LearnGaelic.scot uses cookies. By continuing to use this site we assume you consent to this. You can read about exactly what cookies we use, and why we set them, on our cookies page. This banner will not appear again, but you may read our cookie policy at any time by following the link at the bottom of all our pages.
Dictionary Gàidhlig

906: The Shawbost Freebooter (2)

B1 - Intermediate - The Little Letter

A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

Ceatharnach Shiaboist (2)

Gaelic

Tha mi ag aithris an sgeòil ‘Ceatharnach Shiaboist’. Chaidh a’ bhò dhubh aig Ruairidh Dearg a dhìth. Chaidh Alasdair Moireasdan agus Ùisdean MacAmhlaigh a choimhead ann am bothan a’ cheatharnaich air mullach na Beinne Mòire. Air cliathaich na beinne, lorg iad fianais gun robh a’ bhò dhubh air a marbhadh an sin. Bha i air a tarraing suas am bruthach.

Tha an sgeulaiche, Tormod an t-Seòladair, ag innse dhuinn beagan mun cheatharnach. Bha e mòr agus làidir. Bha e mu chòig air fhichead bliadhna a dh’aois, bha falt dubh air agus bha e eireachdail.

Mu sheachdain an dèidh call na bà, bha an ceatharnach na shuidhe anns a’ bhothan air an oidhche. Thàinig fitheach. Mar as trice, bidh sin a’ comharrachadh cunnart no eadhon bàs. Ach cha do chuir e dragh air a’ cheatharnach. Dh’èirich e, thog e a chlaidheamh agus chaidh e sìos le cliathaich na beinne.

Nuair a dh’èirich a’ ghrian, bha an duine ri taobh Loch Athabhat Mòr. Bha e ann an àite còmhnard. Bha na banaraich a’ tighinn bho na bailtean a bhleoghainn nam bò.

Chaidh an duine am falach gus an tigeadh an oidhche. Lorg e bac àrd. Bha fraoch fada air a’ mhullach. Chaidh e am falach fon fhraoch. Chaidh e na chadal.

Thàinig dithis bhoireannach òga don loch. ʼS e latha brèagha samhraidh a bha ann. Bha na boireannaich mu naoi bliadhn’ deug a dh’aois. B’ i tè dhiubh Iseabail Mhoireasdan, an nighean a bu shine aig ceann-cinnidh nam Moireasdanach. Còmhla rithe bha a co-ogha, Peigi Mhoireasdan.

Ràinig iad cladach an locha. Bha an talamh bog. Ach bha bac àrd ann, le fraoch a’ fàs air a’ mhullach. Anns an loch, bha an duilleag-bhàite bhàn a’ fàs. ‘Seall, a Pheigi,’ thuirt Iseabail. ‘Tha mi a’ dol a spìonadh cuid de na flùraichean seo.’

‘Thoir an aire,’ arsa Peigi. ‘Tha an t-uisge domhainn. Tha grunnd an locha bog. Ma thuiteas tu a-steach, bidh thu air do bhàthadh.’

Thàinig dealan-dè mòr. Stad e air an duilleig-bhàite a b’ fhaisge air Iseabail. Agus chì sinn dè thachair an uair sin anns an ath Litir.

The Shawbost Freebooter (2)

English

I’m telling the story ‘The Shawbost Freebooter’. Ruairidh Dearg’s black cow went missing. Alasdair Morrison and Hugh MacAulay went to look in the freebooter’s bothy on the summit of Beinn Mhòr. On the side of the mountain, they found evidence that the black cow was killed there. It was dragged up the slope.

The storyteller, Norman Morrison, tells us a little about the freebooter. He was big and strong. He was about twenty five years old, he had black hair and he was handsome.

About a week after the loss of the cow, the freebooter was sitting in the bothy at night. A raven came. Usually, that is a marker of danger or death. But it didn’t upset the freebooter. He arose, picked up his sword and descended the mountain.

When the sun rose, the man was beside Loch Athabhat Mòr. It was in a flat place. The milkmaids were coming from the villages to milk the cows.

The man hid until the night came. He found a high bank. There was long heather on the summit. He went to hide under the heather. He went to sleep.

Two young women came to the loch. It was a beautiful summer’s day. The women were about nineteen years old. One of them was Ishbel Morrison, the eldest daughter of the clan chief of the Morrisons. Along with her was her cousin, Peggy Morrison.

They reached the loch’s shore. The ground was soft. But there was a high bank, with heather growing on the top. In the loch, the white-flowered water lily was growing. ‘Look, Peggy,’ said Ishbel. ‘I’m going to pick some of these flowers.’

‘Be careful,’ said Peggy. ‘The water is deep. The bottom of the loch is soft. If you fall in, you’ll be drowned.’

A large butterfly came. It stopped on the water lily closest to Ishbel. And we’ll see what happened then in the next Litir.

Ceatharnach Shiaboist (2)

Gaelic

Tha mi ag aithris an sgeòil ‘Ceatharnach Shiaboist’. Chaidh a’ bhò dhubh aig Ruairidh Dearg a dhìth. Chaidh Alasdair Moireasdan agus Ùisdean MacAmhlaigh a choimhead ann am bothan a’ cheatharnaich air mullach na Beinne Mòire. Air cliathaich na beinne, lorg iad fianais gun robh a’ bhò dhubh air a marbhadh an sin. Bha i air a tarraing suas am bruthach.

Tha an sgeulaiche, Tormod an t-Seòladair, ag innse dhuinn beagan mun cheatharnach. Bha e mòr agus làidir. Bha e mu chòig air fhichead bliadhna a dh’aois, bha falt dubh air agus bha e eireachdail.

Mu sheachdain an dèidh call na bà, bha an ceatharnach na shuidhe anns a’ bhothan air an oidhche. Thàinig fitheach. Mar as trice, bidh sin a’ comharrachadh cunnart no eadhon bàs. Ach cha do chuir e dragh air a’ cheatharnach. Dh’èirich e, thog e a chlaidheamh agus chaidh e sìos le cliathaich na beinne.

Nuair a dh’èirich a’ ghrian, bha an duine ri taobh Loch Athabhat Mòr. Bha e ann an àite còmhnard. Bha na banaraich a’ tighinn bho na bailtean a bhleoghainn nam bò.

Chaidh an duine am falach gus an tigeadh an oidhche. Lorg e bac àrd. Bha fraoch fada air a’ mhullach. Chaidh e am falach fon fhraoch. Chaidh e na chadal.

Thàinig dithis bhoireannach òga don loch. ʼS e latha brèagha samhraidh a bha ann. Bha na boireannaich mu naoi bliadhn’ deug a dh’aois. B’ i tè dhiubh Iseabail Mhoireasdan, an nighean a bu shine aig ceann-cinnidh nam Moireasdanach. Còmhla rithe bha a co-ogha, Peigi Mhoireasdan.

Ràinig iad cladach an locha. Bha an talamh bog. Ach bha bac àrd ann, le fraoch a’ fàs air a’ mhullach. Anns an loch, bha an duilleag-bhàite bhàn a’ fàs. ‘Seall, a Pheigi,’ thuirt Iseabail. ‘Tha mi a’ dol a spìonadh cuid de na flùraichean seo.’

‘Thoir an aire,’ arsa Peigi. ‘Tha an t-uisge domhainn. Tha grunnd an locha bog. Ma thuiteas tu a-steach, bidh thu air do bhàthadh.’

Thàinig dealan-dè mòr. Stad e air an duilleig-bhàite a b’ fhaisge air Iseabail. Agus chì sinn dè thachair an uair sin anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Adobe Acrobat Reader.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Litir do Luchd-ionnsachaidh 1210

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe.

Other letters

The Stone of Scone (3)

The Raasay Monster (1)

The loss of the Flannan Isles (1)

Gormshuil of Moy (1)

Dugald Buchanan in Rannoch (1)