FaclairDictionary EnglishGàidhlig

902: Tanning without Bark 902: Cartadh gun Rùsg

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cartadh gun Rùsg

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ toirt sùil air an leabhar ainmeil – A Journey to the Western Islands of Scotland. B’ e an t-ùghdar an t-Oll. Somhairle MacIain, no Samuel Johnson. Tha e mu dheidhinn turas a ghabh e fhèin agus Seumas Boswell air a’ Ghàidhealtachd. Bha sin ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773).

ʼS e fear de na lusan beaga as fheàrr leam fear air a bheil ‘cairt-làir’. Tha flùraichean beaga buidhe air. Tha cairt-làir a’ ciallachadh ‘rùsg a tha a’ fàs air an talamh’. Ann am Beurla, canaidh daoine tormentil ris.

Carson as e ‘cairt-làir’ a tha air? Uill, anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ cleachdadh cairt craoibhe – no rùsg craoibhe, gu h-àraidh rùsg-daraich – airson leathar agus lìn a chartadh. To tan leather and nets. Airson leathar agus lìn a chartadh. Tuigidh sibh gu bheil cartadh a’ ciallachadh tanning. Ge-tà, far an robh craobhan-daraich gann, bha daoine a’ cleachdadh freumhaichean na cairt-làir.

Anns an leabhar aig Somhairle MacIain, rinn e iomradh air sin. Sgrìobh e gun robh daoine air a’ Ghàidhealtachd a’ cartadh leathair le rùsg-daraich agus cuideachd le bèilleag. ʼS e sin rùsg na craoibhe-beithe. Ach bha iad cuideachd a’ cleachdadh freumhaichean na cairt-làir.

Sgrìobh MacIain gun robh freumhaichean na cairt-làir air am moladh do luchd-cartaidh na h-Èireann le duine a fhuair duais air a shon. Thàinig an duais bho Phàrlamaid na h-Èireann. A bheil sin a’ ciallachadh gur e rud ùr a bha ann aig an àm sin ann an Alba cuideachd? Chan eil fhios a’m.

Co-dhiù, tràth anns an ochdamh linn deug, bha craobhan-daraich a’ fàs gann ann an Èirinn. Rinn Uilleam Maple rannsachadh air cartadh. Dh’fhoillsich e leabhran mun ghnothach ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a naoi (1829). Fhuair e dà cheud not bhon Phàrlamaid airson a chuid obrach. ʼS e an tiotal a tha air an leabhran ‘A Method of Tanning without Bark’.

Saoilidh mi gur e fear na Beurla a bh’ ann am Maple. Ach, anns a’ chunntas aige, tha e a’ toirt dhuinn còig diofar ainmean air a’ chairt-làir ann an Gàidhlig na h-Èireann. Rinn e obair mhath.

Tanning without Bark

English Beurla

I was looking at the famous book – ‘A Journey to the Western Islands of Scotland’. The author was Dr Samuel Johnson. It concerns a journey that he and James Boswell took in the Highlands. That was in 1773.

One of the wee plants I like best is one called ‘cairt-làir’. It has small yellow flowers. Cairt-làir means ‘bark that grows on the ground. In English, people call it ‘tormentil’.

Why is it called ‘ground-bark’? Well, in the old days, people would use tree bark – or tree bark, particularly oak bark – to tan leather and nets. To tan leather and nets. To tan leather and nets. You’ll understand that cartadh means ‘tanning’. However, where oak trees were scarce people were using tormentil roots.

In Samuel Johnson’s book, he mentioned that. He wrote that people in the Highlands were tanning leather with oak bark and also with bèilleag. That’s the bark of the birch tree. But they were also using tormentil roots.

Johnson wrote that tormentil roots had been recommended to the tanners of Ireland by a man who received an award for it. The award came from the Irish Parliament. Does that mean that it was a new thing at that time in Scotland also? I don’t know.

Anyway, early in the 18th century, oak trees were becoming scarce in Ireland. William Maple researched tanning. He published a booklet about the matter in 1829. He received two hundred pounds from the Parliament for his work. The booklet is entitled ‘A Method of Tanning without Bark’.

I reckon Maple was an English-speaker. But, in his account, he gives us five different names for tormentil in Irish Gaelic. He did good work.

Cartadh gun Rùsg

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ toirt sùil air an leabhar ainmeil – A Journey to the Western Islands of Scotland. B’ e an t-ùghdar an t-Oll. Somhairle MacIain, no Samuel Johnson. Tha e mu dheidhinn turas a ghabh e fhèin agus Seumas Boswell air a’ Ghàidhealtachd. Bha sin ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773).

ʼS e fear de na lusan beaga as fheàrr leam fear air a bheil ‘cairt-làir’. Tha flùraichean beaga buidhe air. Tha cairt-làir a’ ciallachadh ‘rùsg a tha a’ fàs air an talamh’. Ann am Beurla, canaidh daoine tormentil ris.

Carson as e ‘cairt-làir’ a tha air? Uill, anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ cleachdadh cairt craoibhe – no rùsg craoibhe, gu h-àraidh rùsg-daraich – airson leathar agus lìn a chartadh. To tan leather and nets. Airson leathar agus lìn a chartadh. Tuigidh sibh gu bheil cartadh a’ ciallachadh tanning. Ge-tà, far an robh craobhan-daraich gann, bha daoine a’ cleachdadh freumhaichean na cairt-làir.

Anns an leabhar aig Somhairle MacIain, rinn e iomradh air sin. Sgrìobh e gun robh daoine air a’ Ghàidhealtachd a’ cartadh leathair le rùsg-daraich agus cuideachd le bèilleag. ʼS e sin rùsg na craoibhe-beithe. Ach bha iad cuideachd a’ cleachdadh freumhaichean na cairt-làir.

Sgrìobh MacIain gun robh freumhaichean na cairt-làir air am moladh do luchd-cartaidh na h-Èireann le duine a fhuair duais air a shon. Thàinig an duais bho Phàrlamaid na h-Èireann. A bheil sin a’ ciallachadh gur e rud ùr a bha ann aig an àm sin ann an Alba cuideachd? Chan eil fhios a’m.

Co-dhiù, tràth anns an ochdamh linn deug, bha craobhan-daraich a’ fàs gann ann an Èirinn. Rinn Uilleam Maple rannsachadh air cartadh. Dh’fhoillsich e leabhran mun ghnothach ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a naoi (1829). Fhuair e dà cheud not bhon Phàrlamaid airson a chuid obrach. ʼS e an tiotal a tha air an leabhran ‘A Method of Tanning without Bark’.

Saoilidh mi gur e fear na Beurla a bh’ ann am Maple. Ach, anns a’ chunntas aige, tha e a’ toirt dhuinn còig diofar ainmean air a’ chairt-làir ann an Gàidhlig na h-Èireann. Rinn e obair mhath.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1206

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile