FaclairDictionary EnglishGàidhlig

907: The Shawbost Freebooter (3) 907: Ceatharnach Shiaboist (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ceatharnach Shiaboist (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeul ‘Ceatharnach Shiaboist’. Bha Iseabail agus Peigi Mhoireasdan ri taobh Loch Athabhat Mòr. Chunnaic Iseabail dealan-dè brèagha air duilleag-bhàite bhàn. Le bata-coiseachd, dh’fheuch i ris an lus a tharraing gu tìr. Ach thuit i don uisge a bha dubh agus domhainn. Dh’fhalbh i fodha.

Thòisich Peigi air sgreuchail. Bha Iseabail an impis bàthadh nuair a chuala Peigi fuaim. Thàinig fear seachad oirre agus leum e don uisge.

Shnàmh e fodha agus lorg e Iseabail. Thug e don chladach i. Thuirt Iseabail ris, ‘A mhaighstir, shàbhail sibh mo bheatha. Dè an duais a bheir mi dhuibh?’

‘Ist,’ fhreagair e. ‘ʼS e mo dhuais gun do shàbhail mi beatha cuideigin.’

‘Tha mo dhachaigh ann am Bràgar,’ ars Iseabail. Bha i a’ faighinn an duine air leth tarraingeach. ‘Is mise nighean ceann-cinnidh nam Moireasdanach. Thigibh dhachaigh cuide rium. Bidh m’ athair toilichte coinneachadh ribh.’

Dhiùlt an coigreach a dhol ann. Choisich e pàirt dhen rathad còmhla ris an dithis eile. An uair sin stad e. Thuirt e gu feumadh e falbh. Fhad ʼs a bha iad an sin, thàinig fitheach faisg orra. Bha sin na chomharra de dhroch naidheachd. Bàs eadhon.

Nuair a ràinig i an taigh aice, dh’inns Iseabail mar a thachair dhi. Bha fios aig a bràthair, Alasdair, gur e an ceatharnach às a’ Bheinn Mhòir a shàbhail i. Ach cha tuirt e guth.

Mun àm sin, bha cuid anns a’ choimhearsnachd a’ gearan mu chall bìdh. Bha mèirleach a’ briseadh a-steach do na taighean aca air an oidhche. Bha e a’ goid biadh. Bha daoine dhen bheachd gun robh am mèirleach a’ fuireach air a’ Bheinn Mhòir. Chaidh Alasdair a chur os cionn feachd. B’ e an t-amas aca an duine a lorg.

Chaidh am feachd seachad air a’ bheinn. Shreap iad don mhullach bhon taobh dheas. Faisg air a’ mhullach, thuit Alasdair a dh’aona-ghnothach. Rinn a chlaidheamh fuaim nuair a bhuail e ann an creag. Bha sin mar rabhadh don fhear a shàbhail a phiuthar. Agus chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

The Shawbost Freebooter (3)

English Beurla

I’m continuing with the story ‘The Shawbost Freebooter’. Ishbel and Peggy Morrison were beside Loch Athabhat Mòr. Ishbel saw a beautiful butterfly on a water-lily. With a walking stick, she tried to pull the plant to shore. But she fell into the water that was dark and deep. She disappeared below [the water].

Peggy started to scream. Ishbel was on the point of drowning when Peggy heard a sound. A man came past her and jumped into the water.

He swam under the water and found Ishbel. He took her to shore. Ishbel said to him, ‘Sir, you saved my life. What reward shall I give you?’

‘It was nothing,’ he replied. ‘My reward is that I saved somebody’s life.’

‘My home is in Bragar,’ said Ishbel. She was finding the man extremely attractive. ‘I am the daughter of the clan chief of the Morrisons. Come home with me. My father will be pleased to meet you.’

The stranger refused to go. He walked part of the way with the other two. Then he stopped. He said he had to leave. While they were there, a raven came close to them. That was a sign of bad news. Death, even.

When she reached her house, Ishbel reported what had happened to her. Her brother, Alasdair, knew that it was the freebooter from Beinn Mhòr that had saved her. But he said nothing.

About that time, some in the community were complaining about the loss of food. A thief was breaking into their houses at night. He was stealing food. People reckoned that the thief was living on Beinn Mhòr. Alasdair was put in charge of a [military] force. Their aim was to find the man.

The force went past the mountain. They climbed to the summit from the south. Near the summit, Alasdair fell deliberately. His sword made a noise when it hit a rock. That was a warning to the man who had saved his sister. And we’ll see what happened next week.

Ceatharnach Shiaboist (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeul ‘Ceatharnach Shiaboist’. Bha Iseabail agus Peigi Mhoireasdan ri taobh Loch Athabhat Mòr. Chunnaic Iseabail dealan-dè brèagha air duilleag-bhàite bhàn. Le bata-coiseachd, dh’fheuch i ris an lus a tharraing gu tìr. Ach thuit i don uisge a bha dubh agus domhainn. Dh’fhalbh i fodha.

Thòisich Peigi air sgreuchail. Bha Iseabail an impis bàthadh nuair a chuala Peigi fuaim. Thàinig fear seachad oirre agus leum e don uisge.

Shnàmh e fodha agus lorg e Iseabail. Thug e don chladach i. Thuirt Iseabail ris, ‘A mhaighstir, shàbhail sibh mo bheatha. Dè an duais a bheir mi dhuibh?’

‘Ist,’ fhreagair e. ‘ʼS e mo dhuais gun do shàbhail mi beatha cuideigin.’

‘Tha mo dhachaigh ann am Bràgar,’ ars Iseabail. Bha i a’ faighinn an duine air leth tarraingeach. ‘Is mise nighean ceann-cinnidh nam Moireasdanach. Thigibh dhachaigh cuide rium. Bidh m’ athair toilichte coinneachadh ribh.’

Dhiùlt an coigreach a dhol ann. Choisich e pàirt dhen rathad còmhla ris an dithis eile. An uair sin stad e. Thuirt e gu feumadh e falbh. Fhad ʼs a bha iad an sin, thàinig fitheach faisg orra. Bha sin na chomharra de dhroch naidheachd. Bàs eadhon.

Nuair a ràinig i an taigh aice, dh’inns Iseabail mar a thachair dhi. Bha fios aig a bràthair, Alasdair, gur e an ceatharnach às a’ Bheinn Mhòir a shàbhail i. Ach cha tuirt e guth.

Mun àm sin, bha cuid anns a’ choimhearsnachd a’ gearan mu chall bìdh. Bha mèirleach a’ briseadh a-steach do na taighean aca air an oidhche. Bha e a’ goid biadh. Bha daoine dhen bheachd gun robh am mèirleach a’ fuireach air a’ Bheinn Mhòir. Chaidh Alasdair a chur os cionn feachd. B’ e an t-amas aca an duine a lorg.

Chaidh am feachd seachad air a’ bheinn. Shreap iad don mhullach bhon taobh dheas. Faisg air a’ mhullach, thuit Alasdair a dh’aona-ghnothach. Rinn a chlaidheamh fuaim nuair a bhuail e ann an creag. Bha sin mar rabhadh don fhear a shàbhail a phiuthar. Agus chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1211

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile