FaclairDictionary EnglishGàidhlig

884: Birds of Bad Weather 884: Eòin na Droch Shìde

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eòin na Droch Shìde

Gaelic Gàidhlig

Ciamar a bhiodh ar sinnsearan a’ dèanamh ro-shealladh air an aimsir? Gu tric, a rèir beul-aithris, bhiodh iad a’ coimhead air na h-eòin. Mar eisimpleir, ann an sgìre Gheàrrloch, bhiodh daoine ag ràdh Nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’. ʼS e Breac an t-Sìl eun beag dubh-is-geal – le earball fada. Pied wagtail ann am Beurla. Saoil am bi e a’ tighinn nas dlùithe ri taighean nuair a tha an t-uisge gu bhith ann?

Tha am Breacan-baintighearna càirdeach do bhreac an t-sìl. Tha e a’ giùlan an ainm grey wagtail ann am Beurla. Nam biodh e ri fhaicinn faisg air doras an taighe bhiodh droch shìde a’ tighinn. Bhiodh a’ Bhrù-gheal no wheatear cuideachd ag innse do dhaoine gun robh droch shìde anns an amharc. Bha sin nuair a chunnaic daoine e, mar chiad shealladh san latha, na sheasamh air clach.

Chlàr an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd (1660-1709), beul-aithris aig Gàidheil na h-Alba anns an t-seachdamh linn deug. Dhèanadh iad coimeas, anns a’ mhadainn, eadar dà eun mhòr dhubh. Sin am fitheach agus an fheannag. Nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig, bhiodh deagh latha ann. Nam biodh an fheannag a’ gairm an toiseach, bhiodh droch shìde ann.

Bha ar sinnsearan dhen bheachd gun innseadh a’ Chomhachag no barn owl nuair a bhiodh uisge mòr a’ tighinn. Chanadh iad Tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn. Agus tha daoine dhen bheachd, ma chluinneas iad Lon-dubh a’ seinn gu h-àrd agus gu snasail, gum bi an t-uisge ann.

Bidh seinn a’ Bhrù-dheirg, no robin, ag innse dhuinn co-dhiù ʼs e deagh aimsir no droch aimsir a tha romhainn. Nuair a bhios brù-dearg na shuidhe ann am preas no callaid, agus e a’ gairm le guth beag, bidh droch shìde ann. Ach air feasgar samhraidh, eadhon ged a bhios e sgòthach, bidh seinn sunndach an eòin ag innse dhuinn gum bi deagh latha ann air an làrna-mhàireach.

Agus dè mu dheidhinn fear de na h-eòin as fheàrr leam – an Uiseag? Ma sheinneas uiseag air latha fliuch, chan fhada gus am bi turadh ann.

Birds of Bad Weather

English Beurla

How would our ancestors forecast the weather? Often, according to oral tradition, they would look at the birds. For example, in the Gairloch area, people would be saying ‘when you see the pied wagtail, you’ll see the rain. Breac an t-Sìl is a small black and white bird – with a long tail. Pied wagtail in English. I wonder if it comes closer to houses when it’s going to rain?

The Breacan-baintighearna is related to the pied wagtail. It carries the name ‘grey wagtail’ in English. If it were seen near the house door, bad weather would be coming. The wheatear also told people that bad weather was in prospect. That was when people saw it, as the first view of the day, standing on a stone.

The Welsh scholar, Edward Lhuyd (1660-1709), recorded oral tradition of Scotland’s Gaels in the 17th century. They would compare, in the morning, two large black birds. That’s the raven and the hoodie crow. If the raven called before the crow, it would be a good day. If the crow called first, there would be bad weather.

Our ancestors reckoned that the barn owl would foretell heavy rain. They would say ‘the barn owl is calling sadly, floods are coming’. And people think, if they hear a blackbird calling loudly and sweetly, that it will rain.

The singing of the robin tells us if there is good weather or bad weather in prospect. When a robin is sitting in a bush or hedge, calling quietly, there will be bad weather. But on a summer’s evening, even when it is cloudy, the bird’s happy chirping tells us that there will be a good day the next day.

And what about one of the birds I like best – the skylark? If a lark sings on a wet day, it won’t be long until the weather is dry.

Eòin na Droch Shìde

Gaelic Gàidhlig

Ciamar a bhiodh ar sinnsearan a’ dèanamh ro-shealladh air an aimsir? Gu tric, a rèir beul-aithris, bhiodh iad a’ coimhead air na h-eòin. Mar eisimpleir, ann an sgìre Gheàrrloch, bhiodh daoine ag ràdh Nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’. ʼS e Breac an t-Sìl eun beag dubh-is-geal – le earball fada. Pied wagtail ann am Beurla. Saoil am bi e a’ tighinn nas dlùithe ri taighean nuair a tha an t-uisge gu bhith ann?

Tha am Breacan-baintighearna càirdeach do bhreac an t-sìl. Tha e a’ giùlan an ainm grey wagtail ann am Beurla. Nam biodh e ri fhaicinn faisg air doras an taighe bhiodh droch shìde a’ tighinn. Bhiodh a’ Bhrù-gheal no wheatear cuideachd ag innse do dhaoine gun robh droch shìde anns an amharc. Bha sin nuair a chunnaic daoine e, mar chiad shealladh san latha, na sheasamh air clach.

Chlàr an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd (1660-1709), beul-aithris aig Gàidheil na h-Alba anns an t-seachdamh linn deug. Dhèanadh iad coimeas, anns a’ mhadainn, eadar dà eun mhòr dhubh. Sin am fitheach agus an fheannag. Nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig, bhiodh deagh latha ann. Nam biodh an fheannag a’ gairm an toiseach, bhiodh droch shìde ann.

Bha ar sinnsearan dhen bheachd gun innseadh a’ Chomhachag no barn owl nuair a bhiodh uisge mòr a’ tighinn. Chanadh iad Tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn. Agus tha daoine dhen bheachd, ma chluinneas iad Lon-dubh a’ seinn gu h-àrd agus gu snasail, gum bi an t-uisge ann.

Bidh seinn a’ Bhrù-dheirg, no robin, ag innse dhuinn co-dhiù ʼs e deagh aimsir no droch aimsir a tha romhainn. Nuair a bhios brù-dearg na shuidhe ann am preas no callaid, agus e a’ gairm le guth beag, bidh droch shìde ann. Ach air feasgar samhraidh, eadhon ged a bhios e sgòthach, bidh seinn sunndach an eòin ag innse dhuinn gum bi deagh latha ann air an làrna-mhàireach.

Agus dè mu dheidhinn fear de na h-eòin as fheàrr leam – an Uiseag? Ma sheinneas uiseag air latha fliuch, chan fhada gus am bi turadh ann.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1188

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile