ ciallachadh ‘since time immemorial’.

Tha blas de bhròn air ‘cian’. Chì sinn sin anns an fhacal cianail a tha a’ ciallachadh ‘brònach’. Tha cianalas a’ ciallachadh ‘homesickness’. Bha an cianalas air Murchadh nuair a sgrìobh e an t-òran. Bha am bàrd air a bhith ro fhada air falbh o eilean a bhreith.

Anns a’ chiad rann, tha seo: Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi. Chan fhaic am bàrd, far a bheil e, ach am prèiridh. Tha e fada bhon mhuir. Far a bheil e, cha chluinn e sluaisreadh nan tonn air tràigh.

Anns an ath Litir, bheir sinn sùil a bharrachd air an òran seo agus air beatha Bàrd Mhealaboist.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1241

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile