ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

842: Harvesting the Cockles 842: Buain nan Coilleag

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Buain nan Coilleag

Gaelic Gàidhlig

O chionn bliadhna no dhà, airson mo cho-latha-breith, fhuair mi prèasant car annasach. Cheannaich mo bhean ràcan dhomh.

Chan e ràcan àbhaisteach a bha ann. Cha bhi mi ga chur gu feum airson gàirneilearachd. Tha e spaideil le fiaclan mòra, gleansach air.

ʼS e ràcan-choilleag a tha ann. Tha mi measail air coilleagan mar bhiadh. ʼS e maorach a tha anns a’ choilleig. Tha i a’ fuireach air tràighean-gainmhich. Ann an cuid de na h-eileanan, canaidh daoine srùbain riutha. Ann am Beurla, bidh sibh eòlach orra mar cockles.

Ma tha sibh eòlach air an tràigh, bidh fios agaibh gun lorg sibh coilleagan fon ghainmhich aig muir-tràigh. Eu-coltach ri muirsgianan, cha bhi coilleagan a’ falbh gu doimhneachd mhòr. Cha leig sibh a leas spaid a thoirt leibh airson coilleagan a bhuain. Nì ràcan a’ chùis.

Mholainn nach toir sibh sligean beaga leibh. Cuiribh an fheadhainn bheaga air ais. Cuiribh gainmheach thairis orra a-rithist. Bu chòir do thràigh-choilleag a bhith buan-mhaireannach.

Ciamar a bhios sibh a’ dèiligeadh ris na coilleagan aig an taigh? Ma tha sibh a’ fuireach ri taobh a’ chladaich, tha e furasta gu leòr. Ach ma tha sibh a’ fuireach pìos air falbh bhon chladach, thoiribh sàl leibh ann am botail. Carson? Uill, bu chòir dhuibh na coilleagan a chur ann an sàl glan, agus an t-uisge atharrachadh, feuch a’ ghainmheach a thoirt asta. Dèanaibh sin dà thuras. Tha iad deiseil an uair sin airson còcaireachd.

Ma tha sibh air a dhol a Bharraigh ann an itealan, bidh fios agaibh gum bithear a’ laighe air tràigh-choilleag – no tràigh-shrùban – ris an canar An Tràigh Mhòr. Bidh feadhainn fhathast a’ buain shrùban air an Tràigh Mhòir.

Nise, beagan comhairle dhuibh ma bhios sibh ri buain nan srùban no nan coilleag. Nuair a thig a’ ghaoth bhon àird a tuath, bidh agaibh ri ràcadh nas doimhne. Thàinig a’ chomhairle sin bho Mhàrtainn MacIlleMhàrtainn o chionn trì cheud bliadhna.

Agus cuimhnichibh nach eil maorach sàbhailte ʼson ithe as t-samhradh. Fanaibh chun an fhoghair mus buain sibh coilleagan. Ach, ma tha ceann-bliadhna gu bhith agaibh anns an eadar-àm, cuimhnichibh gum biodh ràcan na dheagh phrèasant!

Harvesting the Cockles

English Beurla

A year or two ago, for my birthday, I received a rather unusual present. My wife bought me a rake.

It was not a normal rake. I don’t use it for gardening. It’s elegant, with large shiny teeth on it.

It’s a cockle-rake. I like cockles as food. The cockle is a shellfish. It lives on sandy beaches. In some of the islands, people call them srùbain. In English, you’ll know them as ‘cockles’.

If you know beaches [the beach], you’ll know that you find cockles under the sand at low tide. Unlike razorfish, cockles don’t go to a great depth [in the sand]. You don’t need to take a spade with you in order to harvest cockles. A rake will do the job.

I would recommend that you don’t take small shells with you. Put the small ones back. Put sand over them again. A cockle strand should be sustainable (everlasting).

How do you deal with the cockles at home? If you stay near the shore, it’s easy enough. But if you live a distance from the shore, take seawater with you in bottles. Why? Well, you should put the cockles in clean seawater, in order to remove the sand from them. Do that twice. They are ready then for cooking.

If you have been to Barra in a plane, you will know that they lie on a cockle-strand – or cockle-strand (Barra name) – called ‘the great strand’. Some people still harvest cockles on the great strand.

Now, a bit of advice if you are harvesting cockles. When the wind comes from the north, you will need to rake more deeply. That advice came from Martin Martin three hundred years ago.

And remember that shellfish are not safe to eat in summer. Wait until autumn before you harvest cockles. But, if you have a birthday in the interim, remember that a rake would be a good present!

Buain nan Coilleag

Gaelic Gàidhlig

O chionn bliadhna no dhà, airson mo cho-latha-breith, fhuair mi prèasant car annasach. Cheannaich mo bhean ràcan dhomh.

Chan e ràcan àbhaisteach a bha ann. Cha bhi mi ga chur gu feum airson gàirneilearachd. Tha e spaideil le fiaclan mòra, gleansach air.

ʼS e ràcan-choilleag a tha ann. Tha mi measail air coilleagan mar bhiadh. ʼS e maorach a tha anns a’ choilleig. Tha i a’ fuireach air tràighean-gainmhich. Ann an cuid de na h-eileanan, canaidh daoine srùbain riutha. Ann am Beurla, bidh sibh eòlach orra mar cockles.

Ma tha sibh eòlach air an tràigh, bidh fios agaibh gun lorg sibh coilleagan fon ghainmhich aig muir-tràigh. Eu-coltach ri muirsgianan, cha bhi coilleagan a’ falbh gu doimhneachd mhòr. Cha leig sibh a leas spaid a thoirt leibh airson coilleagan a bhuain. Nì ràcan a’ chùis.

Mholainn nach toir sibh sligean beaga leibh. Cuiribh an fheadhainn bheaga air ais. Cuiribh gainmheach thairis orra a-rithist. Bu chòir do thràigh-choilleag a bhith buan-mhaireannach.

Ciamar a bhios sibh a’ dèiligeadh ris na coilleagan aig an taigh? Ma tha sibh a’ fuireach ri taobh a’ chladaich, tha e furasta gu leòr. Ach ma tha sibh a’ fuireach pìos air falbh bhon chladach, thoiribh sàl leibh ann am botail. Carson? Uill, bu chòir dhuibh na coilleagan a chur ann an sàl glan, agus an t-uisge atharrachadh, feuch a’ ghainmheach a thoirt asta. Dèanaibh sin dà thuras. Tha iad deiseil an uair sin airson còcaireachd.

Ma tha sibh air a dhol a Bharraigh ann an itealan, bidh fios agaibh gum bithear a’ laighe air tràigh-choilleag – no tràigh-shrùban – ris an canar An Tràigh Mhòr. Bidh feadhainn fhathast a’ buain shrùban air an Tràigh Mhòir.

Nise, beagan comhairle dhuibh ma bhios sibh ri buain nan srùban no nan coilleag. Nuair a thig a’ ghaoth bhon àird a tuath, bidh agaibh ri ràcadh nas doimhne. Thàinig a’ chomhairle sin bho Mhàrtainn MacIlleMhàrtainn o chionn trì cheud bliadhna.

Agus cuimhnichibh nach eil maorach sàbhailte ʼson ithe as t-samhradh. Fanaibh chun an fhoghair mus buain sibh coilleagan. Ach, ma tha ceann-bliadhna gu bhith agaibh anns an eadar-àm, cuimhnichibh gum biodh ràcan na dheagh phrèasant!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1146

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile